Bha Roddy a-mach air na Rodaideandranan

Fhuair mi cothrom eile a bhith bruidhinn Gàidhlig air an t-sràid mhòir an diugh, air mo rathaid dhachaigh bhon bhùth na pàipeirean thachair mi air Roddy. O cionn mòran bhliadhna bha Roddy a’ ruith an roinn coilltearachd aig Caisteal Chaladair agus ‘s e neach ionnsachaidh eile a th’ann. Abair deagh Ghàidhlig aige cuideachd.
Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ Chaisteal ‘s na gàrraidhean ‘s gu h-àraidh an t-àite ris an canar ‘Auchandoune’. Chan eil e fada bhon a’ chaisteal, ‘s chì thu e mu trì mile gu taobh a tuath den chaisteal fhèin. Tha garadh eile aig Auchandoune ‘s mòran rodaideandranan sònraichte an luib; rodaideandranan a bhuineas bhon Tsampo Gorge ann an Bhutan. Uill leis an teas a bh’ againn aig toiseach as t-earrach seo chaidh iad gu làn bhlàth gu math luath ‘s chaidh na sìthein a milleadh leis an reothadh a thàinig gu fadalach orra ‘s mòran lusan eile.
Thuirt mise gum faca mi an aon rud nuair a bha mi ag obair san àite o chionn còig bliadhnaichean ‘s bha mi làidir den bheachd gur e blàthachadh cruinne às coireach.
‘S’ dòcha,’ thuirt Roddy. ‘Ach nuair a bha mi òg, aon bliadhna chaidh a h-uile càil a reothadh gu trom san Òg-mhios ‘s bha fiù ‘s na h-iubhairan gan dubhadh leis.’

Sin an là as fhaide seachad. Bha e gu math sònraichte a-nochd ‘s chaidh mi dhachaigh làn den bheachd gu bheil an aimsir as fheàrr tha fhathast ri fhaicinn am bliadhna seo ach dè seòrsa am ri teachd a tha againn uile? Thoisich mi a smaoineachadh air adhart dhan ath mhios nuair a bhios na caismeachdan ‘s a h-uile càil eile ann an Dun Èideann. Ciamar a chuireas sinn crìoch gu bochdainn ma chuimeas sinn sìos an rathaid a tha romhainn an diugh. Tha sinn a’ dèanamh sgrios mhòir air an t-saoghal ‘s bidh bochdainn gu leòr ann gus am bi sinn ag aideachadh dè cho dona ‘s a tha cuisean ‘s dè a th’ againn ri dhèanamh. Saoilidh mi uaireannan gum bi e do-dhèanta: ‘s e sin ri ràdh an t-saoghal a shàbhaladh. Am bi an dòigh bheatha àbhaisteach a th’ann an Afraca an dràsta an dearbh rud a thig oirnn an seo?
Chaidh mi seachad na ealachan ‘s an cuid sìolach ‘s dh’ fhàg mo draghan mu dheidhinn dè tha romhainn. Abair toileachas ri fhaighinn bho na creutairean ud . Thàinig mi dhachaigh ‘s ghabh mi glainne lionn-ubhal. Tha mi slàn, tha mi beò, chan eil an t-acras orm, tha saorsa agam. Chan eil a h-uile càil coileanta ‘s tha cunnartan air ar fàire ach tha fhathast maise mu cuairt oirnn. Bu chòir dhuinn a bhith taingeil ach cha bu chòir dhuinn a bhith sàmhach.

Shìos air an tràigh

Bha lasraichean a’ toirt buaidh air feadhainn de na h-òigridh. Cha robh a h-uile duine ri bràthair mòr a nochd.

Cus ùine air loidhne

Chan eil samhradh againn ri fhaicinn gu buileach fhathast ‘s tha an t-uisge ann. Dhòirt an t-uisge na thuiltean ‘s chuir sin lighe air an abhainn. Saoilidh mi gu bheil an seòrsa samhraidh seo na h-àbhaisteach a nis. Cha deach mi a-mach mòran idir, idir: dh’ èisd mi ri RnG ‘s lorg mi pìosan html air loidhne airson nam blogaichean.
Uill tha a h-uile càil agam a-nis, fiù’ s inneal-rannsachaidh dìreach airson a’ bhlog seo. Thòisich mi bùth cuideachd ‘s tha mi glè thoilichte a ràdh gum faigh thu lèintean-T ‘s drathars leis an sanas ‘Gàidhlig: cha bhithinn às a h-aonais’ chan eil agad ach gliog air a’ phutain a dhèanamh. Tha e eadar amaideas 's beagan spors tha fhios agam ach bha e bog fluich taobh a-muigh. Cha robh an t-uisge ann an diugh ach cha robh mòran solas ann ‘s bha na lusanan ‘s a h-uile càil eile fliuch ‘s mar sin cha deach mi anns a’ ghàrradh eadhon gu bheil cruaidh fheum orm a bhith am broinn nan lusarnaich ‘s bu chòir dhomh na buntàta a phriogadh cuideachd. Ach air sgàth ’s gun robh e gruamach air an taobh eile den doras, dh' fhuirich mi aig an taigh ‘s cuir mi air a’ choimpiutair turas eile ‘s chluich mi le ‘Microsoft Publisher.’ Bu toil leam rudeigin diofraichte a dhèanamh le cuid den dealbhan a th’ agamsa ‘s seo rudeigin a thoisich mi. Chan eil mi cinnteach mu a dheidhinn ach sin e airson greasaig. Thèid mi a mach a-màireach, uisge ann no às.

Thuirt Aonghas MacLeòid

Fhuair mi post-dealain bho Aonghas MacLeòid ‘s thuirt e:
‘Madainn mhath agus guten morgen Frau Mona agus mutti Svea, 's e Màiri Imlach an t-ainm a th'air
an tè ri mo thaobh agus tha i ag obair mar 'oifigear leasachaidh òigridh' airson na sgìre.
Am faca sibh an làrach lìn aig a bhuidheann òigridh 'Sradagan'? -
www.sradagan.org'’

Tha Aonghas mothachail gu bheil Mona a’ toirt sùil an seo o àm gu àm ach tha blog aice fhèin cuideachd Aonghais. Gheibh thu ann an seo. Uill abair la fliuch a’ th’ againn a rithist. Sin agad e bhuamsa an diugh, Tìoraidh an dràsta.

Uaireannan

Uaireannan tha e ciùin, sìtheil agus blàth nuair a tha a’ ghrian a’ dol fodha air Beinn Uabhais agus dè an t-àite ‘s fheàrr a bhith coimhead air na shìos aig a’ chala.

Tobar loch na spioraid


O cionn greis tha mi air a bhith feuchainn ri faighinn a-mach cò a chuir ann soidhne san àite ud (sràid na muilne) faisg air na h-aibhne. Chan eil mi air a bhith soirbheachail idir, idir. . Dè an spioraid? An e droch no deagh spioraid a th’ ann, fiù ‘s an Tighearna e-fhèin no a bheil e a’ buntainn bho àm fada nas tràithe ‘s a bheil sinn a’ faicinn chan eil ach criomag den bheul-aithris den sgìre seo: criomag a tha coisrigte don àm a’ dh’ fhalbh ‘s don àm a thigeadh a dh’ aindeoin ar h-aineolas?


Math dh’ fhaoidte gheibh mi a-mach beagan a bharrachd mu a dheidhinn ach meall do naidheachd don duine a chuir an soidhne air bhog. B ‘ e sàr obair a rinn thu ‘s dh’ fhàg thu teachdaireachd shònraichte dhuinn.

'Mar grabhataidh, feumaidh sinn dòigh air...'

Abair latha brèagha a bh’ againn an diugh ‘s a-nochd tha mi air a bhith leughadh Aonghas Pàdraig Caimbeul anns a’ phàipear bheag (06 5 05) ‘s bha Aonghas a mach air ‘Gràmar’ Thuirt e:
‘Bha gràmar is cànan riamh dhomhsa caran mar a bha a’ chearc ‘s an t-ugh ‘ ach cha mhòr nach eil an OED (Oxford English Dictionary) ga dhèanamh soilleir gu bheil cànan (no co-dhiu faclan) a’ tighinn ro ghràmar. Tha seo cudromach oir tha e a’ ciallachadh gu bheil cleachdadh cànain nas bunaichte – agus mar sin na cudromaiche – na riaghailtean cànain. Chan eil ann an gràmar, dh’ fhaodadh tu a ràdh, ach dòigh rian a chumail air faclan, air no siostam (no ficsean) airson smachd a chumail air briathran. Mar grabhataidh, feumaidh sinn dòigh air choireigin fhaighinn airson an ùpraid a’ mhìneachadh.’

Uill nach d’ rinn mi math air mo bheairt-sgrìobhaidh a nochd as dèidh botal ‘Merrydown’?(lean-ubhal mar a chanas iad).

Uill shìos aig an tràigh ‘s abair dathan lag geamhrachail air

Chaidh mi shìos dhan tràigh an-raoir airson a’ coimhead air a’ ghrian a’ dol fodha. Nas tràithe thuirt roimh-innse na sìde gum biodh e fuar ‘s cha chreid mi nach bi reothadh ann. Mus tèid mi dhan tràigh chòmhdaich mi mo chuid chourgettes. Cha robh coltas toilichte orra fhathast an diugh as dèidh an aimsir a bh’ againn. Nan chailleadh mi iad cuiridh sinn dragh mòr orm oir tha ‘s e glasraich gu math feumail a th’ann ‘s buannachaidh mìosan gu leòr bhuapa. Cha do nochd mo phònair-ruith fhathast, tha an talamh ro fhuar cuideachd. Tha a’ ghrian a’ deàrrsadh uaireannan ach nach e a’ fàs fuar fad na-oidhche agus ‘s e samhradh truagh a th’againn gus an ire seo co-dhiù.
Uill shìos aig an tràigh ‘s abair dathan lag geamhrachail air fàire ‘s bha mi taingeil gun do chuir mi romham m’ ad a chuir orm. Thog mi dealbh ‘s rinn mi greasad orm dhachaigh.

An robh thu ann an Allt Eirnn* Disathairne seo chaidh?

Am faca tu iad?
*Auldearn mar a chanas iad sa Bheurla.
Uill rinn iad sàr obair a’ sgaoileadh fiosrachadh mu dheidhinn Gàidhlig san sgìre seo ‘s a’ bruidhinn ris na fileantaich ‘s na luchd-ionnsachaidh a bha an làthair aig Fèis an Naoimh Colms. Tha Aonghas MacLeòid à Borgh san t-Eilean Sgitheanach ‘s tha mi duilich, duilich, dhìochuimnich mi an t-ainm a th’air an tè san dealbh ach bha fìor dheagh Ghàidhlig aice cuideachd. Ma tha fios agad cò i chuir fios thugam air cùl phost-dhealain. Tha Aonghas na Oifigear pàirt-ùine airson obair co-òrdanachaidh le Plana Cànan is Cultar Sgìre Inbhir Nis agus Inbhir Narainn ‘s chì sinn gu tric e san àm ri teachd.

Bha deagh aimsir ann ‘s bha fiù’ s blàr ri fhaicinn, uill ‘s e ath-chruthachadh a bh’ ann a dh’ innse na fìrinn. Bha rudeigin aig An Greumach Mòr an turas seo nach robh aige san chiad dol a-mach: maicreafòn. Bha am Probhaist againn gu math an sas a’ phròiseact cuideachd, thug e ionnsaigh mhòr, mhòr, air na-isbeanan.