Am bun-reachd Eòrpach agus Leylandii

Bha e fhathast caran fuar an dè ach chur mi tri courgettes eile a dh’ aindeoin sin. Dh’ fhàs iad cus san poitean beaga. Cha do chuir mi na h-uile ge-tà, tha còig air fhàgail san taigh-uaine mar seòrsa poileasaidh àrachais. Sguir an t-uisge ach dh’fhuirich na sgòthan dubhar san adhar. Chuir iad beagan bacadh air ar spioradan, a bharrachd air sin bha agam a’ dol seachad àite far an do thug aon de mo nàbaidhean ionnsaidh air feadhainn Leylandii le chain saw. Cha robh dad air fhàgail ach stocan dhiubh, gach fear aca sia troighean a dh' aìrde ‘s rùisgte, gu tur rùisgte agus chan eil ach leòntan geala far an robh geugan. Caran neònach shaoil mi, chan eil mi measail idir air Leylandii ach carson nach do gheàrr e sìos gu làr iad? Saoilidh mi gum bi adhbhar no coreigin air a’ chùlaibh. Thug poball na Fraing ionnsaidh air a Bhun-reachd Eòrpach le chain saw cuideachd ach chuir sin toileachas orm. Mar a thuirt mi san phìos eile chan eil mòran an-diugh a’ cuir earbsa sna ceannardan poileataigeach ‘s tha an fhaireachdainn sin gu math cumanta san Fhraing cuideachd. Tha daoine a’ coimhead orra mar bhuidheann bhlaigeardan a tha ag obair air a shon fhèin. Tha mise làidir den bheachd nach eil na h-ùidhean aca na h-aon h-ùidhean aig an t-sluaigh Eòrpach. An èist iad? Mura a bheil dè a nis?

Gàidhlig san Taigh nan Cumantan

Thog mi na leanas bho 'They work for you.com'

'Angus MacNeil (Na h-Eileanan an Iar, SNP)
I hope that hon. Members will be patient and kind for a few moments while I quote from the language of Eden:
"A nich labhairt san a tha e a toirt toileachas dhomhsa an diugh m'oraid a thoiseachadh ann an cainnt m'oige, caint a thug m'athair dhomh is san tha mi a nis fior thaingeil gu robh e daigeann a deanamh cinnteach gum biodh canan mo sgire agam.
Si Gaidhlig an cainnt Cheilteach a rinn Alba na dhuthaich air a bheil sinn eolach an diugh. Se na Gaidheil a tha againn oirnn fheinn ach chuir na Romanaich Scotti oirnn mar a chuir na Iriquois 'Eskimo' air na h-lnuit.
Thug Gaidhlig is da channanas iomadh buanachd dhomhsa. Tha i a deanamh ceangal ri mo charaidean bhon Chumrigh—ged nach tuig an da chainnt Cheilteach a cheile agus tha i a'cuimhneach dhuinn ceangalaichean ri Eilean Mhanain is ri Eirinn."...'

Choimhead mi air ‘Bràthair Mòr’.

Abair sgudal ach fhuair mi a-mach bhon telebhisean gu sàbhailte ‘s tha mi ag èisteachd ri RnG a-rithist. Cha bhi e fada gus am bi an sluaigh a’ bhòtadh nan ceudan de mhìltean airson nan càractairean ud. Cha bhiodh iongantas orm ma bhios mòran a bhith bhòtadh san seachdain mu dheireadh den fharpais na bha a bhòtadh airson Tony Blair.
Ok ma tha còig mionaidean eile dhèth mus caidlidh mi
.

Votez, Votez, La France!

Tha a h-uile coltais ann gum bi iad a’ bhòtadh ‘Non’ anns an Fhraing a-màireach agus bidh deagh rud dha-rìribh th’ ann an siud (‘s e mo bheachdsa co-dhiù). Chan eil dad ceàrr le ‘Margaidh-Coitchinn’ ach cha bu toil leam a bhith fo smachd ‘Iompaireachd Eòrpach’. Tha dòighean ‘s cothroman gu leòr againn a bhith ag obair le chèile san coimhearsnachd na h-Eòrpa gun a bhith dol sìos an rathaid sin. Chan eil earbsa idir san leithid Mandelson ‘s na ceannàirdean eile ‘s an t-acras orra a bhith buileach os ar cionn. Chan eil ach nuadh Napoleans ‘mas fhìor’ a th’ annta! Tha iad cugallach cunnartach.
Citoyens votez Non!

Cosnadh: Comunn Blogaichean na Gàidhlig :-)

Oifigear Leasachaidh Cùrsaichean nam blog (offis New York)
Thathar a' lorg cuideigin èasgaidh airson ar program Cùrsaichean bhlog a stiùireadh is a leasachadh sna t-Stàitean Aonaichte.
Bu choir eòlas a bhith agaibh air rianachd is margaideachd agus bu chòir dhuibh a bhith comasach air conaltradh gu siùbhlach ann am bruidhinn agus sgrìobhadh Gàidhlig gus am bi sibh comasach air comhairle a thoirt dha luchd-bhlog mu dè an ìre cùrsa bhiodh freagarrach dhaibh.
Còrdaidh e ribh a bhith ag obair mar phàirt de sgioba agus bidh sibh deònach pàirt a ghabhail ann an dealbhadh agus leasachadh nan Cùrsaichean bhlog. Bu chòir dhuibh a bhith eòlach air daoine agus buidseatan a stiùireadh agus a bhith sgileil le coimpiutair.
Tuarastal eadar £77,000 - £50,000. Tha sgeama peinnsein fosgailte dhan neach a gheibh an dreuchd ma thogras e/i.

Cosnadh: Oifigear Margaideachd nam blog (offis Paris)
Tha Comunn blogaichean na Gàidhlig a' sireadh Oifigear Margaideachd airson Ro-innleachd Margaideachd nam blog a chur an gnìomh agus airson:
Ìomhaigh nam blog neartachadh gu eadar-nàiseanta
Ceanglaichean a neartachadh leis na meadhanan
Obrachadh airson cheanglaichean le buidheann eile san t-saoghal Gàidhlig a' neartachadh
Gnìomhachas Cho-labhairt a leasachadh
Aithisg bhliadhnail agus stuthan foillseachaidh eile a leasachadh
Siostaman conaltraidh èifeachdach a leasachadh taobh a-staigh na h-offis
Bidh an dreuchd inntinneach seo freagarrach do neach a tha eòlach air obair Margaideachd no aig a bheil eòlas iomchaidh eile; fileanta anns a' Ghàidhlig; math air conaltradh; comasach le coimpiutairean; comasach obrachadh leis/leatha fhèin agus mar phàirt de sgioba.
Tuarastal eadar £73,000 - £47,000. Tha sgeama peinnsein fosgailte dhan neach a gheibh an dreuchd ma thogras e/i.
;-)

Leugh mi dhà phìos dheagh sgrìobhaidh roimhe bracaist.

Rinn mi liosta den leithid ‘bloglines’ ‘s mar sin bidh fios agam a h-uile turas a thèid rudeigin ùr a sgrìobhadh sa choimhearsnachd bhlogaichean Ghàidhlig. Uill abair sgriobhaidh sgoinneil ri fhaighinn an diugh. Tha DR a bruidhinn mu dheidhinn a ghruag "Na feise dhut gus am faigh thu cliop" agus tha Mona a-mach air cànain ‘s an toileachas ri fhaighinn asta: ‘agus bha clàs lithuanian agam...’
Tha mi an dòchas an liosta seo a dhèanamh fosgailte ach tha trioblaidean air an làrach ùd an diugh ‘s chan urrainn dhomh sin a chur air bhog an dràsta.
Mu dheireadh thall, rinn mi e, seo an liosta agam http://www.bloglines.com/public/Liosta

Ar Nàisean

Uill chunnaic mi blog eile a rithist. Mholainn dhut sùil a thoirt air ‘Ar Nàisean’ ‘s gu h-àraidh na pìosan‘Litir a’ Bhòrders’ agus ‘An Canan Neo-fhaicsinneach’

Bùth nam peataichean?

Bha dùil againn bùth nam peataichean ùr fhaicinn an seo. ‘S e taigh-biadh a bh’ ann ‘s bha e a’ dol ris an canar ‘The Longhouse’. Bha biadh math-fhèin ri fhaighinn ach dhùin e gu h-obann ‘s chuir sin iongnadh oirnn. Co-dhiù a rèir coltais bhiodh bùth nam peataichean a’ gluasad an seo bho taobh eile an A96 ach chuir an t-òrdachadh ùr den t-sanas amharas orm gum biodh rudeigin air choreigin gu tur diofraichte a’ gluasad a-steach. Dè fon ghrian a chì sinn a dh’ aithghearr?

Am Partaidh Uaine: nach eil iad gu tur diofraichte?

Mar a thuirt Aonghas Domhnullach san Press and Journal: ‘Tha an othail ‘s na h-iomairtean seachad, agus tha fios againn cò fhuair a-steach ‘s cò fhuair a bhròg’ , ach dhà sheachdain as dèidh an tagadh phàrlamaid tha fhathast chan eil ach aon sanas ri fhaicinn air an t-Sràid Mhòr againn agus cò e? Uill am Partaidh Uaine. Bha iad a’ cumail a-mach gu robh iad gu tur diofraichte. Seadh, tha sin furasta ri fhaicinn.

Am frith-rathad shìos dhan abhainn

Seo am frith-rathad shìos dhan abhainn. Bha deagh chothrom agam an uiridh an Clematis Montana ‘s an fhaidhbhile a cheangal ri chèile agus tha a’ bhuannachd den phìos obrach ud gu fìor shealltainn os do chionn an diugh. Tha an dà chuid comasach air rudan mòra a dhèanamh, chì sinn de a’ dol a thachair san am ri teachd.

Eadar an abhainn ‘s an t-Sràid Mhòr

Tha an t-àite seo faisg air teas meadhan a’ bhaile. Tha e eadar an abhainn ‘s an t-Sràid Mhòr ‘s an seo tha neònachas agus nàdar a’ tighinn ri chèile. ‘S e seòrsa aithris a tha air a dèanamh an seo. Carson ‘s dè teachdaireachd ri fhaighinn an luib? Chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt ach ‘s e deagh spors a th’ ann a bhith cluich le beagan saimeant, tha fiù’ s pìos den Pont Neuf ri fhaicinn anns a’ chàrn as motha. Na bith dragh ort, cha do rinn mi cron sam bith oirre : thog mi pìos san dol seachad nuair a bha iad ga càradh.

‘An leabhar as fhiach a leughadh’

‘An leabhar as fhiach a leughadh’
(Bha agam ri na leanas a sgrìobhadh mar measaidh aig an oilthigh ‘s chaidh e a cheartachadh.)

Mholainn gu dearbh Fo sgàil a’ Swastika, chaidh an leabhar seo a sgrìobhadh le Domhnull Iain MacDhomnaill mu dheidhinn nuair a bha e na phrìosanach aig àm an darna cogaidh. Sgrìobh Domhnull Iain aig toiseach an leabhair. ‘Do na gillean uile, mar theisteanas air misneach, fad-fhulangas is uaisle ri aodann geur-leanamhain.’ Uill, tha sinn fada nan comainn, tha sin gun teagamh, gun teagamh sam bith. Dh’ fhaoidte nach bitheamaid fiù s beò gun a h-uile càil a rinn iad air ar son. Shabaid iad airson saorsa – an saorsa a tha th’ againn an diugh – chan eil an saorsa sin coileanta ach cha bu toil leam a bhith feuchainn dòigh sam bith eile. A Dhomhnuill, thug thu dhuinn do chuid sgriobhaidh ach barrachd air sin rinn thu spàirn mhòr gus am bitheamaid beò ann an saoghal far a bheil sinn comasach a bhith ga leughadh (no sgriobhaidh no beachd sam bith eile) gun eagal idir.

Chaidh an leabhar seo a bhòtadh an leabhar as fheàrr a riamh a bha air a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig leis an luchd-èisteachd aig Radio nan Gaidheal ‘s mar sin bhiodh e doirbh rudeigin a ràdh ma dheidhinn a bharrachd air a mholaidh ach math dh’ fhaoidte gum biodh e rud math mo fhaireachdainn a mhìneachadh nuair a leugh mi e.

Anns a bhad cuiridh Domhnull thu ann an St Valery en Caux air latha brèagha samhraidh ann an 1940 ‘s am measg blàr taobh a muigh a’ bhaile ud: blàr a bha gu math taobhail ris na Gearmailtich. Cha robh raidhfilean gu mòran feum an aghaidh nam Panzers ‘s thàinig iad thairis air achadh arbhar ‘s gheàrr iad sìos am bàrr ‘s na Gaidheil na chois. Chaidh am bàrr air a bhuaineadh tràth ‘s mòran den bhalaich cuideachd. Thàinig an t-ùghdar a mach à sin gu sàbhailte ach bha rudan fhathast gu math cunnartach gus an do ghèill iad.
Tha Domhnull na dhòigh sìmplidh cumhachdach a’ sealltainn dhuinn na briseadh dùil ‘s am fulangas a bha gam feitheamh air an rathad gu Òlaind ‘s na bàirdsean a bheireadh iad sìos an abhainn Rhine gu na campaichean anns a’ Ghearmailt. Bha am mèarrs ud dìreach uabhasach ‘s gun bhiadh no uisge gu leòr ‘s bha aca ri goid bho na bùthan sna bailtean air an t-slighe no fiù ‘s na lusan sna achaidhean faisg air làimh. Prìosanaich nam mìltean mar ìomhaigh a mach as a bhìobaill.
Bh’ aca a bhith obrachadh airson nan Nàsaich ‘s bha Domhnull ann an grunn àiteachean ‘s cha robh a h-uile rud sgrathail dha ach bha daonnan spiorad saorsa na chridhe ‘s bhris e a-mach trì tursan. Aon turas chaidh a ghlacadh leis a’ Ghestapo ‘s ma tha thu airson faighinn a-mach ciamar a bhitheas e a bhith fo smachd daoine a bhiodh deònach gad chuir as airson spors leugh an leabhar seo.
Chunnaic e an sgrios a bha tuiteam a-mach às na speuran air a’ phoblach shìobhaltachd nuair a thug na Gearmailtich orra beagan den taigh-spadaidh ud a chur air dòigh.

‘Cha toir faclan a mhàin gu siorruidh seachad dealbh cho-lionta air an t-sealladh ana-cneadsa bha romhainn an là ud. Piosan cheann is chasan is làmhan sgaoilte thall ‘s bhos.’

Thàinig an cogadh gu crìoch airson Domhnull ‘ann an dòigh a bha cho tàmailteach ‘s cunnartach bha e ann an St Valery ‘s chunnaic e an t-uabhas de thachartasan brònach gus an d’ràinig e dhachaigh.
Chuir an cogadh feallsanachd iongantach air Domhnull ‘s cha robh gràin sam bith air ‘s bha e dìreach taingeil airson a bhith beò ‘s air a bhith ionnsachadh bhon àm a bha e ann an sàs.
Ma leughas tu dad sam bith san t-samhradh seo leugh Fo sgàil a’ Swastika.

Tha e caran fadalach, tha fhios agam ach tha bhòt eile agad a Dhomhnull

Broccoli fo bhlàth

Thòisich mi a chur beagan a bharrachd bhuntàta ach chì thu lusan fo bhlàth air an làimh deas den dheilbh: ‘s e sin am broccoli (broccoli an earraich purpaidh). Mar a thuirt mi, tha a mhòr chuid bho bhlàth a-nis ach cha do thog mi e. Carson? Uill tha an t-uabhas de sheillean a’ tighinn a-steach a’ lorg poilean ‘s chan eil iad a’ dèanamh cron sam bith ‘s tha mi toilichte gam faicinn. Tha mo courgettes fhathast a’ feitheamh anns an taigh-ghlainne ud. Bidh e faisg air 0c a-nochd a rèir roimh-innse na sìde a chuala mi am feasgar seo ‘s chuir sin eagal orm, mar sin dheth fuirichidh na courgettes taobh a-staigh fhathast.
Chì thu Liath Chorcarach (Syringa Vulgaris) fo bhlàth os cionn an taigh-ghlainne. Tha am fàileadh aice a’ còrdadh rium gu mòr. Tha e nas fhuaire am mìos seo na bha e aig an aon àm an uiridh saoilidh mi.

Rudeigin ùr 'air fàire'

Thachair mi air blog eile an diugh ‘s mholainn gu dearbh e. Is fhiach e sùil a thoirt air gun dàil: Air fàire

Bàrdachd ri fhaighinn air a’ bhlogchruinne

An uair sin nochd bàrd nar measg….

Dealbhan feasgar Dihaoine


Tha mi fhathast nam ghàirnealair nuair a nochdas cothrom dhomh agus seo àite far a bheil mi a’ dèanamh beagan obrach an-dràsta is a-rithist. Roimhe Nollaig chuir mi uabhas de tiuilipean san gàrradh seo ‘s anns an dealbh tha thu a’ faicinn chan eil ach pàirt den duais a tha nan cois. Chan eil ach ùine goirid aig na tiuilipean ach nach eil iad ga ghreimeachadh ann an dòigh làidir ‘s làn pròis? Tha gach tè aca na spreadh socair àlainn, a’ cur cuireadh dhuinn a dh’ fhuireach mionaid sònraichte leotha ‘s as an dèidh a bhith gan cuimhneachadh gus an till iad a-rithist.
Seo dealbh a thog mi anns mo ghàrradh fhèin. Chan eil an Currac Cuthaige cho rìoghail ris an tiuilip ach tha a mhaise ri fhaighinn ann an dòigh eile: nuair a tha e a’ tionndaidh lair na coille sheargach an aon dath ris na speuran. Thig am faileas seo mus toisich duilleagan nan craobh a’ toirt cus sgàil orra. Thàinig mo chàirdean seo dhachaigh leam nuair a bha mi ag obair aig a’ chaisteal Chaladair: bha iad a’ coimhead orra mar rudeigin borb nuair a nochd iad am measg na lusan foirmeil. Ach nach robh iad san àite sa chiad dol a-mach? Bh’ againn sgrios a’ dèanamh orra ach thog mi dhachaigh iad nan ceudan ‘s nuair a bha cus agam an seo, thug mi feadhainn siud ‘s an seo. Innis mi sgeul-rùin dhut, tha fhathast Gàidhlig aca – ma bhruidhneas tu dhaibh sa Ghàidhlig gheibh thu fiamh-ghàire anabarrach nach eil ri fhaighinn sa bheurla.

Air an rèile: ‘Na gabh dragh gheibh sinn tacsi dhut.’

An trèan as rapach de na h-uile? ‘ S e sin an 13.12 a mach a Obar Dheathain gu Inbhir Nis. ‘S àbhaist a bhith chan eil ach dhà charabaidean oirre ‘s sa mheadhain far a bheil a mhòr chuid de na dorsan ‘s na taighean-bheaga bidh uisge a ruith air an lath ‘s fàileadh a’ crochadh san adhair: seòrsa fàileadh ‘s thèid air a dhèanamh nuair a mheasghas thu mùin ‘s dì-ghalaran. Tha e do-chreidsinn tha fhios agam ach tha àiteachean air an ùrlar air an comharrachadh le teip dhubh thiugh. Ma tha fìor gaisgeach a th’ annad sa, thèid sibh anns na taighean beaga, mur a bheil ‘s e foighidinn ‘s neart toil gu mòr a bhiodh feumail dhut.

Co-dhiù, stad an trèan aig Hunndaidh, bha mi a’ leughadh nuair a ruith dhithis nighean suas na trannsa gu cheann an trèan: b’ e fìor bhoillsgeadh nearòiseach, boireann loma-làn le bataichean a chaidh seachad orm gu cheann an trèan. Nuair a ràinig iad an doras ud bhuail iad air gu trom ‘s dh’ èibh iad a mach gu làidir ach thòisich an trèan a ghluasad gu Keith. Ruith iad thill iad san aon staing ‘s chaidh iad a mach a sealladh troimh a’ bhad grod far an robh am fàileadh. Lorg iad a’ gheàird ‘s thàinig e a-mach nach robh na dorsan sa mheadhain ag obair idir. Chuir e na na nighinn air dòigh ‘s bha tacsi gam feitheamh ann an Keith.


Chùm an trèan air gu Inbhir Narann gun tachartas eile ach le dorsan briste ‘s chuir sin dragh orm, tha e cugallach cunnartach a ruith trèan le dorsan glaiste shaoil mi.
Sgeulachd bhig eile den rèile ann an 2005. Cha robh a riamh a leithid tachartasan a th’ann nuair a bha ceapairean Rèile Bhreatainn ri reic air a h-uile trèan. Cha robh cunnart ann ach na ceapairean iad-fhèin.

Chuir sin nam chuimhne prògram a chunnaic mi air telebhisean air dè cho cunnartach ‘s a bha feadhainn a’ smaoineachadh gun robh an rèile ‘s na drochaidean as aonais iomradh a’ toirt air dad sam bith eile mar trèanaichean. Sgrìobhaidh mi began mu a dheidhinn a dh’ aithghearr.

Cèicean-churran air a fhàs ro dhaor

Tha iad cho blasda ‘s tha mi measail orra ach a-nis tha iad a’ cosg 90sgillan anns a bhùth Ashers ann an Inbhir Narann. Tha sin cus orm. Tha iad glè dhaor nach eil? Dè cosg a th’annta far a bheil thusa a’ fuireach?

Rinn Aonghas a’ chùis sna h-Eileanan An Iar

Meall do naidheachd Aonghas. Sin thu fhèin a bhalaich.

An G8 ann an Alba

O chionn ghoirid sa phàipear bheag bha Aonghas Pàdraig Caimbeul a mach air an G8 ‘s a’ bhuaidh a th’ aca san t-saoghail againn. Sgrìobh e beagan mu dheidhinn an fheansa stàilinn a thèid a thogail mu chuairt na Pàrlamaide ann an Dun Èideann aig am an G8: gun teagamh tha iad an dùil trioblaidean fhaicinn san t-Iuchar s a’ tighinn. A rèir coltais bidh 10,000 poileas ag obair eadar Dun Èideann ‘s Uachdar àrd dodhar ‘s Gleann na h-eaglaise ‘s math dh’ fhaodaite barrachd air 200,000 luchd-togail fianais a’ siubhal eadar na àiteachean sin cuideachd. Bu toil leam a bhith nam measg ach tha cus teans gum bi fòirneart an cois saoilidh mi. Bidh luchd ain-riaghailt a’ tighinn bho gach ceàrn den Roinn Eòrpa ‘s fada a-mach na sin ‘s cò aig a tha fios nach bidh ceannairc na dhà a’ lorg cothrom rudeigin uabhasach a’ dhèanamh.
Ma tha sibh airson an t-saoghal dh’ atharrachadh tha againn a thoisich sna coimhearsnachdan againn fhèin. Cia mheud dhaoine a bhios fianais a’ togail ann an Dun Èideann a tha a’ togail a’ chuid cloinne bhon sgoiltean ann an càraichean nuair a tha iad a’ fuireach faisg air an dearbh sgoil? Cia mheud turas a tha sinn a thall thairis gach bliadhna? A bheil thu air chur seic sa phost gu Greenpeace ‘s a uair sin air a dhràibheadh sìos gu Tesco anns an Volvo agad? Chan eil fear againn gun beagan bhreug-chràbhadh o àm gu àm a thaobh na h-àrainneachd. Tha mi a sgriobhaidh a’ phìos seo le taic bho chumhachd niuclasach.
Uill cha bhi mi ann san t-Iuchar ach ma bhios fianais nas fhaisge dhomh ann an Inbhir Nis mar a bha i aig am an strì an aghaidh am bàrr GM sa Ghaidhealtachd, thèid mi ann. Mar a thuirt mi saoilidh mi gum bi fòirneart shìos an rathaid ‘s buannachaidh Bush ‘s Blair (no Brown) bho sinn. ‘Se sin a tha iad ag iarraidh, bheir e leisgeil eile dhaibh airson feansaichean eile a thogail thairis ar saorsa.
Ma bhios sibh a’ gabhail pàirt san t-Iuchar, thoir an aire ort fhèin ‘s theich a-mach ma bhios amadan sam bith ag iarraidh sabaid.

Na atharraich na ceannardan, atharraich beatha!