Chan eil dad ceàrr le Mandarin ach…

An t-seachdain seo chaidh sa Ghaidhealtachd thàinig Comhairliche Donnchadh Allan a-mach leis a’ bheachd aige gum bu chòir na sgoiltean sguir den teagaisg Gàidhlig agus a bhith teagaisg Mandarin na h-àite. Tha e den bheachd gum bi Mandarin a’ chànan as cudromach san àm ri teachd.
Chan eil Mgr Allan na aonar gu mi-fhortanach. Leugh mi Blog an-raoir a tha dà-chànanach, Brezhoneg agus Fraingis, far a bheil an sgrìobhadair a-mach air àite anns a’ Bhreatainn bhig far a bheil an t-àrd-sgoil a-nis teagaisg Mandarin an àite Brezhoneg. Thuirt am blogadair:

‘Chan eil mi airson a chur sìos air an iomairt airson Mandarin a theagaisg. ‘S e cothrom culturach agus cànanach a th’ ann an sin: an dragh dhomhsa ge-tà gur e seòrsa dearbhadh air seòrsa dhùnadh cultarach air thusa-fhèin agus an àrainneachd mu thimcheall ort, dhùnadh a tha airidh air mion-sgrùdadh ach chan eil lighiche-inntinn a th’ annam.’

‘S e deagh bheachd a th’ ann an sin. Carson nach teagaisg beagan Mandarin anns a Bhreatainn bhig no sa Ghaidhealtachd ach chan eil na adhbhar airson a bhith tilgeil cultair na Gaidhealtachd dhan t-sitig. ‘Carson a tha sinn a’ caitheamh a leithid airgid air teagaisg Gàidhlig’, dh’ fhaighneachd Mgr Allan. Uill Mgr Allan, chan eil prothaid ri dhèanamh às a’ Ghàidhlig, prothaid ann an airgead, seadh tha thu ceart, ach tha toradh eile tighinn às, toradh a bhios seachad air do thuigsinn saoilidh mi.
Uill am bu chòir dhuinn a bhith leantainn a fheallsanachd carson nach cuir sin às a h-uile càil nach dèan airgead dhan coimhearsnachd? Abair àite àlainn a bhiodh againn nan robh sinn cho dàna!

Cairt-phuist à Inbhir Nis

Uill rinn sinn sgrìob gu Inbhir Nis an diugh agus shaoil mi gum biodh ùidh agaibh mu dheidhinn tachartasan sa bhaile mhòr. Uill ma bhios beagan airgid nad phòcaid agus thusa deònach cuidhteas faighinn dhith bidh taghadh dìreach mìorbhailteach agad ann an Inbhir Nis sna làithean seo. Tha Tempall spaideil ùr ris an canar ‘Eastgate 2’ a tha toirt sàr urram do na diathan calpachais. Bha e tàmailteach dhomh mo mhàileid fhosgladh ach nuair a chunnaic mi ‘The Essential English-Gaelic Dictionary,’ air na sgeilpean dh’ fhalbh mo chiall agus nach do cheannaich mi e agus leabhar eile cuideachd: ‘Oatmeal and the Catechism’. Uill sin seachad, chaidh sinn am broinn Marks and Sparks’ agus feumaidh mi a ràdh nan robh e tàmailteach dhomh sa bhùth nan leabhraichean a bhith caitheamh airgid bha e fada nas miosa ann an Markies, chan eil air adhbhar airgid ach air sgath ‘s na boireannaich ‘blue-rinse’ a bha ruith mu cuairt an àite leis na trollys aca. Bha e nas cunnartach na na sràidean Inbhir Narann fon ghealaich làin. Bha coltais fiadhaich borb air a h-uile tè aca, bha eagal oirnn gun tuit sinn fo na cuibhlean agus cha bhiodh iad a’ sealltainn tròcair sam bith.Ghluais sin gu pàirt eile den ‘Eastgate Centre a bha fada nas sàbhailte dhuinn agus mothaich mi gu bheil am baile Inbhir Nis a’ dèiligeadh leis na h-eucoraich mu dheireadh thall, gu h-àraidh a leithid a tha feuchainn ri bhriseadh a-steach taighean ann an teas meadhan na h-oidhche. Tha iad gan taisbeanadh ann an àiteachean poblach far am bi iad nan cùis-mhagaidh dhan t-sluagh. Thog mi dealbh fear aca air ur son.
‘S bochd nach eil na ròpan ud mu cuairt a amhaich, nach e? Bu chòir Inbhir Narann a bhith leantainn an nòs seo leis na blaigeardan a tha briseadh botail Buckfast air sràidean ar baile àlainn. Chan eil mi cinnteach idir mu dheidhinn a’ bhathair ri fhaighinn am bliadhna, gu àraidh an stuth airson cloinne. . Dè fon ghrèin feum againn air cait plastaig bomair fhèin-mharbhtach mar eisimpleir?
Dhomhsa tha dòighean a’ bhaile mhòr gu tur neònach agus bha mi toilichte nuair a thill mi dhachaigh. Uill sin agad e chàirdean an sgeulachd agam air dè chunnaic mi sa bhaile mhòr.

Nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr dhuibh uile. ‘À la prochaine’ mar a chanas iad. ;-)


Cron àlainn

Tha mi glè mheasail air còmhlan ciùil à Mhontréal. Tha iad a’ dol ris an canar Beau Dommage. Tha iad a’ seinn ann an nòs a tha an dà chuid sunndach agus caran feolmhor. Tha iad a-mach air beatha ann am Montréal agus mòran den rudan a tha toirt buaidh air an cuid beathaichean. Mur a robh began Fraingis agad cha bhiodh tu a’ tuigsinn gu bheil iad comasach a bhith seinn mu dheidhinn trioblaidean agus ìomhaigheachd bhrònach. ‘S e fìor thoil leam an t-òran ‘Quand Rose va chez son fils.
Aig an àm seo den bhliadhna tha e a’ toirt nam chuimhne dè cho fortanach ‘s a tha sinn agus ciamar a bu chòir dhuinn a bhith taingeil. Tha e na làn thìde dhuinn a bhith a dhiùltadh a chuid chac ceangailte le airgead agus sannt aig àm Nollaige agus a thoirt suim air an fhìor spioraid dheth a tha sinn fhathast comasach ri fhaighinn. Gu dearbh bu chòir dhuinn a bhith taingeil nach eil sinn san aon stad ri Ròs, tè a tha na cuspair den òrain aig Beau Dommage. Rinn mi eadar-theangachaidh den fhaclan.

Nuair a thèid Ròs air cèilidh air a mhac
Bidh i a’ giùlain bagaid de Lila nan Glean
Geug de Liath Chorcarach
Bidh tùis oirre
Airson cùbhraidh a chur air a’ ghaoith
Nuair a thèid Ròs air cèilidh air a mhac Jean

Nuair a thèid Ròs air cèilidh air a mhac
Bidh i a’ bruidhinn mu dheidhinn a dùthaich
Cluinnidh i na saighdearan
A’ saltradh air an lios
Agus a cù a’ caoineadh
Fhathast ceangailte
Taobh a muigh an taigh fàsadh

Na nighean agus cèile o shliochd imrich
O Belgrade gu Pairios
O Maroc gu Liban
O bhìosa gu bhìosa
Bidh i a’ dol

Bidh i a’ cumail trang sa bheatha
Anns an rìoghachd iriosal aice
Far a bheil na h-ìomhaighean a’ riaghladh
Am measg bolaidh nan coinneal
Urnaighidh i

Nuair a thèid Ròs air cèilidh air a mhac
Cruthaichidh naidheachdan
Litirichean à Iasi
Agus a Constanta
Innsidh a’ bhreith
No bàis phàrant
Nuair a thèid Ròs air cèilidh air a mhac Jean

‘S e sin a h-uil càil aice
Am bad talamh seo
Sa chladh mhòr
Airson a mhic na chadal
Bidh ise ag ùrnaigh

Nuair a thèid Ròs air cèilidh air a mhac
Cuiridh i uisge air na dìthean
Seinnidh i, caoinidh i,
A h-uile turas caochlaidh i san àite
Cuiridh i cùbhraidh air a’ ghaoith
Airson a mhic Jean
A chaidh a mharbhadh aig aois fichead bliadhna


Feallsanachd domhainn

Chunnaic mi program air telebhisean a-raoir ris an canar ‘Dà Shealladh’, agus bha feallsanachd domhainn ri fhaighinn nuair a bha bodach a-mach air a’ chuspair sin…

‘far a bha na daoine fad na b’ fhaisge air obair an cruithneachd na tha sinn. Agus còmhla ri sin bha iad a’ gabhail an t-sìde. Chan eil a dhith oirnn ach gun falbh aig astar. Cha deach e mura bi sibh a’ bruthadh air phutain airson rud sam bith fhaicinn no chluinntinn. Am putain a bha iad a’ bruthadh, ‘s e an cruthachadh nàdair a bha timcheall air an saoghal às an robh iad.

Les 400 coups

Tha an abairt Frangach ‘faire les quatres cents coups’ a’ ciallachadh ‘a’ dol air an ran-dan’ sa Ghàidhlig. Tha i ga cleachdadh anns an fhilm seo aig François Truffaut mar shamhladh air ciamar a tha deugaire, Antoine, a’ dèiligeadh le trioblaidean sa bheatha. Rinn an neach-stiùiridh, Truffaut am film seo mar eachdraidh a bheatha fhèin ann an 1958. ‘S e film dubh ‘s geal a th’ ann ach tha e air a dhèanamh ann an stoidhle a bha gu tùr eadar-dhealaichte agus sònraichte aig an àm. Chaidh an nòs ur seo ris an canar ‘Nouvelle Vauge’.

Mur a robh thu eòlach air a’ bhuaidh den fhilm seo cha bhiodh tu buailteach a bhith smaoineachadh gun robh dad às ùr a bh’ ann. Uill tha sin air sgath ‘s gu bheil mòran den filmichean an diugh a’ cleachdadh mòran den rudan a chur Truffaut gu deuchainn ann an 1958. Chan eil ceòl ri fhaighinn sna pàirtean den fhilm a tha a’ gabhail àite taobh a-staigh ann an seallaidhean far a bheil an luchd-amhairc buailteach a bhith mi-chofhurtail leis na tachartasan. Nuair a tha Antoine na ruith tro na sràidean Paris anns an àrainneachd far a bheil e sunndach, bidh thu ag èisteachd ri cheòl a tha ceangailte ris an fhaireachdainn ud. Chan eil thu cinnteach cò a bha na chleasaiche no cò a bha dìreach a’ coisich air an t-sràid aig an aon àm a bha iad a’ dèanamh an fhilm. Nuair a bhuaileas Antoine fear air a’ chabhsair, mar eisimpleir, chan eil thu cinnteach nan robh sin pàirt den phlana aig Truffuat no rudeigin a bharrachd tighinn às obair an latha.

Chan eil cùisean mar bu chòir san teaghlach aig Antoine, chan eil a mhàthair a’ sealltainn mòran faireachdainn dha agus tha an t-oide aige buailteach a bhith a dhèanamh trod ris no a bhith càirdeil dha ann an dòigh gu math leam-leat. Tha a mhàthair a’ suirghe air duine eile agus chan eil oide Antoine comasach a dèiligeadh ris. Dh’ fhaodadh tu a ràdh gu bheil an ùidh a tha aige sa chàr aige agus rèisean nan càraichean dìreach dòigh a th’ aige airson cùisean a sheachnadh. Ma bhios fearg a’ buntainn o a chuid smaointinn ‘s e Antoine a bhios buailteach a bhith ga fulang.

‘S e balach glic a th’ann an Antoine ach chan eil an siostam fhoghlaim gu mòran feum dha. Sgrìobh Antoine aiste air leth math ann an stoidhle Balzac ach anns an sgoil tha an tidsear a chuir sìos air gu trom mar ‘meirlach-sgrìobhaidh’ ach cha robh cùisean mar sin idir, tha Antoine comasach an aon stoidhle a chleachdadh ach tha an tidsear grod agus mi-chneasta dha. Anns an dearbh àite far am bu chòir taic agus comhairle ri fhaighinn chan eil th’ ann ach daoine a tha deònach a chuir sìos air Antoine agus na balaich eile. Tha na sgoilearan a’ dol dona do na tidsearan agus tha arm-a-mach gu ìre h-ìosal a’ sìor dol air adhart. Chan eil duine sam bith a’ toirt toradh às an t-suidheachadh agus chan eil àite ann airson dad sam bith cruthachail. ‘S e fulangaiche a th’ ann a h-uile fear aca, is coma leat gum bi tidsearan no sgoilearan a th’ annta.

Tha Antoine a’ faighinn faochadh sna h-aislingean aige agus air na sràidean beothachail de Pharis, gu h-àraidh leis a charaid René. Tha René a’ buntainn bho theaghlach a tha gu math dheth ach a dh’ aindeoin beartas tha esan san aon suidheachadh ri Antoine. Ma tha an teaghlach an impis a bhriseadh sìos chan eil airgead gu mòran feum agus tha René cuideachd air a dhòigh san sràidean le Antoine. S’ ann air na sràidean a tha iad a’ togail beatha dhaibh fhèin. S’ ann air na sràidean a tha iad tighinn beò agus far a bheil iad air an dòigh. Tha seòrsa aca bho an cuid trioblaidean.

Tha am film a’ leantainn seachdain anns a’ bheatha aig Antoine, tha sinn a’ faicinn pàirt den bheatha sin a’ tighinn gu crìoch. Tha Antoine agus René a’ tòiseachadh ri h-eucoir agus sa chiad dol a-mach seo deagh spors a th’ ann ach nuair a bhriseas Antoine a-steach air an oifis oide thèid a ghlacadh leis an neach-faire. Tha sin a’ toirt cuisean air adhart agus tha e a’ toirt cothrom do h-oide Antoine cuidhteas faighinn dheth.

Taobh a-staigh stèisean-poilis tha Antoine balbh, cha freagraidh e am poileasman nuair a bheir e cothrom dha rudeigin a ràdh air a shon fhèin. Thèid e gu deònach dha na ceallan far am bi e am measg eucoraich agus siùrsaichean. ‘S e caractair gu math comasach a dh’ fhàs cleachdte ri dad sam bith a th’ ann an Antoine agus chan eil e fada gus am bi e a’ tuigsinn gu bheil an leanabas aige seachad agus gu bheil e a-nis na aonair ann an saoghal eile.

Bha Truffaut e fhèin gu math fortanach, thachair cuisean dha mar a tha e gan nochdadh dhuinn san fhilm ach aig a cheann thall fhuair e taic bho teaghlach eile: teaghlach a bha comasach a chuid tàlantan a bhrosnachadh agus bhuannaich e soirbheas ann an shaoghal nam filmichean.

Cuir ‘les 400 coups’ an smaoin na leanas nam inntinn: cia mheud Antoines a th’ anns an t-saoghal san aon staing ris an robh Truffuat glacte ach gu mi-fhortanach nach bi faighinn taic sam bi an cuid tàlantan a leasachadh?

Ciaradh an fheasgair

Chaidh mi taobh a-muigh am feasgar seo agus thog mi dealbh aig deireadh latha a bha uabhasach fhèin ciùin. Aig an àm seo an t-seachdain seo chaidh bha mi a null aig a’ chèilidh san talla choimhearsnachd. ‘S e cèilidh air leth soirbheachail a bh’ ann agus bha barrachd air dà cheud an làthair agus am measg an àireamh sin bha dròbh mòr chloinne mun cuairt. ‘S e cèilidh airson airgid a thogail airson a’ chròileagain a bh’ ann ach bha fhios aig a h-uile duine gur e cothrom a bh’ann a bhith leigeil an taic dhan amas aig na pàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig faighinn ann an Inbhir Narann. Cha do nochd a’ ghaisgeach ud Comhairliche Iain Mac Mhathain ach bha fear eile ann leis an nighean aige agus ‘s e deagh mhanadh a bh’ ann an siud saoilidh mi. Bidh esan air faicinn dè cho làidir ‘s a tha an taic airson a’ chànain ann an Inbhir Narann agus cuiridh e fios air an triùir comhairlichean eile. Chì sinn dè thachras, ach co-dhiù, chòrd an cèilidh rium gu mòr agus dh’fhalbh a h-uile duine ann an deagh shunnd.