Uidh sa Ghàidhlig aig Oilthigh Arizona?

Chaidh buidheann ùr a chur air bhog air Facebook, Cànanachas na Gàidhlig agus sa bhad chaidh ballrachd a thoirt a mach le ceithir aig Oilthigh Arizona. Saoil dè tha dol thall an sin?

Facebook Cànanachas na Gàidhlig

Buidheann airson duine sam bith aig a bheil ùidh ann an cànanachas na Gàidhlig, gach rud eadar fòin-eòlas is co-chàradh, co-labhairtean is srùbag is srònachadh.

E-leabhar ùr ga chur air bhog

Launch: Inbhir Narann 19.30 a-nochd, Bocsa fòn air an t-sràid mhòir
Nobhail bheag leis an amadan ud Des:
Fosgailte do h-uile duine. Bidh super lager augs poca tiops ri fhaighinn cuideachd. An nobhail bheag làn sgudail a bha ‘too racy’ dhaibh? Latha craicte ann am Baile aig iomall na Ghàidhealtachd ann an 1986 agus àm Chernobyl

Làrach-lìn ùr luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ga chur air bhog

Tha mòran luchd-ionnsachaidh den bheachd nach eil goireasan gu leòr ann gus conaltraidh air loidhne a dhèanamh. Gus a' bhearn seo a lionadh tha Foram na Gàidhlig.net air ùr-nochdadh. Aig cridhe a' ghnotaich gheibh thu bòrd brath 'eadar-gnìomhach'. 'S bochd nach eil a leithid ri fhaicinn air an làrach Clì mar eisimpleir ach sin mar a tha e. Ma tha mionaid agad carson nach gabh sibh ann gus taic a thoirt don choimhearsnachd eadar-naiseanta luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Athchuigne chudromach BBC Alba

Athchuinge gus BBC Alba fhaighinn air freeview.

leabhar a tha mi a' leughadh

Tha mise air a bhith leughadh leabhair a chaidh a mholadh dhomh le Fionnlagh. Leabhar ris an canar, ‘The Green Book of Language Revitalisation in Practice.’ Tha an leabhar seo uabhasach fhèin inntinneach agus gu ruige seo leugh mi mòran a tha a’ còrdadh rium. Seo beachd a tha aig Leanne Hinton bho Oilthigh Berkeley sna SA. (Rinn me eadar-theangachaidh agus tha mi an dòchas nach eil e ro robach).
‘San fharsaingeachd, tha call cànain na phàirt de chall chultarach agus siostam eòlas slàn, a’ gabhail a-steach siostaman feallsanachd, seanachas agus traidiseanan ciùil, siostaman eòlais àrainneachd, eòlas leighis agus dòighean culturach cudromach agus sgilean ealaine. Dh’fhaodadh an saoghal pàirt cudrom de shuim eòlas mhic an duine a chaill a h-uile turas a tha cànan a’ tighinn gu crìoch. Dìreach mar a tha mac an duine ga chur ann an cunnart tro sgrios iomadachd ghnè, nach faodadh sinn a bhith gar cur ann an cunnart tro sgrios siostaman iomadachd eòlais.
Dhomhsa ‘s e fìor dheagh bheachd a th’ ann an siud. Ma bhios sinn airson cànainean a shàbhaladh nach bu choir dhuinn a bhith faighneachd carson a tha an t-siostam againn (‘s e sin ri ràdh dòigh bheatha agus eaconamaidh nan dùthchannan beartach) a’ dèanamh uiread de sgrios air an a h-uile càil. Nach bu choir dhuinn a bhith smaoineachadh air freagairtean beagan a bharrachd taobh a-muigh a’ bhocsa? Ann a bhith a’ strì airson mion-chànain an e sin a’ ciallachadh gu bheil sibh a’ strì airson saoghal eile? Saoilidh mise gu bheil

Poileas Inbhir Narann a' lorg each agus bo panto!

Bha sabaid a-raoir eadar dithis fear agus an t-each agus a charaid a' bho aig iomall a' bhaile nuair a dhuin na taighean-sheinnse. Rinn an da bheathach a' chuis air an dithis eile agus a-nis tha am poileas gan lorg. Bha an upraid seo a' gabhail aite faisg agus air an A96.
Thuirt te-fhrithealadh bhon taigh-sheinnse, ' Bha coltas spaideil orra ach cha do bhuannaich iad duais, chan eil fhios agam far an deach iad.'
'S e beathaichean cunnartach a th' annta gu dearbh, tha muinntir Inbhir Narann gu mor an dochas gum bidh an t-each agus a' bho ann an greim ann an uine nach bi fada. An tainig an t-each agadsa dhaichaidh a-raoir ann an staing? Chuir fios dham poileas Inbhir Narann ma tha fiosrachahd agad.

'Boiteag' air Facebook

An-diugh bhruth mi air ceangail ann an teachdaireachd a fhuair mi air facebook agus an uair sin fhuair boiteag ris an canar 'Koobfaceb' a-steach mo chunntas Facebook. Sa bhad chuir e 2 * 20 teachdaireachdan do daoine air mo liosta cairdean. Fhuair mi cuidhteas dheth le Norton ach tha fhathast stuth grod a chaidh gu domhainn ann an WIndows air mo choimpiutar, bidh agam an clar cruaidh a glanadh agus a h-uile cail a chur a-steach a-rithist. Bha mise laidir den bheachd gur e aite sabhailte a bh' ann an Facebook ach cha robh agus bha agam rabhadh a chur dhan a h-uile duine a bha air an liosta agam. Chan eil mi cinnteach ma bhios mi a' cumail a' dol le facebook a-nis. 'S math gu bheil laptop agam airson faighinn air loidhne ach chan eil na sracs ag obrachadh gu math idir air an inneal seo :-(Chuala mi gu bheil a' bhoiteag seo dripeil trang air Bebo agus Myspace cuideachd agus chan eil fhios agam nam biodh e cunnartach ann a sheo ach thoir an aire sna aiteachan eile!

Plana Fionnlaigh no Plana Bòrd na Gàidhlig – Dè dìreach a tha an diofar eadarra?

Rudeigin a sgrìobh mi thall aig fòram na Gàidhlig

Tha Fionnlagh airson coimhearsnachd Gàidhlig ùr a chruthachadh, coimhearsnachd fa leth bho shaoghal na Beurla far am biodh làimh an uachdar aig a’ Ghàidhlig. ’S e sin an sealladh a tha aige airson ath-thilleadh gluasad chanain a choileanadh. Agus cho fad’ s as aithne dhomh ‘s e a’ phrìomh amas aig Bòrd na Gàidhlig gus coimhearsnachdan Gàidhlig a neartachadh? Ge b’ e do bheachd air Fionnlagh tha e air a bhith a’ toirt sùil air suidheachadh min-chànain eile air feadh an t-saoghal far a bheil adhartas feumail a’ dol air adhart agus ‘s ann as a sin a tha a cuid beachdan stèidhichte. A-rèir coltais rinn Bòrd na Gàidhlig an aon rud gus am plana aca a chur air dòigh ach feumaidh mi aideachadh chuala mi bho eòlaiche gu robh am plana aca a’ crochadh gu mòr air a’ phlana chuimris. Tha ceist aig Fionnlaigh, ‘ma bhios sibh ag ionnsachadh Gàidhlig, dè an ceann-uidhe a th’ agaibh?’ ’S e deagh cheist a th’ ann an sin nach e?. Carson a tha sinn ag ionnsachadh Gàidhlig? Uill bìdh adhbharan pearsanta aig a h-uile fear no tè againn ach bidh sinn uile airson a’ chànan a shàbhaladh, nach bi? An e sin a’ phrìomh amas aig a’ bhòrd bhrath seo. An tèid e a dhèanamh? Am bi na h-oidhirpean againn gu mòran feum? Cia mheud luchd-ionnsachaidh a tha tighinn gu buill?. Aon as gach ceud, no nas lugha na sin? Tha Art MacCormaig a-mach air ciamar a dh’adhbharachadh plana Fionnlaigh ‘ghetto’, uill a bheil ‘ghetto’ againn ann an seo – Ghetto ‘mas fhìor’ luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig far nach eil na buidheann oifigeach a’ gabhail ùidh. Carson nach do chuir a leithid Clì Gàidhlig rudeigin ris an canar ‘Fòram na Gàidhlig’ an àirde? Tha sin beò ann an saoghal far a bheil daoine a’ sùileachadh ‘Eadar-lìn 2’, (web2 mar a chanas iad – ‘s e sin ri ràdh goireasan ‘inter-active’ agus chan eil luchd ionnsachaidh na Gàidhlig diofraichte bho duine sam bith eile a tha a’ cleachdadh an t-eadar-lìn). ’S e seo an t-àite far a bheil sin a’ tighinn gus beagan Gàidhlig fhaighinn. Tha criomagan Gàidhlig ri fhaighinn faisg air làimh airson feadhainn dhinn taobh a-muigh air falbh bho na coimpiutaran. An dà chuid air a’ phrìomh sràid ‘s docha agus air an eadra-lìn ma bhios sibh fortanach gu leòr. Chan eil sin ri fhaighinn airson a h-uile duine ge-tà, dhaibhsan chan eil ach na goireasan air loidhne gus beagan Gàidhlig a thogail. Leis a sin a bheil sinn a’ tuigsinn dè tha a’ cur piseach air smaointinn Fionnlaigh. A bheil feadhainn dhinn ro luath gus a bhith ga chàineadh gun a bhith a’ toirt sùil mionaideach air cùisean a thaobh ciamar a soirbheachas ath-thilleadh gluasad cànan.

A-nis a bheil Plana Bòrd na Gàidhlig a faighinn air adhart? A bheil iadsan a’ neartachadh coimhearsnachdan Gàidhlig? Tha tuilleadh clann ag ionnsachadh Gàidhlig sna sgoiltean a-nis ach a bheil iad ga chleachdadh taobh a-muigh geataichean na sgoile agus tha soidhnichean spaideil dà-chànanach rim fhaicinn faisg air puirt-adhair Inbhir Nis ach an e sin gu leòr? Gu ruige seo tha mise air a bhith taiceil don Phlana aig Bòrd na Gàidhlig agus bidh mi a’ cumail a’ dol leis an taic ud ach cuin a bhios sinn a’ faicinn fìor thoradh às? Feumaidh mi aideachadh tha amharas agam gum bi Plana na Gàidhlig ro anmoch airson a’ chanain ann an Inbhir Narann. Sgrìobh mi mu a dheidhinn agus faodaidh sinn sin fhaicinn air an duilleig seo.
'Ath-thilleadh gluasad cànain ann an Inbhir Narann:
cothrom a tha a’ dol a-mach à sealladh?'
http://docs.google.com/View?docid=dcwcj74b_32f5nchjdh

Tha Gàidhlig fhathast a’ crìonadh, gu dearbh tha clann a’ dol dhan na sgoiltean Gàidhlig, ach cait a bheil an coimhearsnachd Gàidhlig às dèidh na sgoiltean agus obair an latha ri chùl aig na buidhinn Gàidhlig? Leis a laigse a tha sin am biodh dad ceàrr ann nan robh Plana B a’ ruith aig an aon àm? Carson a bu choir monopolaidh a bhith aig duine sam bith? Ma bhios feadhainn airson coimhearsnachd ùr a chruthachadh dè a tha ceàrr le sin.
Leig leotha a’ dol air adhart ann an stoidhle sam bith a thogras iad. ’S e sin am beachd a tha agamsa co-dhiù.