Plana Fionnlaigh no Plana Bòrd na Gàidhlig – Dè dìreach a tha an diofar eadarra?

Rudeigin a sgrìobh mi thall aig fòram na Gàidhlig

Tha Fionnlagh airson coimhearsnachd Gàidhlig ùr a chruthachadh, coimhearsnachd fa leth bho shaoghal na Beurla far am biodh làimh an uachdar aig a’ Ghàidhlig. ’S e sin an sealladh a tha aige airson ath-thilleadh gluasad chanain a choileanadh. Agus cho fad’ s as aithne dhomh ‘s e a’ phrìomh amas aig Bòrd na Gàidhlig gus coimhearsnachdan Gàidhlig a neartachadh? Ge b’ e do bheachd air Fionnlagh tha e air a bhith a’ toirt sùil air suidheachadh min-chànain eile air feadh an t-saoghal far a bheil adhartas feumail a’ dol air adhart agus ‘s ann as a sin a tha a cuid beachdan stèidhichte. A-rèir coltais rinn Bòrd na Gàidhlig an aon rud gus am plana aca a chur air dòigh ach feumaidh mi aideachadh chuala mi bho eòlaiche gu robh am plana aca a’ crochadh gu mòr air a’ phlana chuimris. Tha ceist aig Fionnlaigh, ‘ma bhios sibh ag ionnsachadh Gàidhlig, dè an ceann-uidhe a th’ agaibh?’ ’S e deagh cheist a th’ ann an sin nach e?. Carson a tha sinn ag ionnsachadh Gàidhlig? Uill bìdh adhbharan pearsanta aig a h-uile fear no tè againn ach bidh sinn uile airson a’ chànan a shàbhaladh, nach bi? An e sin a’ phrìomh amas aig a’ bhòrd bhrath seo. An tèid e a dhèanamh? Am bi na h-oidhirpean againn gu mòran feum? Cia mheud luchd-ionnsachaidh a tha tighinn gu buill?. Aon as gach ceud, no nas lugha na sin? Tha Art MacCormaig a-mach air ciamar a dh’adhbharachadh plana Fionnlaigh ‘ghetto’, uill a bheil ‘ghetto’ againn ann an seo – Ghetto ‘mas fhìor’ luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig far nach eil na buidheann oifigeach a’ gabhail ùidh. Carson nach do chuir a leithid Clì Gàidhlig rudeigin ris an canar ‘Fòram na Gàidhlig’ an àirde? Tha sin beò ann an saoghal far a bheil daoine a’ sùileachadh ‘Eadar-lìn 2’, (web2 mar a chanas iad – ‘s e sin ri ràdh goireasan ‘inter-active’ agus chan eil luchd ionnsachaidh na Gàidhlig diofraichte bho duine sam bith eile a tha a’ cleachdadh an t-eadar-lìn). ’S e seo an t-àite far a bheil sin a’ tighinn gus beagan Gàidhlig fhaighinn. Tha criomagan Gàidhlig ri fhaighinn faisg air làimh airson feadhainn dhinn taobh a-muigh air falbh bho na coimpiutaran. An dà chuid air a’ phrìomh sràid ‘s docha agus air an eadra-lìn ma bhios sibh fortanach gu leòr. Chan eil sin ri fhaighinn airson a h-uile duine ge-tà, dhaibhsan chan eil ach na goireasan air loidhne gus beagan Gàidhlig a thogail. Leis a sin a bheil sinn a’ tuigsinn dè tha a’ cur piseach air smaointinn Fionnlaigh. A bheil feadhainn dhinn ro luath gus a bhith ga chàineadh gun a bhith a’ toirt sùil mionaideach air cùisean a thaobh ciamar a soirbheachas ath-thilleadh gluasad cànan.

A-nis a bheil Plana Bòrd na Gàidhlig a faighinn air adhart? A bheil iadsan a’ neartachadh coimhearsnachdan Gàidhlig? Tha tuilleadh clann ag ionnsachadh Gàidhlig sna sgoiltean a-nis ach a bheil iad ga chleachdadh taobh a-muigh geataichean na sgoile agus tha soidhnichean spaideil dà-chànanach rim fhaicinn faisg air puirt-adhair Inbhir Nis ach an e sin gu leòr? Gu ruige seo tha mise air a bhith taiceil don Phlana aig Bòrd na Gàidhlig agus bidh mi a’ cumail a’ dol leis an taic ud ach cuin a bhios sinn a’ faicinn fìor thoradh às? Feumaidh mi aideachadh tha amharas agam gum bi Plana na Gàidhlig ro anmoch airson a’ chanain ann an Inbhir Narann. Sgrìobh mi mu a dheidhinn agus faodaidh sinn sin fhaicinn air an duilleig seo.
'Ath-thilleadh gluasad cànain ann an Inbhir Narann:
cothrom a tha a’ dol a-mach à sealladh?'
http://docs.google.com/View?docid=dcwcj74b_32f5nchjdh

Tha Gàidhlig fhathast a’ crìonadh, gu dearbh tha clann a’ dol dhan na sgoiltean Gàidhlig, ach cait a bheil an coimhearsnachd Gàidhlig às dèidh na sgoiltean agus obair an latha ri chùl aig na buidhinn Gàidhlig? Leis a laigse a tha sin am biodh dad ceàrr ann nan robh Plana B a’ ruith aig an aon àm? Carson a bu choir monopolaidh a bhith aig duine sam bith? Ma bhios feadhainn airson coimhearsnachd ùr a chruthachadh dè a tha ceàrr le sin.
Leig leotha a’ dol air adhart ann an stoidhle sam bith a thogras iad. ’S e sin am beachd a tha agamsa co-dhiù.