Chan eil ann ach aon dòigh-beatha...agus...

...’s e sin an tè agad fhèin!
Nach mìorbhaileach YouTube! A-nochd chuir iad nam chuimhne achadh shìos ann an Somerset, 1994, air feasgar ciùin san ògmhios agus deagh leann-ubhail, fad ’s a bha bharrachd air 100,000 dhaoine a’ dannsadh. Tapadh leibh YouTube, tha thusa a’ dèanamh croin mhòir air an luchd-gnothaich telebhisean tha mi cinnteach as.

Rudeigin a leugh mi

Tha mi air a bhith a’ leughadh rudeigin a sgrìobh tè ris an canar Julia Kristeva agus tha mi an dòchas gun chuir mi deagh eadar-theangachadh air. Co-dhiù bha i a-mach air cuspair a tha gu math doirbh ach saoilidh mi gun tog i deagh phuing. Dè do bheachd? Sgrìobh ise:

'Air dhòigh ‘s gu bheil eadar-dhealachadh eadar creideamh agus a fhìor iomall-fiadhaich, cha bu chòir do sin bacadh sam bith a chur oirnn ann a bhith a’ sgrùdadh gun fhearg agus gu tur soineanntachd – na drochaidean eadar an dà chuid. Ri linn ‘s gur e le beagan rannan de h-aon de na gnàth-theagasgan ud na inntinn nuair a tha ceannairceach a’ spreadhadh plèana agus chan e le sonàta de Mhozart, earrann de Shakespeare no dealbh a chaidh a pheantadh le Picasso! '

Qu’il existe une différence entre une religion et son intégrisme ne devrait pas nous empêcher d’examiner – sans acharnement et en toute sérénité – les passerelles entre les deux. Car c’est avec quelques versets d’un de ces dogmes dans l’esprit qu’un terroriste fait sauter un avion, et non pas avec une sonate de Mozart, un vers de Shakespeare ou un tableau de Picasso !

Scottishblogs.com ga bhiadhadh le Tìr nam Blòg

Mothaich mi gu bheil Scottish blogs.com a’ gabhail a-steach ‘biadh’ bho Thìr nam Blòg. Sin thu fhèin ScottishBlogs.com 's e math a rinn thu! Tha sin uabhasach fhèin math nach eil? Tha a h-uile càil a sgrìobhas sinn a' nochdadh am measg na tha na blogairean eile ann an Alba a’ sgrìobhadh (sa bheurla). Leis a sin bidh daoine air loidhne a’ faicinn gu bheil Gàidhlig fhathast gu math beò.
Rudeigin eile, nach e math gu bheil Caoimhinn (Bard a’ Bhroadband) nar measg leis a bhlog ‘tha feum agam oirbh uile’ Fàilte chridheil ort a charaid! Sgrìobh thugainn, sgrìobh thugainn! Sgrìobh thugainn gun dail! Tha do chuid bhardach a' còrdadh rium gu mòr.

Air mo bhocsa corn-flakes

Tha mi air a bhith air mo bhocsa-siabainn an diugh agus mo bhocsa-gràin (cereal?) cuideach le rudeigin a sgrìobh mi air bhòrd bhrath eile a thaobh an àrainneachd. Gheibh thu deasbad inntinneach ann a sheo. Ach seo na sgrìobh mi:

Tha an luchd-politigs ann a sheo a-mach air an àrainneachd. Chan eil iad a’ dhèanamh dad ach tha iad a-mach air an àrainneachd. An darna turas a chuala sin a leithid thàinig e bho Mhairead Thachter agus air sgath ‘s sin fhuair am partaidh Uaine 15% san tagadh eòrpach ach tha d’fhuair ball sam bith dhiubh a-steach (cha robh siostam riochdachaidh co-roinneil’ againn aig an àm ud ann am Breatainn ma a bha e airson a h-uile dùthaich eile san taghadh eòrpach sin.)
Ok ma tha, tha iad a’ bruidhinn mu a dheidhinn agus tha mòran dhinn a’ cur stuth san bocsaicean ath-chuartachadh ach seall taobh thall an saoghal. Tha na h-Innseachan agus Sìne airson a gabhail pàirt aig an aon ìre coltach rinn. Nan robh càraichean aca mar a tha againn mar eisimpleir cha bhiodh mòran air fhàgail den t-saoghal. Ach fuireach mionaid de a tha iad a’ lorg, dhomhsa tha iad a’ sireadh an t-aon seòrsa mhearachdan a rinn sinn. Sa dhearbh madainn seo leugh mi rudeigin a tha a’ mìneachadh dè a tha dol air adhart san taobh an iar.

‘S e geàrr-chunntas a leugh mi co-cheangailte ri fear ris an canar Guy Debord agus tha mi an dòchas gun d’rinn mi eadar-theangachaidh math air.

‘Chan eil ann an daoine ach innealan den eaconamaidh, chan eil sealbh aca aig na miannan fhèin. Tha miannan air an cruthachadh dìreach mar a tha am bathar a tha ga chruthachadh airson na miannan ud a riarachadh. Tha sinn a’ caitheamh dìreach airson ar feumannan a choilionadh ach gun fhios dhuinn nach eil ann na tha sinn a’ coimhead air mar ‘feum’ ach rudeigin a tha air a dhèanamh mar bhreug.’

(chleachd an t-ùghdar ‘artificially’ ach chleachd mise breug na h-àite, chan eil mi a’ faicinn facal gàidhlig air a shon)

Co-dhiù chàirdean tha mi ag aontachadh gu mòr le sin agus cha bhi sinn a riamh a bhith a’ dèiligeadh leis na trioblaidean cunnartach a tha againn a thaobh an àrainneachd no dad sam bith eile gus am bi sin mar ghnè a’ toirt sùil air na tha ceàrr aig cnag na cùise an-diugh.

Ma dh’fhaoidte nach bi sibh ag aontachadh leum ach tha mise den bheachd na ann an a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig tha mi an sàs de rudeigin a tha pàirt den saoghal a tha againn an-diugh ach a tha aig an aon àm fhathast pìos beagan taobh a-muigh bhon mòran den mhearachdan. Chan eil mi cho gòraich ‘s a bhith a’ meòrachadh gum bi Ghàidhlig a’ sàbhaladh a’chruinne-cè ach tha i gu dearbh dìreach aon de na rudan nach bu chòir dhuinn a bhith a sheachnadh. Ma thèid sinn air adhart ann a bhith a’ tilgeil a h-uile càil a tha àlainn dhan t-sitig chan eil àm ri teachd againn a bhios gu mòran feum idir.

Tha mise fhathast a’ creidsinn gur e air an oidhche Latha-Luain a tha sinn, chan eil mòran diofar ann bhon an latha a sgrìobh Barry McGuire an t-òran ud o chionn 40 bliadhna, uill tha Tesco’s mòr, mòr againn ann an Inbhir Nis agus tha e beagan nas blàithe, b’ ann an raoir a thuit mòran den dhuilleagan, Disathairne 18mh den t-Samhain 2006
Cùm sinn oirnn ge-tà, cùm sinn oirnn...

Cearcall còmhraidh air skype

A bheil speakers agus microfòn air a’ choimpiutar agad? Carson nach cuir skype air? Leis a sin dh’fhaodadh tu a bhith bruidhinn Gàidhlig le duine sam bith aig am sam bith ma bhios skype aca cuideachd. Tha an àireamh de dhaoine a tha a’ cabadaich sa Ghàidhlig air loidhne a’ sìor dhol am meud dìreach ma a tha cùisean sa’ Ghàidhealtachd ‘mas fhìor’ san fharsaingeachd. Ma tha thusa a’ lorg beagan conaltraidh air loidhne agus tha fhathast Skype agad, carson nach cuir d’ainm skype air an t-sreath seo aig Fòram na Gàidhlig agus ann an ùine nach bi fada tha a h-uile coltais ann gum biodh cuideigin a’ cur skype thugad. ‘S e Fòram air leth a th’ ann an FnaG agus dìreach ma a tha e ann an Tìr nam Blòg ‘s e àite eadar-nàiseanta a th’ ann.

Trì blogaichean eile

Thug mi sgrìob eile air loidhne a-raoir agus thachair mi air blogaichean eile. Chuir mi iad air an liosta a tha agam. Airson adhbhar air choireigin chan eil a h-uile blogair deònach a bhlog a’ cur a-steach don Tìr nam Blòg no ma dh’ fhaoidte nach bi iad eòlach air an làrach sgoinn eil ud ach ma tha blog Gàidhlig agad chan eil ach do bhlog a chur a-steach air 'aonaich leinn' aig TnamB.
Co-dhiù, tha
An Liosta caran seann fhasanta an taca ri Tìr nam Blòg, bidh a h-uile càil a’ fosgladh ann an cèisean (frames), gu dearbh ‘s e an dàrna lìog a th’ ann ach tha mi a’ cumail a’ dol leis.
Seo na blogaichean a chunnaic mi:
Cainnt gun bhrìgh, Am Blog agus Puxill

Co-labhairt Nairobi air blàthachadh na cruinne


Dè ur bheachd fhèin? Sin a’ cheist a tha Micheal a’ cur oirnn thall an Schottisch-Gaelisch. Dh’fhaighnich e: Dè a' bhuaidh a bhitheas aig blàthachadh na cruinne air a' bheatha againne? Agus am bi cùisean ag atharrachadh gu mòr neo am faicear gun do thòisich sin mar-thà?
‘S e deagh chothruim agaibh ur beachd a chur a-steach air a’ chuspair chudromach seo sa Ghàidhlig. Seo far am faigh thu an t-sreath. Faodaidh tu do chuid sgrìobhaidh a chur a-steach gun ainm, chan eil agad a bhith nur ball den bhòrd bhrath seo. ‘S e làrach air leth a th’ann an Schottisch-Gaelisch.
blàthachadh na cruinne a’ toirt droch bhuaidh air an t-siostam rathaidean?
Dealbh Ray Haych

Blog Ruiseanach sa Ghàidhlig agus feadhainn eile

Uill, thachair mi air blog eile an-diugh: Blòg Gàidhlig beag . Carson nach tèid sibh ann agus cuir fàilte chridheil air Andrei tha esan a' fuireach anns an Ruis. Tha mi an dòchas gun cuir e a bhlog a-steach Tìr nam Blòg ann an ùine nach bi fada. Sin thu fhèin Andrei. Abair coimhearsnachd eadar-nàiseanta a th’ againn ann a sheo!
Agus an uair sin chunnaic mi Elish agus Eli. Tha Elish ag ionnsachadh Gàidhlig agus tha e math fhèin a bhith faicinn neach ionnsachaidh eile a sgrìobhadh blog sa Ghàidhlig.
Mu dheireadh thall chaidh mi a-steach 'Corra Smuain' (Beachdan air na tha a' tachairt anns an t-saoghal) agus 's e fìor deagh sgrìobhaidh a th' ann.

Teintean a' Cheitein 1968

'Les pluies d’août semblait avoir change les feux de mai en restes abandonnées sur là voirie.'

‘Bha e mar gum biodh coltais truileis gan chuir dhan t-sitig air teintean a’ Chèitein, as dèidh frasan an Lùnastail.'

Mìcheal de Certeau La Prise de là Parole 1968



Tha mi an dòchas gun do chuir mi deagh Ghàidhlig air sin agus nach d’rinn mi eadar-theangachaidh ro sgriosail. Ma dh’fhaoidte gum bhiodh beachd agaibhse leis a sin?
Tha mi a’ dèanamh cùrsa a tha air leth inntinneach aig Oilthigh Obar Dheathain a tha a’ toirt orm a bhith meòrachadh air cuspairean feallsanachd ceangailte ris an Fhraing. Feumaidh mi aideachadh nach eil mi a’ tuigsinn a h-uile càil ach tha e a’ còrdadh rium gu mòr, mòr. ‘S e ‘
Contemporay French Thought ‘ a t-ainm a th’ air a’ chùrsa. Ma sheallas tu air na tachartasan ann am Paris (1968) agus ciamar a tha daoine a’ beachdachadh air sna làithean seo tha sin a’ toirt orm a bhith smaoineachadh ciamar a bhios muinntir an àm ri teachd a bhith saoilsinn oirnn ann an 2046. Cò aig a tha fios, ma dh’fhaoidte gum bi mi fhathast ann gus am bi faighinn a-mach!

Bidh mise a’ dol gu Inbhir Nis Disathairne ‘sa tighinn

Tha fhios agam far am bi mise a’ dol Disathairne ‘sa tighinn le beagan airgid nam phòcaid. Am bi duine sam bith eile ann an Inbhir Nis aig an àm sin? Seo carson a bhios mise a’ tadhail air a bhaile mhòr. Tha an Ionad Spectrum aig teas-mheadhan a’ bhaile ri taobh stèisean nam busaichean.

Bùth Bheag Ghàidhlig
Disathairne 18 An t-Samhain,
Ionad Spectrum,
Inbhir Nis 12 – 4fSaturday
Bidh Foram Gàidhlig Inbhir Nis a toirt cothrom dhuibh leabhraichean agus CDs Gàidhlig a cheannach ann an deagh àm airson na Nollaige, le taic bho Chomhairle nan leabhraichean, aig 2f bidh taisbeanadh ann bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig mu deidhinn làrach-lìn ùr dha pàrantan a th' aca www.gaelic4parents.com Agus…. Bidh ceòl ann agus cur-seachadan airson na cloinne a' ruith fad an fheasgair.

Tuilleadh bho Utube

Abair goireas air leth a th’ ann an YouTube. Ge b’ dè a’ togail d’ùidh bidh rudeigin air an làrach aca. Tha e math a bhith faicinn gu bheil an ‘joie de vivre’ sònraichte a tha ri fhaighinn sna h-eileanan air nochdadh na broinn.
Tha mi duillich. Thug mi às an ceangal dhan bhid sin, fhuair mi gearan nach robh e eibhinn. Chuir mi fear eile na àite nach biodh connspaideach idir.

Gleann nan sìthiche

Chaidh sinn a-null dhan Eilean Dubh an diugh agus beagan os cionn Ròs maircnidh choisich sinn dhan ghleann nan sìthiche. Cha robh iad ann ge-tà ach mar a rinn mìltean de dhaoine eile, thug sinn tabhartas dhaibh gus an cumail ann an deagh shunnd.

Sgrìob suas a' phrìomh shràid

Thog mi grunn dhealbhan an diugh. Cha robh e ro fhuar agus leis a sin cha robh cus cabhaig air daoine. Chunnaic mi fear a bha mi eòlach air, dh’èigh e dhomh san dol seachad: ‘A bheil thusa a feuchainn ri m’anam a ghoid.’ ’S e duine gasta a th’ann, làn spòrs agus fealla-dhà, air a bheò ghlacadh le Bob Dylan, pàirt den cheann aige fhathast beò sna trì ficheadan. ‘S fìor thoil leam Inbhir Narann, tha e na Disneyland an taca ri mòran àiteachan eile.