Chaidh an doras a dhùnadh

Saoilidh mi gum bi sibh eòlach air Mòrag, rinn ise an cùrsa bogaidh ann an Inbhir Nis agus bha dùil aice a dhol air adhart dhan Chùrsa Chomais sa bhliadhna sgoilearachd 2006/07. Chan eil ach aon cnap-starra aice gu mì-fhortanach, fhuair Colaiste Inbhir Nis cuidhteas de na cùrsaichean Gàidhlig a bh’ aca. Chan eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn aig an ìre-se sa phrìomh bhaile na Gàidhealtachd a-nis.

Bidh an nighean aig Mòrag a’ dol dhan aonad Gàidhlig aig Millbank Inbhir Narann agus tha Mòrag an sàs den chòisir Ghidhlig Inbhir Narann agus a’ Chròileagan. Ma nochdas cothrom dhi a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig ri na Gaidheil agus luchd-ionnsachaidh eile anns a’ bhaile gabhaidh ise e. Nach e tàmailteach nach eil cothrom aice a thoirt a cuid fhoghlaim gu buil. Tha fhios agam gu bheil Bòrd na Gàidhlig againn a-nis agus tha pailteas cùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr agus tha iad a’ dèanamh film sa Ghàidhlig msaa, ach am biodh dòigh sam bith airson beagan taic a thoirt dhan a leithid Mòrag sa coimhearsnachd fhèin– tè a tha dèonach a thoirt a h-uile taic a ghabhas dhan a chanain, chan eil i a’ lorg ach a’ chothrom a bhith a’ gabhail pàirt ann an saoghal na Gàidhlig ann an dòigh èifeachdach.

A bheil sibhse ag aontachadh leam?

Às dèidh frasan thàinig a’ ghrian

Air La leth an t-samhraidh shìos gu deas agus cha robh a h-uile duine air am beò ghlacadh leis a’ bhall choise. Bha beagan uisge ann agus bha e caran fuar fad an h-oidhche. A rèir coltais bha 17,000 an làthair an turas seo agus bha iad h-uile ann an fior dheagh shunnd. Bha a’ ghrèin caran anmoch ach abair toileachas air an àite nuair a bhuail gathan na grèine air teas meadhan nan tursachan Stonehenge. Gun teagamh bha deoch air feadhainn dhaibh agus bha boladh milis na cainb crochadh san adhair ach bha rudeigin sònraichte a’ dol air adhart. Tha an t-àite seo fhathast tarraingeach mar a bha e o chionn fhada agus bidh e gu bràth siorraidh, tha mi cinnteach às. Chuir a h-uile duine fàilte air a’ ghrèin agus an uair sin thill iad dha na beathaichean àbhaisteach aca le spiorad làidir nan cridheachan.


La leth an t-samhraidh

Coisir Ghàidhlig nan Lochan

Uill thuirt mi nach cuireadh mi tuilleadh bhideos air Tìr nam Blòg ach thachair mi air bhideo anabarrach math. Rinn fear ris an canar Angus Keoese e agus chuir e air a làrach aig Youtube e.

Thachair mi air 'Sgudal sgoinneil'

Uill nach do thoisich Gun Chloc seòrsa audioblog a-nis agus tha e a' dol ris an canar 'Sgudal sgoinneil'. Tha e math a bhith a’ faicinn neach-ionnsachaidh eile a’ cleachdadh teicneolais air loidhne. Saoilidh mi am biodh an làrach sin ag obrachadh air Tìr nam Blòg agus a bhith sealltainn mar na blogaichean eile? Seo blas dheth dhut.


dèanta le ODEO airson Gun Chloc

Tha mise air a bhith dripeil trang ri sgudal cuideachd. An àite a bhith a’ cur cus bhideos air Tìr nam Blòg chuir mi air dòigh blog dìreach airson a leithid truileis. Seo Blog nam Bhideos agad.

Oidhche mhath

Uill rinn mi Bhideo ach chan eil e gu mòran feum.

Tha daonnan rudeigin ùr a bhith a’ feuchainn air an t-eadar-lìn nach eil?

Podcast eile

Saoilidh mi gum bi feadhainn dhiubh eòlach air ‘Gun Chleoc’ o Hamburg, uill tha gun chleoc ris na podcasts a-nis agus gheibh thu iad aig an t-sianal 0deo seo. Tha mise dhen bheachd gun d’rinn GC math.

rinn sinn sgrìob sìos dhan tràigh

Chunnaic sinn a’ Ghearmailt a’ dèanamh a’ chùis air Costa Rica 3-2 agus an uair sin rinn sinn sgrìob sìos dhan tràigh. Chaidh sinn tron phàirc ris an canar Viewfield. Tha muinntir Inbhir Narann gu math pròiseil àiste, nuair a bha a’ Chomhairle airson pàirc càraichean a chur air pàirt dhith sgrìobh bharrachd air 450 dhaoine litrichean fianais agus cha deach am plana ud air adhart. Air feasgar brèagha samhraidh tha e dìreach àlainn nuair a tha a’ ghràin a’ toirt boillsgidhean òir tro na craobhan.