Càirdeas

Seo rudeigin a sgrìobh mi air Fòram na Gàidhlig an diugh.




‘S math a rinn CF gu dearbh nuair a chuir e an t-àite seo air loidhne. Thàinig e beò gu math luath agus dhomh-sa tha sin ri linn a’ chàirdeas a tha eadarainn air loidhne, rudeigin nach robh am maighstir-lìn san t-seann dùthaich a’ tuigsinn saoilidh mi.
Uill air sgath’ s sin rinn mi na gifs seo agus chuir mi anns an side-bar air mo bhlog iad. Chan e rocket-science a th’ ann an sin ach a h-uile turas a thèid mi a-steach an template bidh mi a’ putadh air ‘preview’ mus atharraich mi e. Airson ceangail a chur anns na gifs tha agad pìos code a cleachdadh. Cuir mi aig bonn an teachdaireachd seo e agus ‘s e sin ciamar a rinn mi e air mo bhlog fhèin. Chan eil fhios agam ma bhios ùidh agad an aon rud a dhèanamh no a bhith taisbeanadh nan seòlaidhean ud ann an dòigh sam bith eile ach dhomh-sa tha e follaiseach gum bheil sinn uile deònach a bhith ag obrachadh ri chèile airson Gàidhlig a brosnachadh agus mar sin bhiodh e nas fhurasda luchd-ionnsachaidh eile a’ tarraing a-steach, agus gan stiùireadh dhan àiteachean far a bheil an t-ùidh agus feumannan as motha aca. Dè do bheachd?

Facal Brezhoneg: Morvleiz

Dh’ ionnsaich mi facal Brezhoneg an diugh agus chuir e nam chuimhne na tachartasan anns an t-seann dùthaich (SG.org). Chunnaic mi am facal ‘morvleiz’. Tha e a’ tighinn bhon fhacal ‘mor’ (muir) agus facal eile ‘bleiz’ (madadh-allaidh) agus tha e a’ ciallachadh ‘siorc’ sa Ghàidhlig.
Chuala mi gu robh cuideigin eile airson an t-seann dùthaich (SG) a cheannaich. ‘S e seòrsa de neach-iomairt (entrepreneur) a th’ ann agus tha e a’ dol ris an canar Del Trotter. Seo dealbh dheth.

Cuir sin an aghaidh na fàilte ri fhaighinn ann an Codiac

Ma dh’fhaoidte chunnaic thu am pìos a sgrìobh Chuc mu dheidhinn na fàilte a fhuair na saighdearan nuair a thill iad gu Codiac bho Iarac. Cuir sin an aghaidh ciamar a tha an riaghaltas againn a’ dèiligeadh leis na saighdearan agus daoine bhon Fheachd an Adhair a’ buntainn bho campaichean taobh a tuath na h-Alba, nuair a thilleas iadsan.
Bidh na h-itealain aca a’ dol gu Brize Norton san t-Siorrachd Oxford shìos ann an Sasainn. Às dèidh sin bidh busaichean gan giùlain 600 mìle. Saoil sin, sia mìosan thall thairis agus air a bhith fulang a h-uile dragh agus èiginn a ghabhas, seachd searbh sgìth agus ag ionndrainn nan teaghlaichean aca gu mòr.
Co-cheangailte le sin chan eil an riaghaltas a’ tuigsinn carson nach eil daoine deònach a’ dol a-steach an arm? A-nis tha Afghanistan air fàire a dh’ aindeoin am beachd aig mòran den oifigearan gur e pròiseact seachad air na comasan aca air sgath ‘s gu bheil na feachdan againn an cheana a’ dhèanamh cus.

Beatha, an cruinn-cè agus Savegaelic.org

Leugh mi an sanas air na Fòrams SG an t-seachdain seo chaidh airson casino didsiotach agus Poker agus nach robh a’ chiad cheud dolairean taobh a staigh an t-àite ud gad thairgsin saor an asgaidh dhut mar ghibht: ‘S e gibht a th’ ann an sin a chuireas iomadh beatha a sgrios saoilidh mi. Nuair a bha mi anns an arm chunnaic mi beatha charaid agam a’ tuiteam a-mach às a chèile air sgàth ‘s cheàrrachas agus a bharrachd air sin dh’ ionnsaich mi ciamar a tha Poker buailteach droch rùn a thogail sa h-uile ceàrn . Leis a sin sgrìobh mi air a bhòrd bhrath: ‘tha mi duilich, ach tha mi a-mach a seo.’
Theich mi gu dearbh agus s’ dòcha gum bi an sgeulachd seo a’ mìneachachadh dhut barrachd air mo phearsa fhèin na tha e air na Fòrams aig Savegaelic.org. Tha deagh cheist eile ri fhaighneachd: ‘Carson nach do rinn thu gearrain ro-làimh a thaobh an sanas airson Ladbrokes?’
Uill tha coltas air an sanas ud dìreach mar a tha e air a’ bhùth aca air an t-sràid àrd. Faodaidh tu ga sheachnadh agus chan eil duine sam bith na sheasamh taobh a-muigh a’ feuchainn ri $100 a thoirt dhut airson do thighinn a-steach.
Mar sin rinn mi co-dhùnadh sa bhad nach robh mi deònach a’ cumail orm mar moderator agus leis na chunnaic mi sa mhadainn seo air an làrach SG feumaidh mi a ràdh gur e deagh cho-dhùnadh a rinn mi. Ged’ s a tha mi fhathast a’ nochdadh air na fòrams mar moderator chan eil mi deònach a bhith ceangailte ris ann an dòigh sam bith agus chur mi teachdaireachd ga mhìneachadh dhan ‘owner’ an t-seachdain seo chaidh cuideachd.
Bha cuisean eile a’ cur dragh orm a thaobh SG agus bha h-amas agam a bhith a-mach air sin ach chan eil e cudromach a-nis. Tha an làraich ud ri reic. Cha cheannaicheadh mise e.

Tha a h-uile càil a’ tighinn beò a-rithist

Dhomh-sa tha e uabhasach fhèin tlachdmhor nuair a chì mi a’ chiad ghealag-làir a’ nochdadh. Bidh i a' briseadh a-mach làn dòchais agus deònach a cuid obrach a dhèanamh gun cheist. Mar chorrag a bhios a‘ tomhadh ris an t-samhradh. ‘S e gibht gheal shònraichte eile a th’ innte. Tha e math gu bheil rudeigin ann a tha fhathast ruith mar bu chòir.

Tha sinn air fàs cho beag-sealladh?

Tha mi air a bhith leughadh Aonghais MhicDhòmhnaill anns a’ cholbh aige sa Phress & Journal agus feumaidh mi a ràdh gu bheil mi ag aontachadh leis – Dia ann no às. Thuirt e:
Tha sinn air fas cho beag-sealladh, agus cho mosach agus nach eil sin deonach coimhead air taobh a muigh a starsaich again fhin. Tha an ceathamh beatha th’ againn an diugh dha’r crodadh a steach a bhailtean, far a bheil beatha mhi-nadurrach againn. Tha sinn air ceangail a chall ri fearann, ri nabachd agus co-chomunn, agus mar a bith sinn ur ceangail ris an Dia a mhain a bheir dhuinn beatha am paillteas.
Bha Aonghais a-mach air poileataics cuideachd agus ciamar a tha a h-uile càil ceangailte ris fhathast cho grod sa bha e ann an 2005. Thuirt e mu dheidhinn Thearlaich Cheannadaich:
Tha e a’ choimhead uamhasach coltach ris g’eil na h-uaislean mu dheas air tuigse mu dheireadh thall gur e mac croitear ann a sheo, agus tha e a cuir uamhas orra gun thigh iad e bho thus.

Skol Ober

O chionn ghoirid chunnaic mi làrach-lìn air leth inntinneach. Tha www.skolober.com a’ tathainn cursaichean sa Bhreatannais tron eadar-lìn no san t-seann dòigh le litrichean sa phost. Faodaidh tu ag ionnsachadh Brezhoneg leotha, tro mheadhan na Beurla, na Fraingis no na Catalanais aig an ìre as ìosaile co-dhiù. Às dèidh sinn tha a h-uile càil sa Brezhoneg. Tha cothroman ann cuideachd a bhith ag ionnsachadh Cuimris agus Còrnais tro mheadhan na Brezhoneg. Leis a sin saoilidh mi gur e bochd nach eil cothroman ann a bhith ag ionnsachadh Gaelige agus Cuimris tro mheadhan na Gàidhlig air loidhne.
Tha 80 tidsearan aig Skol Ober agus tha a h-uile fear aca a' toirt a chuid uine seachad gu soar thoileach agus mar sin chan eil na cursaichean cosgail.

'Tha e math a bhith beò’

Thuirt ‘MacanT’ air na Fòrams aig SG.org gum bu chòir dhuinn ‘tha e math a bhith beò’ a ràdh gach latha.
Seo ciamar a bha e mu 1600 a-raoir shìos ri taobh na h-aibhne faisg air a’ chala ann an Inbhir Narann.