A rèir aithisg a leugh mi an diugh tha a h-uile coltas gun tèid mòran den ghàrraidhean ainmeil ann an Alba fo fheur. Dè as coireach? Chan eil gàirnealairean ri fhaighinn ‘s tha a mhòr chuid a tha an sàs san obair taobh a-staigh fichead bliadhna bhon a bhith leigeil dheth an dreuchd. (75 às gach 100). Gu mi-fhortanach tha an suideachadh fada nas miosa na sin, oir chan eil ùidh aig na òigridh a’ sireadh teachd-an-tìr às. Chan eil ach còig às gach ceud de gàirnealairean san làraichean ainmeil ud fo h-aois sia air fhichead.
Sin mar a tha cùisean ach feumaidh mi a ràdh ‘s e beag an t-iongnadh orm.
Tha mi air dà fhichead 's seachd bliadhna a dh’ aois ‘s bha mi nam ghàirnealair aig a’ Chaisteil Chaladair gu 2003 nuair a dh’ fhalbh mi ‘s thog mi a’ chùrsa chomais orm ann an Inbhir Nis. Bha mi a’ faireachdainn sgìth leis. Bha mi air a bhith ag obair san àite bhon 1993 ‘s ged ‘s a bha gràdh orm air na lusanan, na craobhan ‘s an àrainneachd mu chuairt air fad a chaisteil bha mi a’ faireachdainn sgìth leis. Saoilidh mi gur e nàdarrach a bhith fàs nas slaodaiche anns an dol seachad na bliadhnaichean ach bha iad ag iarraidh ort a bhith ag obair aig an luathas as àirde. Tha fhios aig a h-uile duine nach bi thu beartach mar ghàirnealair ach tha an tuarasdal fada air cùlaibh mòran dhreuchdan eile.
Uaireannan bidh gàirnealairean a faighinn taighean soar an asgaidh bhon na h-uachdarain ach, mar sin, a bheil iad riamh saor bhon obair aca? Tha aca beagan a thoirt air ais airson na taighean; a’ cumail sùil air na taighean-glainne aig an deireadh seachdain ‘s amannan eile ‘s an leithid sin. Bha taigh agam fhèin ann an Inbhir Narann ‘s chaidh mi dhachaigh aig leth uair an dèidh còig a h-uile latha ach bha agam a bhith an làthair aon Disathairne ‘s La na Sabaid as gach ceithir. Air sàillibh ‘s gun robh taigh agam fhèin cha robh eagal orm mar an luchd obrach eile ‘s thug sin an saorsa dhomh a bhith trod nan robh rud sam bith th’ ann nach robh ceart: chan eil sin cho furasta ma tha an taigh agad bho smachd an fhastaice agad.
Cha bu toil leam a bhith dealbhachadh rudeigin a bha gu tur dubh: mar a thuirt mi, chòrd an àrainneachd rium gu mòr ‘s bha deagh spors ri fhaighinn leis na gàirnealairean eile. Dh’ ionnsaich mi mòran mu dheidhinn gàrradaireachd ‘s bha cothroman gu leòr a bhith bruidhinn ri luchd-turais bho na ceithir ranna ruadha ach chan fhaca mi Coirstaidh bho Rio nuair a bha i aig a chaisteil. ‘S bochd sin nach eil?
Co dhiù aon latha thuirt Frangach rium: ‘Monsieur, vous allez vivre vieux!’
‘Merci, monsieur’, fhreagair mise.
Tha mòran dhen bheachd gum bi a h-uile gàirnealair a’ mair beò nas fhaide na a mhòr chuid. Tha mi an dùil, tha mi an dòchas gum faigh mi mòran bliadhnaichean eile a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig air sgath ‘s a h-uile càil a tha mi a dhèanamh taobh a-muigh.
Tha mi fhathast a’ dèanamh beagan gàirnealaireachd ach feumaidh mi ag aideachadh cha chreid mi nach eil iad glic na òigridh: a bhith sheachnadh obair cruaidh air latha uabhasach Ghearran taobh a-staigh na glasraich le corragan reòta. .
Ma tha iad ag iarraidh na h-òigridh tarraing a-steach dhen dreuchd bu chòir dhaibh a’ toirt beagan a bharrachd den phrothaidean den luchd-obrachd.
Caisteal Caladair