Lethbhric den Gàidheal Ur (nach maireann)


‘S e goireas air leth a bh’ann am Paipear Naidheachd an Gaidheal Ur. Chaidh a fhoillseachadh eadar 1999 agus 2009. A-nis chan eil sgeul air na PDF’s air an t-seann làrach mar sin seo feadhainn dhiubh taing do Alasdair Bhochd choir (na bhall Fòram na Gàidhlig). Bha 43 iris den phàipear aige. Thug e dhomh mar zip iad agus chuir mi an àirde iad. Seo far am faigh thu iad. Chìthear gu bheil fhathast beàrnan ann agus mar sin ma tha feadhainn eile agad-sa leig fios dhuinn.

An tèid TAIC chun a’ chladha gu socair sìtheil?

Seadh ‘s e suidheachadh truagh truagh th’ann don luchd-obrach, chan e a-mhàin am broinn TAIC ach gheibhear an dearbh rud ann an moran àiteachan eile ann an 2011. ‘S ann leis a roinn poblach an t-àite as fheàrr airson foghlam fo aois na sgoile a-rèir Niall thall an Fòram na Gàidhlig? Uill, feumaidh mi a radh aig an dearbh àm a tha seo tha Comhairle na Gaidhealtachd a’ cur mòran de na dleastanasan aca a-mach dhan roinn phrìobhaideach. Aon uair ’s gu bheil foghlaim Gàidhlig fo aois sgoil air a gabhail os làimh leotha de cho fad 's a dh’fhuiricheas e san roinn ud? Tha fiù ’s obair aig na CABs a’ dol a-mach don chùmhnant as saoire. Rudeigin eile a the ri fhaicinn, cha mhòr nach eil a’ Chomhairle ud tuiteam as a chèile leis na dùbhlain a tha romhpa. Leis a h-uile càil a tha a’ dol as an uinneig, saoil am bi Gàidhlig an rud as cudromach (fiù ‘s aig an cuid chomhairlichean taiceil) nuair a tha an luchd-bhotaidh a’ dèanamh ùpraid air a h-uile càil a tha a’ tachairt sna coimhearsnachdan aca? San t-suidheachadh chunnartach a tha seo b’ fheairrde leis a’ bhorg feitheamh gus am bi iad cinnteach gum bi fhathast comhairle air fhàgail san t-seagh a tha sin cleachdte ris.

Fionnlagh a’ gearain? Uill chan eil mise faicinn ach an t-Ollamh MacMhaoirn ceangailte ris an t-sanas-naidheachd a tha seo agus ‘s e sin duine nach robh mi eòlach gus an do leugh mi a bheachd. Saoil am bi feadhainn eile a’ dèanamh deiseil gus na sràidean digiteach a ghabhail orra? An tèid TAIC chun a’ chladha gu socair sìtheil no am bi guthan agus tàirneanach agus dealanach agus crith-thalmhainn na chois. Ann an ùine nach bi fada bidh sinn a’ faighinn a-mach de co làidir daingeann ‘s a tha freumhan TAIC agus ciamar a than a pàrantan agus luchd-iomairt aca faireachdainn mun chuis. Tha am Bòrd airson corp craoibhe uir a nòdachadh air na freumhan ud. An gabh na freumhan ris?

Aig a’ char as lugha ma dh’fhaoidte gur e cothrom a th’ann do Shoillse oileanach Phd eile fhastadh? Air sgath ’s gun robh an òraid aig Rob coir gu mòr air Mgr Fishman (agus feadhainn eile a rinn tuilleadh rannsachadh stèidhichte air obair Fishman) agus thathar a radh gu bheil Mgr Fishman air a chuid taic a leigeil do THAIC, ‘s e cothrom a tha sin beagan rannsachaidh a dhèanamh san am ri teachd air ciamar a chaidh cùisean as deidh a chaidh TAIC dhan t-sitig. ‘S e sin ri ràdh co a tha a’ toirt urram as motha do Fishman nuair a thig e gun h-aon ‘s gu dha, TAIC no am Bòrd?

Gheibhear tuilleadh aig Fòram na Gàidhlig

Cogadh niuclasach eadar Taic/CNSA agus Bòrd na Gàidhlig?

Fhuair sinn Sanas Naidheachd bho Taic/CNSA agus seo e:
Cathraiche TAIC ag iarraidh deasbad poblach le Ceannard Bhòrd na Gàidhlig

Tha Cathraiche TAIC, Alasdair MacMhaoirn, ag iarraidh air Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh, deasbad poballach a dhèanamh air maoineachadh TAIC. Tha Bòrd na Gàidhlig airson 100% den mhaoineachadh a tha iad a’ toirt dha TAIC a thoirt air falbh, agus na buidhnean a tha a-nis fo TAIC a ghabhail thairis. Tha an co-dhùnadh air càineadh làidir fhaighinn an dà chuid bho phàrantan is eile ann an Alba fhèin, agus bho eòlaichean eadar-nàiseanta air feadh an t-saoghail. Gu ruige seo, cha tug Bòrd na Gàidhlig seachad adhbhar sam bith a th’ air cùl a’ cho-dhùnaidh aca.
Thuirt an t-Ollamh MacMhaoirn, “Gu ruige seo, cha d’ fhuair mi-fhìn no am bòrd againn mìneachadh soilleir mun cheum seo. Dh’ fheuch mi bruidhinn ris a’ Bhòrd aca leò fhèin agus chaidh mo dhiùltadh, thàinig Iain Aonghas MacAoidh dha Bòrd TAIC ach cha tug e seachad mìneachadh sam bith , dh’iarr mi orra tìde a barrachd airson gnothaichean a dhèanamh gu cothromach agus chaidh mo dhiùltadh. ‘S e ceum air ais a th’ ann, agus ceum a bhios a’ cur leasachadh na Gàidhlig ann an cunnart. Tha TAIC a’ riochdachadh phàrantan, agus gu ruige seo ‘s iad na pàrantan agus luchd-iomairt a phut leasachadh na Gàidhlig air adhart bho thùs. Càit robh na daoine a tha a-nis os cionn Bhòrd na Gàidhlig anns na bliadhnaichean dhen t-sabaid sin? Agus a-nis tha iad airson làimh an uachdair fhaighinn! Mar chathraiche TAIC, chan eil ach an aon slighe romham, agus ‘s e sin a bhith a’ toirt solas an là air na iad a’ dèanamh air cùl dhorsan dùinte. Air an adhbhar sin, tha mi ag iarraidh air Iain Aonghas MacAoidh a’ chùise a dheasbad gu poballach, ro dheireadh a’ Ghearrain, aig a’ chàr as fhaide.“

Bhideo Oraid Rab Dunbar - OGE - 14 Dùbhlachd 2010 -

Teòiridh, rannsachadh agus droch-fhaclan eile ann am poileasaidh agus planadh-cànain [Rob Dunbar] from UHI Millennium Institute on Vimeo.

Tuilleadh bhon òraid Rab Dunbar

Thuirt Rob (thall an Facebook) gum bi an teacsa (an dà chuid Gàidhlig agus Beurla) a' nochdadh air Làrach OGE. San eadar-ama ge-tà seo criomag a chuala mise:

"...agus tha cuid de na sgoilearan againne air cliù eadar-nàiseanta air cosnadh mu thràth ach chan eil sin math gu leòr mur a bheil sinn a' cuideachadh ann an ath-leasachaidh na Gàidhlig. Aig deireadh an latha, a dh'aindeoin cho cudromach 's a tha RLS agus a dh'aindeoin cho cudromach 's a tha grantaichean agus duaisean rannsachaidh agus rudan eile, aig deireadh an latha ' s e Gàidhlig as cudromach agus as prìseile agus tha mi an dòchas gum tèid againne air ar cuid sgilean agus ar cuid eòlas a chur gu feum agus a' Gàidhlig a chur air adhart agus a' Ghàidhlig a chumail beò agus tha sinn a' coimhead air adhart ag obair le daoine, cha e dìreach leis na buidhnean ach le daoine sa choimhearsnachd gus seo a thoirt gu buil. "

'S e sin a tha fa-near dha a chàirdean, bhiodh Soillse na bèist caran diofraichte ma soirbheachas e leis a' choimhearsnachd, ma dh'fhaodte gu bheil fiù 's cothrom aig Rob coir drochaid a thogail eadar dà champa, drochaid a dh'fhaodadh moran eile leantainn. Chì sin dè thachras ach bidh e inntinneach a bhith leantainn Soillse agus an cuid obrach aig Rob agus a sgioba gu h-àraidh faighinn a-mach ciamar a tha e airson ‘connsachadh cultair’ a sheachnadh.

Oraid Rab Dunbar - OGE - 14 Dùbhlachd 2010

Bha mi an làthair nuair a bha Rob Dunbar a’ lìbhrigeadh òraid an-dè. Saoilidh mi gur e prìomh amas a bh’aige eòlas air a roinn fhèin a chur air an fheadhainn eile ann an Oilthigh na Gaidhealtachd taobh a-muigh an roinn Ghàidhlig agus mar sin bhiodh e air a bhith nan naidheachdan inntinneachd dhaibh. Ge-tà‘s e seòrsa ‘meat and 2 veg’ a bh’ann nan robh beagan eòlais agad air cùisean mu thràth gu h-àraidh nuair a thig e gu iomradh air Fishman, Struball agus moran eile a tha ceangailte leis a’ ghnothaich. An robh 16.30 air feasgair Diluain an t-àm as freagarrach gus na Gaidheal ann an Inbhir Nis a’ tarraing dhan òraid? Chunnaic mi moran a bha ag obair làn-ùine ann an saoghal na Gàidhlig ach bha grunn àiteachan ban a dh’fhaodadh feadhainn eile air fhaighinn nan robh cothrom nas fhearr dhaibh nam bheachd-sa. ‘S e feasgar fuar a bh'ann air an taobh a-muigh ach aon uair ‘s gun robh mi am brionn prìomh oifis OGE bha e ro bhlàth nam bheachd-sa gus òraid uair gu leth cluinntinn ach dhan susbaint:

Mar a thuirt Rob air làrach OGE ro-làimh:

"Anns an òraid agam, thèid meòrachadh air na h-innealan teòiridheach a tha a’ buntainn ri poileasaidh agus planadh-cànain airson mhion-chànanan leithid a’ Ghàidhlig, air an fhiosrachadh air a bheil na h-innealan sin stèidhichte, agus air na feumannan agus na prìomhachasan-rannsachaidh a tha na h-innealan sin a thogail. An tèid aig teòiridh agus aig rannsachadh air leasachadh poileasaidh agus air cleachdadh a dh’ fhiosrachadh agus a chuideachadh ann an dòighean a leigeas leinn an ‘connsachadh cultair’ a sheachnadh?"

Saoilidh mi gur ann làidir a bha e air dè tha ag adhbharachd ‘connsachadh cultair’ ach caran lag air ciamar a thoghadh Soillse drochaidean eadar an da champa ach ‘s ann ag amas a tha e a bhith ag obair leis a’ choimhearsnachd san fhairsingeachd. 'S ann mar sin a tha cothrom dha iomairt caran diofraichte a chuir air dòigh agus ma sheachadas Soillse iomaigh Tùir Ìbhri àbhaisteachd, uill co aig a tha fios?

‘S ann nuair a bha a chuid fhaclan a’ tighinn gu crìch nuair a chuala mi beagan a bharrachd mu na prìomh amasan rannsachaidh Soillse. Anns na ceanglaichean dealbhan a leanas chi thu an teacsa sa bheurla far a bheil sin ga mhìneachadh – ged a chaidh an òraid ga lìbhrigeadh sa Ghàidhlig cha robh ach teacsa Beurla ri fhaighinn aig an aonad fàilte. Rinn mi clàradh ge-ta agus ma bhios e math gu leòr agus nochdas cothrom dhomh bheir mi sùil air agus cuiridh mi rudeigin an airde.

http://www.flickr.com/photos/61672546@N ... 9/sizes/l/
http://www.flickr.com/photos/61672546@N00/5261902957/