‘S faoin a tha a’ strì (no turas don taigh-tasgaidh)



Chòrd e rium gu mòr aig an taigh-tasgaidh, bha x agus y a’ mineachadh eachdraidh agus dualchas an eilean sa Ghàidhlig. Thuirt x gu robh e a’ cur dragh oirre nach robh dad sam bith sa Ghàidhlig san taigh-tasgaidh agus b’ adhbhar a bh’ ann an sin nach robh ùidh sam bith aig an fheadhainn eile a bha an sàs a’ ghnothaich. ‘S caill a th’ ann an sin gu dearbh ach cha do smaoinich mi cus mu a dheidhinn. Nas anmoiche ge-tà as dèidh mi air a bhith an sàs crogain Grolsch air ais ann am Bogha Mòr thill e nam aire.

Bha mi a’ beachdachadh air an diofair eadar an Co-op ann am Bogha Mòr agus an taigh-tasgaidh thall an x. Uill sa Cho-op gheibh thu luchd-ceannaich, luchd-obrach, taisbeanadh bidhe agus bathair. Chì thu stuth bho na ceithir rannan ruadha ann an sin. Ma tha thu airson faighinn a-mach ciamar a tha sinn a’ cumail beò ann an 2006 bu choir dhut a’ dol a-steach den Cho-op agus gabh sùil air na sgeilpean. Ach tha e nas doimhne na sin, gheibh thu craic an àite. ‘What you see is what you get,’ mar a chanas iad. ‘S e muinntir gu math càirdeil anns a’ bhùth ud agus dhomhsa tha blas den dòigh-beatha ri fhaighinn ma choimheadeas tu air na luchd-ceannaich agus ciamar a tha iad a’ giùlain iad-fhèin. Rud eile ge-tà, nam biodh thusa nad neach-turais bhiodh e soilleir dhut gu bheil soidhnichean da-chànanach sa Cho-op. Bhiodh tu mothachail gur airson adhbhar air choireigin bha cànain eile cudromach dhan àite.

‘S e obair mhòr a rinn an fheadhainn a tha an sàs den ghnothaich san taigh-tasgaidh x ach ged a tha e a’ sealltainn eachdraidh an eilean gu luchd na beurla, dè tha e ag innse dhaibh mu dheidhinn cultair an àite? Gun a’ Ghàidhlig a bheil cunnart ann gum biodh an t-àite ud chan eil ach inneal-cogaidh eile airson a’ bheurla an aghaidh a’ chànain eile? Faodaidh tu a choimhead air dealbhan muinntir Ìle, aig na geamaichean gàidhealach, a bhuaineadh na monadh, a’ gabhail pinnt agus anns a h-uile suidheachadh eile a ghabhas. Mar a thuirt mi, tha a h-uile càil gun iomradh air a’ phrìomh cànain a bh’ aig mòran dhaibh. Tha mi glè dhuilich a ràdh ach tha mi den bheachd gur e coltais Orwellian air a h-uile càil san togalach sin. Chan eil e onarach dhan feadhainn a tha sna dealbhan ud a bhith gan taisbeanadh gun iomradh air a’ chànain a chleachd iad gu nàdarra. Tha rudeigin bunaiteach air a ghoid chan eil troimh mi-rùn ach dìreach aineolais. Ma dh’ fhaoidte gu bheil Ghàidhlig bho bhinn-bais ach carson a tha feum ann a bhith ga dubhadh às buileach glan bhon eachdraidh an sgìre fad ‘s a bha e fhathast beò.

A bheil an Iompaireachd Bhreatannaich fhathast beò agus a dhèanamh a dhìcheall ann an dòighean nach eil sinn comasach a thuigsinn? Ag obrachadh air a socair a-nis ach fhathast an làthair le amas a chur às a’ Ghàidhlig. Uill tha a’ chànain fhathast beò agus tha fianais dheth sa Cho-op ach chaidh a dhiùltadh bhon taigh-tasgaidh. Chaidh a dubhadh às bhon t-àm a chaidh ach tha grèim meata aice fhathast air an àm a tha an làthair.

Ma dh’ fhaoidte ghabh mi cus Grolsch ach tha mise den bheachd gur e Gàidhlig am fuaim a tha an eala-bhan a’ dèanamh nuair a tha i air iteig os cionn Aonad Chaluim Chille agus bith e mar sin gu brath siorraidh, ge b’ e cò os cionn an taigh-tasgaidh no a’ Cho-op. Tha cus Winston Smiths an sàs dheth agus bidh daonnan cuideigin a bhios deònach a chumail na coinnle a’ deàlrachadh san dorchadas. Bidh daonnan feadhainn a’ ruith an aghaidh an t-sruth làidir, aon-mhargaidh, aon-shaoghal, sannt airgid a tha gar mùchadh tro mheadhan na Beurla.

Tiugainn do na blogaichean, luchd-dùthcha!

Sin mar a eadar-theangaich mi an abairt a chunnaic mi air a’ bhlog fhrangach seo. ‘Aux blogs, citoyens !’ Dè ur beachdan? Tha an sgrìobhadair a-mach air ciamar a tha a h-uile càil ann an dearg staing sa Fhraing an-dràsta agus air sgath ‘s nach eil mòran cùisean cruthachail a’ dol air adhart tha ise/esan den bheachd gu bheil dòchas ri fhaighinn sna blogaichean.
Am bi na blogaichean a’ sàbhaladh na Fraing? Cò aig a tha fios ach saoilidh mi gum bi ùidh aig feadhainn ann a sheo air sgàth gu bheil beagan fraingis aig feadhainn ann an Tìr nam Blòg. Tha buaidh aig blogaichean ann an iomadh ceàrn sna làithean seo agus gun teagamh tha blogairean a’ faighinn an àite fhèin ri taobh nam meadhanan meadhan - sruith (main stream media?)

Tha blas aca ann an Ìle a tha air leth sònraichte

Tha blas aca ann an Ìle a tha air leth sònraichte agus rinn mi dhà bhideo ach gu mì-fhortanach chan eil iad fada idir agus chan eil deagh fhuaim orra nas motha. Tha feum agam air rudeigin nas fhèarr a cheannach, cha d’ rinn mi iad ach air camara didsiotach. Co-dhiù chòrd e rium gu mòr shìos ann an Ìle, `S e daoine gasta a th’ annta.
Tuilleadh a dh’ aithghearr.



Oidhche bhog fhliuch Bòrd na Gàidhlig Bogha Mòr

Oidhche bhog fhliuch Bòrd na Gàidhlig Bogha Mòr

Halo a chàirdean,
…ag innse na fìrinn bha tuil ann fad an latha…

Cha do sgrìobh mi mòran o chionn greiseag ach tha mi air a bhith trang ag ullachadh a h-uile càil airson an treas bliadhna den cheum a tha mi a’ dèanamh aig Oilthigh Obar Dheathain. Ceangailte le sin tha mi shìos ann an Ìle an-dràsta an sàs cùrsa a chur an Oilthigh air dòigh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Abair àite brèagha agus càirdeil a th’ ann agus ged ‘s a bha an luchd-obrach aig Aonad Chaluim Chille gu math cruaidh oirnn tha iad a’ dèanamh an dìcheall airson piseach a thoirt oirnn agus tha an toradh ceanna ri fhaicinn as dèidh crìoch a chur air an treas latha. Bha mi shìos aig an taigh-seinnse ach cha do dh’fheuch mi uisge-beatha sam bith fhathast tha cus obair-dachaigh agam gach feasgair ach ghabh mi pinnt no dhà le na h-oileanaich eile. Tha sinn a’ fuireach san taigh seo, tha e a’ dol ris an canar ‘Cardhu’. ‘S e àite gu math cofhurtail a th’ ann.

Feasgar Diciadain bha coinneamh Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail àite aig an aonad. Mhìnich Peadar Morgan am Plana Gàidhlig agus an uair sin bha e gar brosnachadh airson pàirt a ghabhail ann an deasbaid. Gu dearbh ‘s e deasbad fad ‘s farsaing a bh’ ann agus chuala sinn ciamar a bha muinntir Ìle a’ faicinn cuisean, gu h-àraidh ciamar a bha gainnead luchd-teagaisg a sìor chur bacadh air Gàidhlig ann a sheo.
Cuir mi a-steach beachd mar neach-ionnsachaidh. Thuirt mi ciamar a bha cùisean a’ còrdadh rium aig Obair Dheathain ach cuideachd ciamar a bha e caran doirbh a bhith nam luchd-ionnsachaidh roimhe sin. Dhomhsa, tha e na chùis-nàire nach eil structair foirmeil airson luchd-ionnsachaidh air feadh Alba. Bu toil leam a bhith faicinn rudeigin a bha stèidhichte air na cùrsaichean a tha ri fhaighinn aig an t-Sabhal Mhòr mar eisimpleir no rudeigin den leithid sin. Innis mi do Pheadar ciamar a bha mi den bheachd gum bu choir don leithid a bhith fosgailte ann an dòigh eadar-nàiseanta airson na luchd-ionnsachaidh sgapte air feadh an t-saoghal.

Fhreagair Peadar mo cheist agus a bharrachd air sin thuirt e ‘nach thusa Graisg?’ (‘cover blown’ mar a chanas iad) agus nuair a bha e a-mach air ‘coimhearsnachd’ bha e a’ toirt a steach a leithid den Gaidhealtachd air loidhne no ‘mas fhìor’ far an robh e mothachail gu robh mòran a’ tachairt a bha gu math inntinneach. Sin thu fhèin Pheadair!’

Uill cumaibh oirbh a chàirdean, tha cuideigin a’ cumail sùil oirnn.

Tuilleadh a dh’ aithghearr.

PS, Mholainn-sa gun ceannaich sibh Gath 5 gun dàil. Tha truaghan air choreigin a-mach air na fòrams, Skype agus Tìr nam Blòg agus feadhainn de na càractairean a tha an sàs dhen Gàidhealtachd ‘mas fìor’.

PPS Am faca tu am blog aig Chuc an-diugh tha cuideigin ag iarraidh phuist-dealain bhuainn. Tha e no i airson faighinn a-mach carson a chuir sinn romhainn a bhith sgrìobhadh sa Ghàidhlig ‘S e deagh cheist a th’ ann an sin, dhomhsa ‘s e seòrsa measgaidh a th’ ann agus chan eil mi buileach cinnteach sna làithean seo de an t-adhbhair as cudromaich a th’ agam. Aon rud a tha mi cinnteach às ge-tà ‘s e sin gur e a còrdadh rium gu mòr, mòr.