Tha na h-ealachan air tilleadh.

Bidh iad a’ falbh as t-earrach a h-uile bliadhna gus nid a thogail taobh a-muigh a’ bhaile. Às dèidh còig no sia seachdainean tillidh iad le teaghlach ùr. Tha caraid agam ris an canar Joe Telfer air a bhith a’ cumail sùil orra o chionn fhada agus tha e daonnan a' togail dealbhan. Thòisich e blog, Simply Superb Swans. Chì thu dealbhan gu leòr a chuireas tu ann an deagh shunnd. Seo tè dhiubh.

Taic airson nam pàganaich às na cìsean?


Chuir a’ chomhairle choimhearsnachd pròiseact air dòigh agus chaidh an t-seann tobar seo a ghlanadh. Thug iad a-mach sgudal a bha mu chuairt an àite agus chuir iad leacan sìos. Saoilidh mi nach robh amas aca a bhith a’ cur air dòigh ionad-coisrigte ge-tà. Tha cuideigin a’ toirt ìobairtean dha na diathan a-nis. Taic airson nam pàganaich às na cìsean?

Tha craobhan nan ubhal agam fo throm blàth

Tha craobhan nan ubhal agam fo throm blàth am bliadhna. Bha eagal orm gun d’rinn an uisge agus an reothadh cron orra an t-seachdain seo chaidh. Cha robh feum agam idir dragh a bhith orm, chan fhaca mi a riamh a leithid de bhlàth orra agus an-diugh sa ghrèin bha phailteas frìdean a’ gabhail ris an cuid obair saor-thoileach.

Cac nan eòin: pàirt 2.

Sa mhadainn seo bha mi nam shuidhe gu socair sìtheil taobh a-muigh, a’ gabhail na grèine agus ceapaire le cupa tì. Gu h-òban buail rudeigin blàth fliuch teas mheadhan mullach mo chinn. Seadh, abair faoileag tàlantach! Ach nach bu chòir sin a bhith a’ tarraing deagh fhortain orm?

A bheil gàidhlig aig na faoileagan fhathast? A bheil iad air a bhith leugadh Tìr nam Blòg?

 Sianail sgudal - èist rium!

Blog à Eilean Cheap Breatainn

Tha blòg ùr gàidhlig ri fhaighinn a-nis ach chan eil air Tìr nam Blog fhathast. Tha Seòna a’ fuireach ann an Sudnaidh A Tuath, air Eilean Cheap Breatainn, Alba Nuadh agus thòisich e o chionn greis ri rudeigin a chur air a blog gach latha. Tha i caran diùid mu dheidhinn a cuid gàidhlig agus leis a sin chan eil i dèonach ga chur a-steach Tìr nam Blòg ach a dh’ aindeoin sin tha i a’ dèanamh uabhasach fhèin math agus bu choir dhuinn uile a’ cumail sùil air Mo Bheatha. Tha Seona na ball de ‘Foram na Gàidhlig cuideachd agus thuirt i gu bheil i a’ lorg mholaidhean agus ceartachadh airson a Gàidhlig a leasachadh. Carson nach tèid thu ann gun dàil agus thoir beagan brosnachadh dhi?

Obair saor thoileach

Bha e ro fhuar a’ mhìos seo chaidh agus cha robh a’ chiste-thoradh agam ag obrachadh gu math, bha i loma-làn agus bh’ agam tè eile a chur air dòigh. Tha e iongantach ge-tà, thàinig an teas mu dheireadh thall an t-seachdain seo agus nach do thuit an ìre taobh a-staigh a’ chiste sìos bharrachd air deich òirlich agus abair creutairean dripeil sunndach a tha rim fhaicinn a-nis. Tha mi a-mach air na baoiteagan dearga (Eisenia fetida). Nuair a bha mi ag obair sna liosan aig Caisteal Chaladair mhothaich mi gu robh iad a’ dhèanamh an dìcheall air uachdar dùn mòr de bhuachar. Thug mi dhachaigh feadhainn dhaibh agus tha iad air a bhith toilichte an seo o sin a-mach. Bidh iad ag obair air do shon, ma bhios e blàth gu leòr, gu saor-thoileach fad an t-samhraidh agus gu tric aig amannan eile den bhliadhna. Chan eil agad do sgudail glasraich a thilgeil orra turas no dhà gach seachdain. Nach e math gu bheil ruithimean nàdair air dùsgadh turas eile.

Sguadail niuclasach a' tighinn dhan Ghàidhealtachd?

Ma dh’fhaodte gum bi sibh eòlach air Comhairliche Bill Fluton, a-rèir cuid bha esan a-mach air Sgoil Gàidhlig Shlèite ann an dòigh nach robh feumail dhan chomunn Pàrant Shlèite. Uill bha Uilleam coir sa Phress & Journal an t-seachdain seo chaidh a-rithist. An turas seo bha e a’ beachdachadh air cuspair a tha e air a bhith a’ leantail o chionn fhada, ‘s e sin ri ràdh sgudail niuclasach. Thuirt esan, ‘tha aon rud faodaidh tu a bhith cinnteach às, cha bhi e ri taobh wine bar ann an Chelsea. Chan eil dòigh sam bith a bhios e ri fhaicinn sa Thames Valley!’ Leis a sin tha mgr Fulton làidir den bheachd gum bi e a' tighinn dhan a' Ghaidhealtachd.
A-rèir neach-labhairt bhon phàrtaidh nàiseanta, an turas mu dheireadh bha 22 den 33 àiteachan a thug iad sùil air taobh a tuath na crìochan agus sia dhiubh ann an Innse Gall. Chì sinn de thachras ach tha a h-uile coltais ann gum bi na h-ùghdarrasan airson faighinn cuidhteas den sgudail niuclasach fo thalamh ann an dòigh ‘eadar-amail’ co-dhiù.

Tha mise den bheachd nach eil freagairt idir den cheist, tha an stuth ud cho cunnartach agus bidh e cunnartach airson ùine fada, fada, fada. Tha mi mothachail ge-tà gu bheil a’ choimpiutair agam a’ ruith air cumhachd niuclasach agus an solas os mo chionn cuideachd no pàirt dheth. Chan eil mi gan cur às. Dhomhsa tha e na h-eisimpleir eile de ciamar nach eil sin a’ pàigheadh na fhìor phris airson a h-uile goireas agus sògh a tha mar timcheall. Tha sinn ciontach an da chuid mar choimhearsnachd agus nar beathaichean fhèin. Tha e furasta sin a ràdh nach eil? Agus cha bhi faclan sam bith a’ lughdaich an dùn mòr de sgudail niuclasach a tha a’ lorg dachaigh.