Gabh air do shocair leis na h-ubhlan, ma dh’ fhaoidte gum bi feum againn orra


Leugh mi aiste a bha caran eagallach o chionn ghoirid san Sunday Times. Bha ‘ A’ feitheamh airson nan solas a dhubhadh’ air a’ sgrìobhadh le Brian Appleyard. Tha esan a’ cumail a-mach gu bheil an t-ola a ruith a-mach, tha an aimsir ag atharrachadh, tha cogaidhean gu pailt air fàire ‘s tha a h-uile coltais ann nach eil smuain feumail sam bith aig a’ chinne daonna dè bu choir dhuinn a dhèanamh ga chur ceart. Tha linn-dorchadais ùr gar feitheamh. A-rèir Appleyard chan e an trioblaid as motha again gum bi an ola a’ ruith a-mach oirnn ann an 30 no 40 bliadhna ach gun cosgaidh e cus airson an t-siostam againn a’ cumail a’dol fada roimhe sin. Tha sin nar trailleach gu h-ola ‘s cha sin aig cnag na cùise..
Tha an siostam ionmhasail, peinseanan , àrachas ‘s a h-uile càil ceangailte ris a’ crochadh air fàs ‘s gun fhàs bidh am buaidh dhith sgrìosail oirnn.
‘Chuir nad chuimhne an ìmpireachd Ròmanach,’ sgrìobh Appleyard. Aon latha bha coltais ann gum biodh i an làthair gu bràth siorraidh ach thuit i. Am bi sinn an aon leithid de ‘rionnag an earbaill.’
Bha e a-mach cuideachd mu dheidhinn trioblaidean eile, gu h-àraidh ciamar a tha ‘globalisation’ a’ marbhadh deamocrasaidh san t-saoghal air feadh. Rinn e an co-dhùnadh gum bi aineolas a’ gabhail àite sìth, tinneas a’ gabhail àite slàinte, ‘s gort a’ gabhail àite reimhrachd.
Uill tha fhios agam gur e cunnartachan air fàire ‘s chì a’ mhòr chuid againn atharraichean gu leòr ach tha mi an dòchas gum faigh sinn troimhe. Ma bhios Maighstir Appleyard ceart bidh sinn a’ lorg biastagan sna gàrraidhean againn dìreach airson a bhith cumail beò.

Toil-inntinn gu leòr

Tha dìtheanan fhathast gam chumail ann an deagh shunnd. Tha an fheadhainn seo anabarrach àlainn air feasgar foghair gruamach. Tha iad fhathast beò ‘s a’ toirt toil-inntinn gu leòr dhuinn. Thog mi dealbhan eile cuideachd an t-seachdain seo.

Tha dà bhlog ùr air nochdadh

Uill, nach eil saoghal nam blogaichean Gàidhlig a' sìor dol am meud: Latha ann an LA agus am faca tu fhathast Saoghal Gàidhlig aig Janni

Tha piobaran a’ fàs dearg

Uill thog sinn na currain ‘s bha a mhòr chuid ceart gu leòr ach gu mi-fhortanach fhuair cuileag a’ churrain a-staigh feadhainn dhiubh. Tha fhathast na currain geala againn ri thogail (no ‘meacanan-an-righ’ mar a chanas iad). San taigh uaine tha grunn fìon-dhearcan a’ tionndaidh. Tha iad anmoch gu dearbh, that fhios agam, ach tha iad a’ toirt toil-inntinn gu mòr dhuinn san dol seachad. Tha piobaran a’ fàs dearg faisg air làimh cuideachd, mar sin chan eil a h-uile càil seachad fhathast. Ged’ s a tha e sa mheadhan den Dàmhair chan eil e fhathast ma bu chòir ‘s chan eil na dealanan-dè a’ gabhail dragh nas mò. Chan eil nàdar a ruith mar bu chòir ach tha sinn a’ gabhail brath air. Tha na eòlaichean a’ gealltainn droch gheamhraidh dhuinn ‘s chaidh sinn a-mach an-diugh airson stòras mòr dhen ghrèine a chur nar cuimhne.

Meomhrachadh

Inbhir Narann: abair deagh àite airson co-dhùnadh air choireigin a’ cuir dhan dàrna taobh.

Rinn an aimsir a dìcheall

Rinn an aimsir a dìcheall ri bhith fuar a-nochd ach cha d’rinn e a’ chùis. Cha robh e mi-chomhfhurtail air an tràigh agus ged ‘s a bha an solais a’ ghèilleadh gu math tràth cha robh e a chuir mòran dragh air muinntir Inbhir Narann. Tha a' mhòr chuid den luchd-turais uile air falbh a-nis ‘s cha robh ach feadhainn a’ gabhail sgrìob. Ach cha robh mòran ùidh aig na eileamaidean co-dhiù, bha na speuran, an talamh ‘s a’ mhuir a’ cabadaich ri chèile gun suim sam bith aca oirnn.
Tha biastagan gu leòr a nochdadh fhathast air sgàth ‘s chan eil sgeul den reothadh. ‘S e ionmhas sònraichte a th’ann a h-uile pìos datha a-nis. Chan fhada a mhaireas iad ach chan eil sin mar a tha cuisean a’ faireachdainn dhuinn fad’s a tha a’ ghrian a-mach ‘s a ‘ tilgeil boillsgidh no dhà dòchais oirnn.

Àm nam bogha-froise

Chì thu boghannan-froise gu pailt aig an àm seo den bhliadhna ann an Inbhir Narann. Sin fear a chunnaic mi os cionn an taigh agam an t-seachdain seo chaidh. Chan eil sin ri ràdh gu bheil an t-uisge a’ dòrtadh fad na h-ùine ge-tà. Tha sinn air beagan uisge faicinn aig cha tug e buaidh sam bith air an talamh. Tha a h-uile càil gu math tioram. B’ àbhaist den chomhairle a bhith a’ cur uisge air basgaidean flùraichean a bha leth àlainn sa mheadhan a’ bhaile. Sguir iad dheth Dihaoine seo chaidh ‘s a-nis tha iad uile a’ bàsachadh leis a’ phathadh. Tha e sgrìosail fhèin ma th’ agad a coiseachd seachad orra, abair sealladh tàmailteach! Tha na feasgaran dorcha cruaidh gu leòr a bhith fulang gun a bhith coimhead air a leithid sin.
Ach feumaidh mi a ràdh gu bheil dathan an fhoghair againn ‘s fhathast beagan grèine ‘s teas an cois. Agus a dh’ aindeoin a’ chomhairle, tha fhathast flùraichean ri fhaicinn ‘s nuair a tha iad measgaichte leis na atharraichean sna craobhan tha coltais sònraichte draoidheil air a’ bhaile. Nì mi mo dhìcheall a bhith a-muigh na mheasg aig an deireadh sheachdain seo.