Cor nan rathaidhean

Feumaidh tu a bhith faiceallach na dhraibhear ann an Inbhir Nàrann. Chan ann a-mhàin a tha na cunnartan àbhaisteach air do bheulaibh ach tha agad seòrsa de slalom a dhèanamh gus na tuill as miosa a sheachnadh. Chan e rud math a tha sin idir, idir gu h-àraidh nuair a tha coisichean faisg air làimh. An t-seachdain seo chaidh thàinig beagan fuasglaidh air a’ chuis. Dreach as dèidh a nochd dealbhan den bad a bu mhiosa den A96 air loidhne, sgriobh Fearghas MacEòghainn BPA post-dealain do na ceannardan aig BEAR Alba, ‘s ann le iadsan a tha an dleasdanas airson an A96. Thuirt e gum biodh e a’ toirt sùil air na tuill e-fhèin aig an deireadh seachdain. Cha d’fhuair e cothrom ge-tà. Chaidh an lìonadh sa bhad, seadh ‘s e càraidh sealach a bh’ ann ach thill iad aig ceann sia làithean agus dh’obraich sgioba mòr, mòr feadh na h-oidhche gus a h-uile càil a chur ceart buileach glan.

Gu mì-fhortanach san fharsaingeachd chan eil mòran dòchas ann nam bheachd-sa agus chan ann an Inbhir Nàrann ach samhla air ciamar a tha cùisean air feadh na Gaidhealtachd. Tha an Riaghaltas air £15 muillean a ghealltainn do na h-ùghdarrasan ionadail gus leasachadh a thoirt air cùisean. Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd £1.6 muillean as dèidh dhaibh h-uile sgillean de bhuidseat geamhradh nan rathaidean a chosgadh mu thràth.

Tha fhiosam nach eil e furasta coltas a dhèanamh eadar a leithid Siorrachd Lincoln ann an Sasainn agus Alba ach a-rèir am BBC tha iadsan a’ gearain gu bheil £300 muillean a dhìth orra gus na rathaidean a charadh gu ceart. A-nis ‘s e Siorrachd mhòr a th’ann an Lincoln le sluagh de 700,000 le grunn bailtean mòra agus pailteas rathaidean eadarra dìreach mar a tha moran sgìrean ann an Alba. Saoil dè a chosgadh e gus a h-uile toll a chur ceart ann an Alba? £1,000,000,000 ‘s dòcha? Saoilidh mi gum bi beachd aig na h-eòlaichean agus rudeigin na laighe air sgeilp air choireigin ann an Taigh an Ròid. Ciamar as urrainn do Alba fiù ‘s toiseach tòiseachaidh a chur air dòigh. Chan eil ach gainnead airgid agus gearraidh tro na cnaimh agus an uair sin tron smior air ar beulaibh. A bheil dòigh idir faighinn as an staing a tha seo? Bidh fèill mhòr air na Land Rovers agus 4x4 no dad sam bith le deagh suspension sna bliadhnaichean a tha romhainn, faodaidh tu a bhith cinnteach as.

Londongael's photostream - cunntas flickr a tha air leth inntinneach

Thachair mi air na duilleagan facebook aig Londongael agus abair thusa gur làrach annabarach inntinneach a th'ann le grunn dealbhan air thema litreachas Gàidhlig. Seo aon de na dealbhan.
mosaic3

Rinn Londongael dealbh eile cuideach a thog m' ùidh gu mòr, dàn a rinn i bho thiotalan leabhraichean Gaidhlig. Chithear dealbhan eile air an duilleag a tha seo.

Air m' allaban a’ lorg leabhraichean-d

Fhuair mi Kindle aig àm Nollaig agus mise air mo dhòigh glan leis. Ma tha sibh cleachte ri uidheaman digiteach cha bhi cus dail ort faighinn làmh an uachdair air an inneal bheag ùr seo. Gabh a leughadh gu furasta, tha coltas pàipear agus teacsa air gun teagamh sam bith agus chan ann cho cruaidh air do shùilean mar a tha uair as deidh uair nad chnap air coimpiutar.

Beagan as deidh Nollaig rinn mi sgrìob air loidhne gus rudeigin a chuir na bhroinn. Sa chiad dol a –mach rinn mi air an Tasglann Eadar-linn. Bha fhios agam gun robh leabhraichean Gàidhlig ri fhaighinn an sin. Luchdadh a-nuas mi Coinneach Odhar agus bha an teacsa Gàidhlig furasta ri leughadh. Dh'fheuch mi ri greim fhaighinn air feadhainn eile ach bha briseadh dùil gam fheitheah. Cha robh an Tasglann a’ cruthachadh cruth ‘mobi’ dhomh a bhiodh freagarrach don Kindle. Dh'fheuch mi PDF ach dhomhsa cha robh sin furasta ri sheòladh air an sgàilean beag Kindle. An uair sin chaidh mi dhan Pròiseact Gothenburg agus gu mi-fhortanach cha robh ann ach aon leabhar Gàidhlig. Luadhach mi e ach chunnaic mi mearachdan sa teacsa, cha robh na fuaimreagan le srac a nochdadh mar bu chòir agus mar sin bha coltas caran neònach air an teacsa. ‘s docha gur e an aon trioblaid bathar-bog a tha ag adhbharach mhearachdan OCD dhen leithid seo? Co-dhiù chaidh mi dhan roinn Fraingis Gothenburg agus fhuair mi Raison et Sensibilité le Jane Austin agus Les Voyages de Gulliver le Johnathan Swift.

Bha nam chuimhne gu robh cruth teacsa ‘Mac Talla’ air an làrach SMO. Aon uair s’ gun robh mi a-steach chuir mi leth bhreac MacTalla anns an Kindle agam. Dh’obraich foidhle teacsa (txt) Mac Talla 1 gu math, math agus leugh mi beagan dheth, mus thog mi an cable USB a-mach fhuair mi grunn irisean eile den Pàipear-naidheachd ud.
‘S e sin mo chomhairle, nuair a thig e gu h-aon agus gu dhà mur a bheil cruth ‘Kindle’ ri fhaighinn, faigh am fear teacsa (txt) agus mur eil sin ann dèan leth-bhreac bho PDF agus cur ann sa Kindle e mar ‘plain txt’ le word no notepad msaa. 'S ann mar sin a tha mi air a bhith tilleadh dhan Tasglann eadar-lìn agus àiteachan eile far a bheil sgrìobhaidh.
Cha do cheannach mi dad fhathast ge-tà, chan eil mi a' tuigsinn carson a tha Amazon a' reic leabhraichean-d aig an aon phris ri leabhraichean seann nos? Nan robh iad cnap mhòr nas saoire saoilidh mi gun bhithinn-sa airgead a tha thoirt seachad dhaibh.
A bheil Kindle aig duine sam bith eile?

Cuairt nam Blog

Seo bhideo a tha sealltainn feadhainn de na daoine ann an Tìr nam Blog ann an 2008.

.

Na blogaichean as trainge ann an Tìr nam Blog

Gheibhear tuilleadh blogaichean san 'side-bar' air Tirnamblog.com agus tha iad gu math inntinneach ach seo an fheadhainn a tha fhathast a' cumail a' dol ann an 2011.
A bheil blog Gaidhlig agad-sa nach eil anns an liosta seo? Cuir fios air TnamB air an duilleag seo.

Duilleag Facebook Tìr nam Blog

Gheibhear biadh RSS bho na blogaichean Gaidhlig gam foillseachadh air an duilleag facebook a tha seo.



Tìr nam Blog

Promote your Page too