Gàidhlig - cha bhithinn às a h-aonais!
Haut de la Garenne, Jersey
Ma dh’fhaoidte chunnaic tu iomradh air na naidheachdan air ostail òigridh ann an Jersey far an do lorg am poileas corp.
An uiridh bha mi greis thall ann an Jersey, Dh’fhuirich mise san ostail òigridh ud aig ceann a thuath Jersey . Bha e follaiseach gun d’rinn an YHA mòran obrach san àite. Bha fhathast dealbhan cloinne air na ballachan agus beagan fiosrachadh air dè thachair dhaibh às dè a dh’fhàg iad cùram Haut de la Garenne. Tha a h-uile coltas ann gu robh sgeulachdan eile falaichte a tha a’ tighinn am bàrr a-nis. Fhad s a bha mi ann thog mi an dealbh seo.

Tìr nam blòg no Tìr na Beeb?
Tha e math gu bheil làrach naidheachd sgrìobhte aig a' Bheeb a-nis ach air sgàth gu bheil a h-uile naidheachd a' nochdadh air Tìr nam Blòg, chan ann gu tric a bhios sibh a' leughadh sgrìobhaidh bho bhlogair air a' phrìomh dhuilleig. Dhomhsa tha cunnart ann a-nis nach bi duine a' sgrìobhadh cò tric 's a bha iad agus nach bi leughadairean a' tighinn a-steach nas mòtha, ma bhios iadsan a' lorg naidheachd beeb sa Ghàidhlig tha làn fhios aca far a bheil e.
Dè mu dheidhinn putain mhòr shonraichte air mullach Tnamb a' sealltainn far a bheil naidheachdan beeb sa Ghàidhlig a leithid am fear seo?
Dè mu dheidhinn putain mhòr shonraichte air mullach Tnamb a' sealltainn far a bheil naidheachdan beeb sa Ghàidhlig a leithid am fear seo?
Bidh muinntir Inbhir Narann a’ gabhail na sràidean orra airson oifis a' phuist a shabhaladh
Tha amas aig an riaghaltas Lunnainn Oifis a’ Phuist Sràid a’ Chala a dhùnadh agus tha mòran daoine ann a sheo air bhoil leis an naidheachd sin. Tha mòran seann dhaoine a’ fuireach faisg air làimh agus bhiodh e ro fhada dhaibh a’ dol suas cheann thall a’ bhall dhan oifis a’ phuist eile.
Bidh luchd-fianais a’ cruinneachadh aig taigh na cùirte aig 1030 Disathairne sa tighinn agus aig 1100 bidh caismeachd ann sìos dhan Sràid a’ Chala. ‘S e Comhairle Coimhearsnachd Abhainn Inbhir Narann a tha a’ cur a h-uile càil air dòigh gus an cuspair seo a’ toirt fo chomhair a’ mhòr shluaigh.
Dimàirt sgoinneil – tha mi seachd searbh sgìth dheth!
No Super Tuesday mar a chanas iad.
Carson a tha an telebhisean agam loma-làn le Hillary agus Obama agus truaghan eile a tha a’ dèanamh an dìcheall gus cothrom fhaighinn san àm ri teachd a’ ruith airson an Taigh-Geal? BBC agus ITV sguir dheth! Nach eil fhios agaibh chan eil bhòt againn agus cha bu chòir dhuinn a bhith gabhail gnothaich leis san dòigh cracte seo.
An uair sin chuir mi air an t-sianal fhrangach air Sky agus bha iadsan a-mach air ‘le Super Mardi.’

' A’ Tomhas na Cloiche ' - Iris litreachais ùr aig Clann Tuirc
Fhuair mi am brath-naidheachd na leanas bho Chlann Tuirc:
Tha iris ùr Ghàidhlig ga cur air chois le Clann Tuirc: A’ Tomhas na Cloiche. ’S e iris litreachais a bhios innte, a’ gabhail a-steach rosg is bàrdachd – a’ toirt ruim dhan an tradaisean air fad, le sùil ri nuadhas – agus breithneachadh is lèirmheasadh.
Ged a bhios cuideam san iris – mar a bhiodh dùil – ga chur air litreachas na Gàidhlig, bidh fàilte ro altan air sgrìobhaichean a bhios a’ sgrìobhadh ann an cànanan eile agus ro eadar-theangachaidhean à cànanan eile mar an ceudna, gu h-àraidh far am bi sin a’ beantainn ri leasachadh sam bith ann an litreachas na Gàidhlig fhèin.
Mar sin dheth, tha mi a’ sgrìobhadh thugaibh a ghuidhe oirbh rudeigin a chur a-steach, aon chuid cruthachail no breithneachail. Ma shoirbhicheas leis an iris, bhitheamaid an dùil ris a’ chiad àireamh fhaicinn an clò as t-fhomhar 2008.
Mar as trice, bithear an dùil ri stuth fhaighinn ann an cruth WORD leis a’ phost-dealain