Tìr nam blòg no Tìr na Beeb?

Tha e math gu bheil làrach naidheachd sgrìobhte aig a' Bheeb a-nis ach air sgàth gu bheil a h-uile naidheachd a' nochdadh air Tìr nam Blòg, chan ann gu tric a bhios sibh a' leughadh sgrìobhaidh bho bhlogair air a' phrìomh dhuilleig. Dhomhsa tha cunnart ann a-nis nach bi duine a' sgrìobhadh cò tric 's a bha iad agus nach bi leughadairean a' tighinn a-steach nas mòtha, ma bhios iadsan a' lorg naidheachd beeb sa Ghàidhlig tha làn fhios aca far a bheil e.
Dè mu dheidhinn putain mhòr shonraichte air mullach Tnamb a' sealltainn far a bheil naidheachdan beeb sa Ghàidhlig a leithid am fear seo?

Freagairtean:1

Aig 10:17 thuirt Anonymous Anonymous...

Chanainn gur e deagh bheachd a sin a Ghraisg.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh