' A’ Tomhas na Cloiche ' - Iris litreachais ùr aig Clann Tuirc

Fhuair mi am brath-naidheachd na leanas bho Chlann Tuirc:

Tha iris ùr Ghàidhlig ga cur air chois le Clann Tuirc: A’ Tomhas na Cloiche. ’S e iris litreachais a bhios innte, a’ gabhail a-steach rosg is bàrdachd – a’ toirt ruim dhan an tradaisean air fad, le sùil ri nuadhas – agus breithneachadh is lèirmheasadh.

Ged a bhios cuideam san iris – mar a bhiodh dùil – ga chur air litreachas na Gàidhlig, bidh fàilte ro altan air sgrìobhaichean a bhios a’ sgrìobhadh ann an cànanan eile agus ro eadar-theangachaidhean à cànanan eile mar an ceudna, gu h-àraidh far am bi sin a’ beantainn ri leasachadh sam bith ann an litreachas na Gàidhlig fhèin.

Mar sin dheth, tha mi a’ sgrìobhadh thugaibh a ghuidhe oirbh rudeigin a chur a-steach, aon chuid cruthachail no breithneachail. Ma shoirbhicheas leis an iris, bhitheamaid an dùil ris a’ chiad àireamh fhaicinn an clò as t-fhomhar 2008.

Mar as trice, bithear an dùil ri stuth fhaighinn ann an cruth WORD leis a’ phost-dealain