Tuilleadh air trèanaichean de bheagan vitesse
Beagan ro Nollaig chaidh mi sìos gu deas airson grunn làithean ach cha robh e furasta dhomh ann a bhith a’ fàgail Inbhir Narann. Tha trèana a’ falbh Inbhir Nis aig 0755 gu Lunnainn agus ma tha amas agad an t-seirbheis sin a chleachdadh tha trèana eile agad a-mach à Inbhir Narann aig 0725 ach gu mì-fhortanach chan urrainn dhut a bhith cinnteach gum bi e ann aig 0725.
Suas aig an stèisean thachair mi air trì boireannaich a bha mi eòlach air agus bha iadsan a’ dol sìos gu Dùn Èideann leis an cuid cloinne airson deireadh seachdain ann an taigh-òsta. An turas mu dheireadh a bha mi a’ feitheamh air an 0725 bha tè dhiubh a’ feitheamh cuideachd agus bha aice an trèana gu lunnainn fhaighinn gus Hull a’ ruigsinn agus bàt'-aiseig a-nall dhan Òlaind, bha mise a’ dol shìos gu Portsmouth agus bàt'-aiseig gu St Malo agus bha e deatamach gum biodh mi air an trèana gu Lunnainn. An turas ud cha tàinig an 0725 ach fhuair sin lioft agus fhuair sin a-steach an 0755 aig a’ mhionaid mu dheireadh. An turas seo bha mi ri fella-dhà rithe mu dheidhinn an turas mu dhiereadh.
An uair sin thàinig duine a-mach às an oifis agus thuirt e dhuinn, ‘ Tha mi duilich ach tha an trèana deich mionaid air dheireadh air sgàth ‘s nach robh na fònaichean ag obrachadh mar bu choir sna h-àiteachan far an robh an rèile a’ dol tarsainn na rathaidean iomallach agus leis a sin feumaidh an trèana a dhol slaodach a-rèir na riaghailtean.
Aig a cheann thall bha an trèana gu math air dheireadh agus ràinig sinn Inbhir Nis agus an trèana Lunnainn còig mionaidean deug air an rathad gu deas. Ach abair thusa gu robh iongantas orm nuair a thuirt an geàrd dhuinn gum biodh tacsi a’ feitheamh oirnn. Fhuair ochdnar dhinn a-steach minibus agus fear eile a-steach tacsi eile, bha esan a’ dol gu Peairt. Ann an ùine nach robh fada bha an tacsi a’ dol sìos an A9 agus ‘s e latha brèagha a bh’ ann, bha beul an latha ag èirigh agus a’ sruthadh beagan grèine air mullach nam beann, an t-seòrsa ghrèine fhann agus deirge nach fhaigh thu ach aig teas mheadhain a’ gheamhraidh. Stad an draibhear còig mionaidean deug aig ‘House of Bruair’ airson cothruim a thoirt dhuinn a dhol dhan taigh beag agus cupa tì no cofaidh fhaighinn. Cha robh mòran trafaig ann gus an ràinig sinn Dùn Èideann ach a dh’aindeoin na rathaidean trang, trang a’ phrìomh bhaile bha mise ann an stèisean Waverly deich mionaidean mus do dh’fhalbh an dearbh trèana gu Lunnainn nach do dh’ feitheamh oirnn ann an Inbhir Nis. Chosg an tacsi £256 ach bha Scotrail a’ phàigheadh.
Bha mise air mo dhòigh glan, chunnaic mi àite shuidhe sa trèana gu Lunnainn air bòrd a bha loma-làn de bhotail Becks. Dh’fhaighneachd mi den luchd-siubhail mu choinneamh cò leis a bha na botail ud. Dh’fhalbh iad,’ fhreagair iad. Thoisich mi a’ sgioblachadh a’ bhùird agus mhothaich mi gun robh deich botail nach deach a dh’fhosgladh. B’ e bhuidhe leam srùbag fhaighinn.
Tha e tàmailteach ann an dòigh, ma dh’fhalbhas tacsi as dèidh an trèana gu Lunnainn o Inbhir Nis agus ma stadas e 15 mionaidean air an t-slighe, bidh e fhathast ann an Dùn Èideann air toiseach air an trèana. ‘S e sin cor an rathad-iarainn ann an Alba sa bhliadhna 2008.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh