Leabhar a leugh mi


Tha mi air a bhith leughadh La Peste le Albert Camus. B’ ann air sgàth 's gun robh mi a’ toirt sùil air eadar-theangachadh gu beurla a thog m’ùidh san leabhar seo. A-rèir coltais ’s ann an leabhar seo aon de na deich leabhraichean frangach a bu choir a h-uile duine a leughadh. Na faighneachd dhìom dè an deich eile, chan eil càil a fhios agam. Bha agam coltas a’ dhèanamh eadar an eadar-theangachadh gu beurla a rinn cuideigin agus an Fraingis a sgrìobh an t-ùghdar fhèin. Bha e iongantach, bha an neach eadar-theangachaidh a’ dèanamh croin air an dà chuid susbaint agus spioraid an leabhar. Bha e follaiseach gun robh cuideigin a’ toirt a-steach an fheallsanachd agus seallaidhean fhèin air a’ ghnothaich agus cha robh iad a’ toirt meas idir do na h-amasan a bh’ aig Camus agus an coimhearsnachd ann an Algeria far an rugadh agus a thogadh an t-ùghdar, b’ ann às a’ choimhearsnachd sònraichte sin a fhuair Camus a chuid shàr-smaoin. Dh’fhaodadh mi a’ cumail a’ dol dìreach ann a bhith a’ càineadh an eadar-theangachadh a leugh mi ach chan eil dad a bharrachd agam ri ràdh seachad ann gu bheil mi làidir, làidir den bheachd gum bu choir Penguin a bhith air an nàireachadh airson an eadar-theangachaidh a thug iad cead dha. A-nis bu chòir iomradh a dhèanmh air an leabhar fhèin

’S e duine uabhasach fhèin inntinneach a bh’ ann an Camus, dh’obraich e an aghaidh na naisich sa chogaidh Hitler agus tha feadhainn a’ toirt samhla air a’ phlàigh a rinn sgrios air baile meadhanach mòr san nobhail aige agus an ana-tighearnas olc Hitler a rinn sgrios air an roinn Eòrpa. Tha La Peste a toirt a-steach ciamar a bhiodh an dàimh eadar muinntir coimhearsnachd ag atharrachadh fhad ’s a bha galar marbhtach a’ faighinn làimh an uachdar. ’S e baile nuadh a th’ ann, uill ’s e sin ri ràdh chan eil e fada a-mach fo ciamar a tha baile mòr sam bith air a chur air dòigh san linn a tha seo, chan eil an t-eadar-lìon no fònaichean làimh aca ach b’ aithne dhuibh a h-uile càil eile. A bharrachd air mion-sgrùdadh a rinn Camus air buaidh na plàighe tha an leabhar a tha seo a’ toirt a-steach na seallaidhean agus aimsir Algeria ann an dòigh a tha dìreach iongantach. Gu dearbh ’s aon den leabhraichean a bu choir dhut a leughadh ach mur a bheil fraingis agad na faigh greim air an eadar-theangachadh Penguin, feuch eadar-theangachadh eile. Gus a sin feumaidh mi innse dhuibh gu bheil blas Camus ri fhaighinn sa Ghàidhlig chaidh sgeulachd ghoirid a sgrìobh Camus a h-eadar-theangachadh le Iain. S Mac a’ Phearsain, faodaidh tu ‘An t-Aoigh’ a leughadh ann an Gath (an t-Earrach 2006).