Smaointean eu-dòchasach na mìosa
Tha mi air a bhith a’ leughadh Colbh Aon sa Phress & Journal. An t-seachdain seo ’s e Aonghas a bha a’ sgrìobhadh. Bha e a-mach air ‘Gàidhlig, an eaglais agus ‘ur beatha.’ Chan ann gu tric a bhios mise a’ dol leis a chuid beachdan ach tha deagh stoidhle sgrìobhaidh aige a tha a’ còrdadh rium gu mòr agus bidh mise a’ toirt sùil air a chuid obrach a h-uile turas a nochdas i. An t-seachdain seo , leugh mi dà bheachd aige a chuir mi beagan sìos nam inntinn. Seo iad:
‘Tha suideachadh na Gàidhlig mar a stuth a bha ‘s na bùitean ro àm na Nollaig. Bucais mhòra, dathan brèagha, agus gleans as a h-uile càil, agus na lionadh gucan uighe ‘n uair a bheireadh tu h-ùile càil a tha sin air falbh.’
‘Agus tha sin ann a seo aig toiseach bliadhn’ ùr eile, le polaisdhean gus ‘ur tiodhlaigeadh agus a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh ma’r casan’.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh