Beachd connspaideach sa Chourier Inbhir Nis
An t-seachdain seo thòisich Ruairidh MacIlleathain le na leanas…
‘Tha e coltach gu bheil an aon rud a’ tachairt a thaobh na Gàidhlig an dràsta ’s a thachair sna Meadhan Aoisean ri linn nan Lochlannach. ’S e sin gu bheil prìomh aros a’ chànain a’ gluasad a dh’ ionnsaidh na h-àirde an ear. Chan fhada a bhios daoine a’ coimhead air na h-Eileanan na Iar mar “epicentre” na Gàidhlig mura dèan na h-eileanach fhèin rudeigin mu dheidhinn.’
As dèidh sin mhìnich Ruairidh a argamaid. Feumaidh mise aideachadh gu bheil cor na Gàidhlig sna h-eileanan a’ crìonadh gu mòr agus gur e deagh phuing a tha e a' togail.
Saoilidh mi gum bi an aiste gu lèir aig Ruairidh a’ nochdadh air làraich a’ Chourier an ath sheachdain.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh