Cumhachd na Gaoithe a' cur dragh orra

Tha aon rud a faodadh tu a bhith cinnteach às, far a bheil planaichean airson Muillean Gaoithe, 's ann an sin a bhith cuideigin a' togail fianais mu an deidhinn. Thuirt Crìsdean gu bheil bhuidheann eile ann ris an canar Buidheann-mothachaidh Nigg air a chur air dòigh a-nis. Tha iad gu tur an aghaidh plana airson na sgire aca agus tha eagal orra gum bi sealladh gu math diofraichte aca ann an ùine gun a bhith fada. 'S ann mar seo a tha iad a' sùileachadh nan muillean gaoithe.
Gabhaibh mo leisgeil ach chan eil mise a' faicinn mòran ceàrr le sin. Nach eil iad dathach gu leòr?
Am b'fheàrrde leotha le coltas tradiseanta air na muillean gaoithe?
Na gabh dragh mur a bheil iad gan iarraidh seo rudeigin eile airson beagan dealain a cruthachadh.






Freagairtean:4

Aig 09:16 thuirt Anonymous Anonymous...

Tha thu ceart a' Ghraisg. Chan eil mòran ceàrr leis na muilnean. Nam bheachdsa tha iad gu math brèagha.

Rinn mi taisbeanadh mun deidhinn an-uiridh mar phàirt dhe mo chùrsa SMO agus bidh iad fiù 's a’ co-mheasgachadh leis an sgìre; crainn-ola, gàradh-bhàtaichean & tuathanas-gaoithe aig muir Beatrice.

 
Aig 13:12 thuirt Blogger Graisg...

Bidh fhios agad Christean gun deach gàradh crainn-ola Ard na Saoir a dhùnadh agus tha plana ann airson 1,000 taighean. Uill ag innse na fìrinn chuala mi a-raoir gum bi 1900 taighean ann a-nis. Bhiodh grunn muillean gaoithe freagarrach san coimhearsnachd ùr cuideachd nam bheachdsa. Dhomhsa chan eil dad ceàrr le leth-dusan no dusan san aon àite. Feumaidh mi aideachadh ge-tà gu robh na planaichean airson Leòdhais cus airson aon sgìre. Feumaidh sinn cumhachd an gaoithe a chleachadh.

 
Aig 23:01 thuirt Anonymous Anonymous...

Aidh, chuala mi gun robh iad airson 1,950 taighean a thogail ann an Àird nan Saor. Bhiodh muilnean-gaoithe freagarrach gu dearbh.

Feumaidh mi ràdh chan eil mi air a bhith a' leantainn na tachartasan ann an Leòdhas. A bheil iad fhathast ag iarraidh 181 muilnean? Chan eil mi cho cinnteach mu dheidhinn seo, tha e a' soundadh ro mhòr, ach tha na dealbhan a' coimhead ceart gu leòr dhomhsa ach 's dòcha bidh am fuaim ro àrd.

 
Aig 14:37 thuirt Blogger Graisg...

Cò fad 's aithne dhomhsa tha iad fhathast airson sin ach thuirt an riaghaltas gu robh a h-uile coltais ann gun tèid a h-uile càil a dhùilteadh.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh