Roc ceilteis le Alan Stivell

Bha mise a’ toirt sùil air an làrach aig Dailymotion agus thachair mi air a’ bhideo seo.
Tha Alan Stivell a’ seinn ann am Breatnais agus an uair sin san Fhraingis.

Alan Stivell Gouel Karaez
Uploaded by Videaoueg

Cosgais chogaidh Iarac dha na SA
(JavaScript Error)

Iomairt airson taic a thoirt do Tul Bahadur Pun VC.

Bha mi a-mach air a' chuspair seo an-dè. Gu fortanach chan eil moran daoine ag aontachadh le beachd riaghaltas Lunnainn. Seo far am faigh thu naidheachd mu dheidhinn iomairt airson taic a thoirt dhan ghaisgeach Gurkha an Dara Cogadh Mòr

Chaidh a dhiùltadh

Tha an duine san dhealbh seo a’ dol ris an canar Tul Bahadur Pun agus ‘s e Gurkha a th’ann an Mgr Pun. Bha e feuchainn ri fhaighinn a-steach den dhùthaich (Breatainn) air sgath ‘s nach eil e a’ cumail gu math agus tha e den bheachd gum biodh e a’ faighinn taic nas fheàrr bhon dotairean agus nursaichean. Far a bheil e a’ fuireach ann an Nepal tha a chuid pheinnsein ga chaitheamh air cungaidh-leighis agus chan eil cuisean cho math idir.
Fhuair e litir bhon riaghaltas, thuirt iad, ‘Cha b’urrainn dhut a shealladh gu bheil ceanglaichean làidir agaibh ris a’ Bhreatainn. (You have failed to demonstrate that you have strong ties with the UK)’ Uill saoilidh mi gum biodh litrichean nam mìltean den leithid sin gam postadh a h-uile seachdain gu daoine sgapte air fad an t-saoghail.

Dhomhsa tha diofar ann a thaobh Mgr Tul Bahadur Pun ge-tà, agus ’s e sin gun do bhuinnich e an Victoria Cross san Dara Cogadh Mòr!! Victoria Cross ann no às, ‘thalla ‘s cac!’ 's e sin na thuirt riaghaltas Lunnainn dha. Duais eile airson a’ sabaid air taobh saorsa.
Tuilleadh air an làrach aig Iain Dale.

Sgeulachdan inntinneach ri fhaighinn air utube!

Dà thaobh den Fhraing

Feasgar Diluain chuala mi guthan ag èigheachd. Sa chiad dol a-mach smaoineach mi gu robh faisg air làimh a bha iad ach thuig mi gu robh iad taobh thall a’bhaile. Chuala mi ‘Sarko Facho’ gu math soilleir. Bha an ògridh a’ togail fianais an aghaidh a’ chinn-suidhe uìr. An ath latha chaidh mi dhan bhaile agus chunnaic mi an sgrìos a rinn iad. Bhris iad uinneagan gu leòr agus losg iad sgudal siud ‘s a seo.
‘S e latha-fèille a bh’ ann an dè ‘Latha buaidh ann an Eòrpa’ agus chuir an stàit Frangach caismeachd air dòigh san dearbh àite a chruinnich na reubalaich. Brataichean Frangach an àite brataichean dubha. Bha fiù ‘s saighdearan gearmailteach an lathair agus tha sin sealltainn dhuinn dìreach dè cho math ‘s a tha am pròiseact Eòrpach a’ cumail a’ dol. Beagan nas anmoiche thòisich na reubalaich òga a chruinneachadh turas eile.

A' deanamh deiseil airson caismeachd

Buaidh caismeachd eile


Latha-fèille ach latha dìreach mar latha sam bith eile airson an tè seo


Beagan chadail


Beagan a bharrachd gàidhlig sa phàrlamaid


'Se neach ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann an Daibhidh Mac Thòmais coir BP na h-Alba, fhuair e a-steach air an liosta sa Ghaidhealtachd airson a 'Phartaidh Nàiseanta;

Rinn e cùrsa comais aig colaisde Inbhir Nis comhla riumsa ann an 2003/4 agus tha e air a bhith a' cumail a' dol leis bhon uair sin. Sin thu fhèin Dhaibhidh a bhalaich! meal do naidheachd.

Caismeachd a' chiad latha den Cèitean ann an Roazhon

Thog mòran daoine na sràidean orra agus thug sin cothrom dhaibh a bhith a’ togail gearain mu dheidhinn Sarkozy, tha eagal air mòran gum bi esan na cheann-suidhe Didòmhnaich sa tighinn. Bha aon bhuidheann a’ toirt a chreidsinn gur e luchd-taic ‘Sarko’ a bh’ annta agus bha iadsan a’ cleachdadh aoir gus an puing a mhìneachadh. Ma tha beagan Fraingis agaibh bidh thusa a’ tuigsinn dìreach cho èibhinn ‘s a bha iad nuair a choimheadeas tu air an cuid soidhneachan. Bha feadhainn eile airson a’ tilleadh dhan làithean 68 agus ged ‘s a bha cianalas orra airson an ar-a-mach a bha siud tha mise den bheachd nach robh iadsan fiù ‘s beò aig an àm ud. Ma bhuinneachas Sarko bidh atharraichean mòra a’ tighinn air an Fhraing agus tha a h-uile coltas ann gum bidh caismeachdan gu leòr eile ma tha na ‘Bookies’ ceart.