Caismeachd a' chiad latha den Cèitean ann an Roazhon

Thog mòran daoine na sràidean orra agus thug sin cothrom dhaibh a bhith a’ togail gearain mu dheidhinn Sarkozy, tha eagal air mòran gum bi esan na cheann-suidhe Didòmhnaich sa tighinn. Bha aon bhuidheann a’ toirt a chreidsinn gur e luchd-taic ‘Sarko’ a bh’ annta agus bha iadsan a’ cleachdadh aoir gus an puing a mhìneachadh. Ma tha beagan Fraingis agaibh bidh thusa a’ tuigsinn dìreach cho èibhinn ‘s a bha iad nuair a choimheadeas tu air an cuid soidhneachan. Bha feadhainn eile airson a’ tilleadh dhan làithean 68 agus ged ‘s a bha cianalas orra airson an ar-a-mach a bha siud tha mise den bheachd nach robh iadsan fiù ‘s beò aig an àm ud. Ma bhuinneachas Sarko bidh atharraichean mòra a’ tighinn air an Fhraing agus tha a h-uile coltas ann gum bidh caismeachdan gu leòr eile ma tha na ‘Bookies’ ceart.