Còmhradh le dìonadair crìochan Slobhagia

‘Am faigh mi am bus gu Chippenham bhon àite seo?’ Dh’fhaighnich am fear a bha na shuidh ri mo thaobh.
Cha robh càil fhios agamsa. Bha mi nam shuidhe às dèidh poca tiops fhaighinn bhon taobh a-muigh stèisean nam busaichean Bhictoria ann an Lunnainn. ‘S e deagh phoca tiops a bh’ ann gu dearbh agus tha e air a bhith ma sin sa bhùth ud o chionn fhada agus gheibh thu dùn mòr tiops airson £1.30 a chuireadh nàire mhòr air na aon seòrsa àiteachean ann an Inbhir Narann. Bha e mu leth uair an dèidh deich feasgar agus bhithinn-sa a’ faighinn bus gu Inbhir Nis bho àite eile faisg air làimh ach bha a h-uile goireas ann an Bhictoria agus a bharrachd air sin 's e àite fada na bu shabhailte a bh' ann.


Dealbh bho Farmgal thall aig flickr.com

Thug mi sùil air a’ chlàr-amhairc agus mhothaich mi gu robh an ath bhus bhon gheata ud a’ dol gu Penzance. Smaoinich mise gu robh deagh theans aig an duine seo.
‘Uill , tha Chippenham dhan thaobh an iar ann an Wiltshire agus bhiodh bus sam bith a’ dol tro Wiltshire air a shlighe dhan Chorn,’ thuirt mise. Agus an uair sin nochd liosta de àiteachan far am biodh an ath bhus a’ stad. Reading, Chippenham... Chuir sin an duine na thàmh.
Thòisich an duine bruidhinn rium agus ged ‘s nach robh mòran beurla aige rinn e deagh oidhirp a sgeulachd ag innse dhomh. Bha e air a bhith ag obar o chionn bhliadhnaichean mar dìonadair chrìochan ann an Slobhagia agus bha e air ùr thighinn gu Lunnainn am feasgar ud air plèana gu Stanstead agus bha e air a rathad gu Chippenham. Fhuair e obair air baile-fearainn faisg air a’ bhaile ud agus bha e a’ coimhead air adhart gu deagh thuarastal fhaighinn. Bha cùisean eaconamach cho buileach dona thall an Slobhagia agus an tuarastal cho iosal gun dh’fhalbh a h-uile càil gus rudeigin nas fheàrr fhaighinn ann an Sasainn. Bha e pòsta, 38 bliadhna a dh’aois le nighean 7 bliadhna a dh’ aois agus mac 4.





Sheall e dealbhan dhiubh dhomhsa air a fhòn-làimh, ‘s e cloinne brèagha a bh’ annta. ‘S e duine trì-chànanach a bh’ ann ach gun teagamh sam bith bha mise den bheachd gum biodh beurla air a liosta ann an ùine nach biodh fada. Bha e comasach Slobhagais, Ruiseanais agus Ongarais bruidhinn, agus rinn e gàire nuair a thuirt mise nach robh fear aca gu feum sam bith ann an Chippenham. Cha robh e air a bhith trang idir ann an Slobhagia, cha robh duine sam bith airson faighinn a-steach an dùthaich ud, ‘Chan eil dad againn,’ thuirt e le gàire eile. Bha mòr iongnadh air air dè cho eadar-nàiseanta ‘s a bha Lunnainn le daoine as na ceithir ranna ruadha air na sràidean. Thuirt mise gum biodh fhathast beagan den seann dhòigh bheatha shasannach ri fhaighinn ann an Chippenham nan robh sin an dealbh a bha na inntinn agus bhiodh cothroman aige a’ dol a-steach pubaichean gus blas den chultair fhaighinn ach ‘s dòcha nach biodh rud math ann an sin air oidhche Shathairne mar eisimpleir.
Smaoinich air, am biodh dìonadair chrìochan breatannach sam bith dèonach a chuid obrach fhàghail gus dreuchd fhaighinn air bhaile fhearainn thall thairis? ‘S e ceist ghòrach a th’ ann an siud agus tha e seachad air tuigsinn ach ‘s e tachartas cumanta a th’ ann ann an àiteachan nach eil fada a-mach bhon phuirt-adhair Stanstead. Bidh a theaghlach ga h-ionndrainn gu mòr, ‘s e duine coir a bh’ ann, tha mi an dòchas gum bi cuisean a’ dol gu math leis ann an Chippenham agus ann an ùine nach bi fada bidh piseach a’ tighinn air cùisean ann an Slobhagia dìreach mar a thachair cuisean ann an Èirinn nuair a bhuannaich iadsan bhon a bhith a’ gabhail pàirt san roinn Eòrpa.


Dealbh bho The Gillsoniow thall aig Flickr.com

Freagairtean:1

Aig 07:10 thuirt Blogger Rhys Wynne...

Helo, Rhys here. Just thought you might be interested in some blogging software that can be tranlsated into Gàidhlig. The platform is NireBlog.com, and the strings are awaiting translation here.

Maybe you could blog about it?

I know it's quite easy to ammend Blogger to appear in your language, but with NireBlog, even the back end will appear in Gàidhlig.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh