Air adhbhair air choireigin cha chreid mise nach eile ‘cac coin duinne’ gu mòran feum sa bhad seo no am bi e dìreach air sgath’ s gu bheil ‘ki gell’ a’ dèanamh co-fhuaim le ‘nukleel’?. Disathairne thug 40,000 sràidean Roazhon orra airson fianais an aghaidh cumhachd niuclasach a thogail agus cha robh gainnead de Bhreatnais ri fhaicinn air na brataichean. Bha daoine a’ mèarrsadh tro Lyon, Lille, Strasbourg agus Toulouse aig an aon àm. Gu dearbh tha iomairt an aghaidh ‘Cac coin duinne’ air a chur an gnìomh a-nis. San dàrna dhealbh chì sibh am partaidh uaine no ‘Ar re c’hlas’. Tha muinntir na Breatainn bhig a’ cleachdadh am facal ‘glas’ san aon dòigh a tha sinn a’ cleachdadh ‘gorm’.
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh