Chan eil deoch ro dhaor san Fhraing an taca ri Alba agus gheibh thu botail den leithid seo airson dà iùro. Tha muinntir a’ Bhreatainn Bhig gu math moiteil às a’ bhiadh agus an deoch a tha a’ buntainn don àite agus tha sanas beag ri fhaicinn air a leithid. Chì thu sa bhotail e gu h-àrd air an taobh deas, ‘s e dealbh taigh-solais a th’ ann leis na faclan ‘Produit Bretagne’. Tha fiù ‘s làrach-lìn far am faigh thu fiosrachadh mu dheidhinn a h-uile càil eile a tha air a dhèanamh sa bhad seo. Cha do gabh mise ach liotair dheth co-dhiù agus saoilidh mi gu bheil beagan a bharrachd rannsachaidh a dhèanamh air an leann-ubhail.
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh