Bhòt neach-ionaid (no ‘bhòt phrocsaidh’ mar a chanas iad)

Cha bhi mise an làthair sa Chèitein a’ tighinn agus bidh mo chèile a’ cur ‘x’ air a’ phaipear-bhòtadh nam àite. A-rèir coltais bidh na nàiseantaich am partaidh as motha sa phàrlamaid ann an dùn Èideann agus ma thachras sin uill, cò aig a tha fios?
Co-dhiù, ged ’s a bhios mise sa Fhraing bheir a leithid bhòt cothrom dhomhsa a bhith a’ gabhail pàirt. Chì sinn dè seòrsa beachd a th’aig muinntir na h-Alba ann an ùine nach bi fada. Am faigh An Rìoghachd Aonaichte an t-sitig?