No Rennes mar a chanas iad sa Fhraingis agus Beurla.
Ràinig mi an t-àite seo feasgar Diluain. Dh’ fhalbh mi Lunnainn air an Eurostar aig 10.30 agus bha mi ann a sheo aig 1708. Bu chòir chuimhne a bhith agad gu bheil iadsan uair air thoisich oirnn air Tìr-mòr an Roinn Eòrpa agus leis a sin cha robh mi ach 5 uair gu leth eadar an dà àite agus a bharrachd air sin bha uair a thìde agam a’ faighinn bhon Gare du Nord gu Gare de Montparnasse. Chaidh an taxi seachad air an Louvre agus tarsainn an abhainn Seine far am faca mi an Tour Eiffel air mo làimh deas agus Notre Dame air an taobh clì. Chan eil coltas idir eadar na TGV (trains de grande vitesse) agus FirstScotrail (trèanaichean de bheagan vitesse.)

Tha seòmar agam faisg air an oilthigh agus chan eil mi fada bhon stèisean Metro. Abair goireas a th’ ann an siud. Gheibh thu carabaidean a h-uile sia mionaidean agus tha e a’ ruith bhon taobh an iar dhan taobh a deas gun dhraibhearan idir agus tha e gu math trang aig amannan. Cha cosg thu ach euro gach turas. Co-dhiù chan fhaca mi mòran dhen bhaile fhathast ach an dè chaidh mi a-steach den ‘Les Champs Libres’, ‘s e seòrsa leabhar-lann agus taigh tasgaidh nàiseanta den Bhreatainn Bheag a th' ann agus tha amas agam a dol ann a-rithist am feasgar seo. Chan eil eadar-lìn agam gu mi-fhortanach agus cha gheibh mi a-steach aig an oilthigh gus an ath sheachdain nuair a gheibh mi cairt-aithne, mar sin tha agam a’ dol a-steach dhan bhaile ma tha mi airson ‘brancher sur internet’. Ged’s a chuir e beagan sneachd chan eil dad ann a nis agus tha e grianach – deagh cothrom a bhith togail dhealbhan. Uill sin mar a tha e, sin agad e bhuamsa an-diugh, bidh mi air ais aig an aon àm an ath sheachdain.

Freagairtean:2

Aig 13:42 thuirt Blogger Lapierre Médias©...

hello
your blog is very interesting even if i dont all understand :p

 
Aig 20:36 thuirt Blogger mona...

Oh, tha thu ann an Rennes mar-tha! Sin thu fhèin... tha mi an dòchas gum bi deagh spòrs agad agus gun tèid a h-uile rud gu math aig an oilthigh :-)

Est-ce que je dois parler français ou breton avec toi maintenant? N'oublie pas ton gaelique! ;-P

Gadh deagh dhùrachd,
Mona

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh