Chunnaic mi Poodle ann an Roazhon
Bha mise taobh a-staigh bàr eile, bha mi air fòn a’ cur do mo chèile agus bha beagan thìde agam gus am Metro mu dheireadh. Bha poodle a’ coiseachd mu cuairt agus thug e sùil air cù eile a bha faisg air an doras. An Staffordshire Bull Terrier as motha a chunnaic mi a riamh, ma dh’ fhaoidte am fear as motha san t-saoghal. Bha am poodle eòlach air ach co-dhiù rinn e mùin air a’ bhalla faisg air bòrd agus còta a bha na laighe air an làr. Bha e follaiseach nach robh sin an ciad turas a thachair sin leis gur robh grunn smail buidhe eile sa bhad ud. Shaoil mi air an fheasgar gu ruige sin.
Chaidh mi dhan choinneamh a’ cur buidheann nàiseantach Emgann air dòigh agus bha i uabhasach fhèin inntinneach.. Tha amas aig Emgann agus grunn buidhnean eile caidreamh politigeach a chur air dòigh airson na sluaigh a tha a’ sireadh beagan a bharrachd neo-eisimeileachd bho riaghaltas Frangach. ‘S e sin ri ràdh a leithid de na Basgich agus muinntir Corsica. Bha neach labhairt bho na Basgich ann agus tè bhon Guyana Frangach far an robh fhathast coloinidh aig an ‘Hexagon’. Nan robh muinntir fo smachd na Frangaich sa roinn Eòrpa den bheachd gu robh cuisean tàmailteach cha robh sin dad idir an taca ris an suideachadh thall an ameireaga a deas far a rèir an tè ud nach robh na Frangach a’ toirt suim sam bith dhan chànain, chultair no àrainneachd an àite. ‘S e buidheann taobh clì a bh’ annta ach tha mise den bheachd gur e mearachd a th’ ann airson iomairt nàiseantach no culturach a chur air dòigh fon àite sam bith taobh a-staigh an speactram politigeach. Ach ‘s e coinneamh gu math inntinneach a bh’ ann agus thuirt iad iomradh air an t-suidheachadh ann an Alba agus bha iad den bheachd nach robh neo-eismealachd fada a-mach bhuainn. ‘S e sin ri ràdh gum biodh sin ri fhaighinn aig an tagadh sa Cheitean ach tha fios againn uile chan eil cuisean cho buileach sìmplidh ri sin idir. Bha e follaiseach ge-tà gum biodh iad uile air an dòigh glan nan robh a leithid aca na tha againn ann an Dùn Èideann.
Tha iad measail gu dearbh air choinneamhan ann an Roazhon agus nuair a thàinig cùisean gu crìch chaidh mi a-steach coinneamh eile an aghaidh cumhachd niuclasach. Bha an coinneamh seo a’ dol ann an seòmar mhòr eile a bha faisg air làimh. A-nis bha e seachad air deach uairean agus shaoil mise nach bidh mòran thìde air fhàgail leis a’ choinneamh eile ach bha iad fhathast a’ dol aig cairteal gu na h-uarach. ‘S e fiosrachadh gu math inntinneach a bh’ ann ge-tà agus bha fear a-mach air ciamar a bhiodh 200 luchd-obrach aig stèisean niuclasach ach ma chuir thu an aon chnap airgid ris cumhachd eile a bha nas càirdeile dhan àrainneachd gheibh thu cothrom 10,000 a dh’ fhastadh. Mar a thuirt mi, bha a’ coinneamh ud fhathast a’ dol agus chaidh mi a-mach agus thèid mi a-steach bàr faisg air stèisean a’ mhetro. Fhuair mi leann agus mhothaich mi gu robh fear ameireaganach a’ bruidhinn ri fòn-làimh sa bheurla.
Bha e a-mach air a bhàr a bha sin, thuirt esan: ‘tha deichnear ann saoilidh mi, tè le pàisde, feadhainn eile a’ dèanamh còmhradh air an taobh eile agus tha fear eile dìreach tighinn a-steach, saoilidh mi gur esan faisg air da-fhichead bliadhna.’
‘Sin thu fhèin a bhalaich’, shaoil mi. Bha sin an dàrna turas sa chola-deug a chuir cuideigin tomhas air m’aois aig da fhichead. Nach math an t-eadar-sholas. Bha mise an impis a ràdh a leithid ‘tapadh leibh gu dearbh' sa bheurla ach bha an Ameireaganach fhathast bruidhinn agus chaidh e gu cnag na cùise.
‘ Tha mi a’ faicinn na coltais orra ach chan eil mi a’ tuigsinn dad den chànain idir agus tha sin a’ cur dragh orm. ‘S lugha orm an t-àite seo, tha e tàmailteach dhomh gach madainn nuair a dh’ èiridheas mi agus sin bidh mi a’ tuigsinn gu bheil mi fhathast san àite sgrìosail a tha seo. Chan eile aon rud math a th’ann agus‘s e sin gu bheil e blàth.’
Uill, nuair a bha e deiseil thuirt mise, ‘Ça va?’ dha. Cha robh mise airson còmhradh sa bheurla le cuideigin a bha sìos na inntinn agus a’ dubh-càineadh Roazhan. Gu ruige seo bha mise den bheachd gur e àite uabhasach fhèin càirdeil a bh’ ann agus bha daoine deònach gu dearbh a bhith bruidhinn riut sna bhàraichean agus àiteachan eile. Saoilidh mi gu robh an duine ud nam bheachd nach robh duine sam bith eile ann an Roazhon comasach a’ bruidhinn beurla ach nach robh fhios aige gur robh barrachd air 50,000 oileanaich sa bhaile? Co-dhiù, choimhead e orm le coltas eadar fiamh-ghàire agus eagal. Bha an duine bochd air chall. Ann an ùine nach robh fada thionndaidh fear a bha a’ deasbaid cor a’ Mhaghreb ris am ‘Patron’ rium agus dh’fhaighnich e dhìom, ‘Tha sin ceart, nach eil?’
‘Chan eil càil a fhios agam,’ fhreagair mise ach bha mi a-steach a’ chòmhradh a-nis co-dhiù. Sin mar a tha e ann an Rennes ma tha beagan Fraingis agaibh.
Gabh mi trì no ceithir glainneachan eile agus dh’ fhàg mi gus fòn a chuir gu Inbhir Narann.
Bha mùn a’ phoodle a’ dol nas fhaisge air a’ chòta ach bha trèana fon thalamh a’ feitheamh orm.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh