Buaidh Tighearnas nan Eilean fhathast a’ cumail a’dol?

Sgrìobh Chuc rudeigin o chionn greis agus thug e orm gu smaoineachadh. Bha mi an impis freagairt a chur air a bhlog ach aig cùl m’ inntinn bha cùisean fhathast air bhoil air sgath ‘s gun thachair mi air pìos sgriobhaidh mu dheidhinn beachd a tha aig na Frangaich ris na h-Ameireaganaich.

Tha mi air an suideachadh ann an Iarac/Iaran/Afghanistan air deasbad grunn tursan le Chuc agus tha mise den bheachd gur e gu math doirbh dhomhsa beachd sam bith a’ gabhail ris air ri linn ‘s nach eil earbsa sam bith agam san fhiosrachadh a tha tighinn a-mach sna àiteachean ud. Chan eil càil a fhios agam far am faigh mi no duine sam bith eile an fhìrinn. Cha chreid nach eil a h-uile naidheachd a tha tighinn thugainn a’ dol tro na làimhean salach de na dotairean-snaimh. Mar eisimpleir a h-uile turas a tha am prìomhairean Iaran faisg air miocrofon cò a dh’eadar-theangaicheas sin air ar son agus cò a phàigheas an neach-eadar-theangair. An tuirt e, ‘cuir crìoch air Israel’ no ‘cuir stad air cumhachd Israel’. Agus ma bhios thusa a’ fuireach ann an Tehran, mur a bi Beurla agad, am biodh sibhse a’ faighinn na thuirt Blair no Bush no dreach a chuir cuideigin car ann?

Nuair a rinn Rèidio nan Gaidheal cunntas-bheachd an robh na freagairtean gòrach no an e ceist ghòrach a bh’ ann sa chiad dol-a-mach? An e Ameireaga no Iaran a tha nas cunnartaiche? Uill faodaidh a h-uile càil a bhith cunnartach dhut ma tha thu faisg air làimh nuair a tha e a’ dol ceàrr. Ma tha do sgian air sgeilp sa chidsin, chan eil i cunnartach. Ma bhios i anns do phòcaid an ath-turas a thèid thusa dhan taigh-seinnse tha sin diofraichte. Agus ma bhios sibh a’ dol dhan taigh-seinnse le do sgian ort dìreach air sgàth gum bi sgian aig a h-uile mac-màthar eile, uill a-rithist bidh suideachadh gu tur buileach cunnartach ann. Tha fhios agam nach eil ball-airm niuclasach sa h-uile cidsin ach tha mi den bheachd gum bi feadhainn dhiubh a’ gabhail ris an t-samhla a tha siud.

Bha ar-a-mach sna stàitean nach eil? Bha ar-a-mach aig na Iaracaich cuideachd agus fiù ‘s aig na Frangaich. Tha e follaiseach gu bheil a h-uile turas a tha ar-a-mach ann bi coltas diofraichte tighinn às. Mus do thoisich an dàrna chogaidh Iaraic thàinig an Fhraing a-mach gu làidir an aghaidh Ameireaga aig coinneamh na Dùthchannan Aonaichte. Thug iad cogais an t-saoghail orra fhèin le stoidhle agus dh’argamaid iad puingean fileanta pongail. Chaidh an cabhlach thar a’ chuain ge-tà agus bha ‘freedom fries’ air an cruthachadh – dè tha ceàrr leis an fhacal beurla ‘chips’, chan eile agad ach aon facal a chleachdadh agus thusa gun fheum sam bith iomradh a thoirt air na Frangaich.

Cha toil duine sam bith cogaidh agus tha e ceart a bhith a’ dèanamh a h-uile oidhirp gus am bhith ga sheachnadh ach nuair a thig e gu aon agus gu dhà bidh na luchd-poileataics gan tòiseachadh agus coma leotha de am beachd a tha agamsa, thusa no Chuc.

Leugh mi gur e às a’ Bhreatainn Bheag a bha dithis às gach triùir den 70,000 Frangaich a chaidh a-null dha Ameireaga gus taic a thoirt dhan iomairt shaorsa. Chan e a-mhàin na Dòmhnallaich a’ cur beagan cruth air na Stàitean Aonaichte.

Co-dhiù, air ais dhan roinn Eòrpa far a bheil an Fhraing a’ leigeil a-steach beagan cultur Ameireaganach tron doras chùl a’ dh’aindeoin a bhith a’ gearain mu ‘mondialisation’ (dluth-chruinneas) aig an aon àm. ‘S iadsan a tha a’ ceannaich na tiops agus burgers ge b’e dè an t-ainm a th’ orra. Chan eil mòran thìde a-nis gus am bi a h-uile càil a’ dol fodha. Ach fuireach mionaid - a bheil fhios agad gur ann an tri bailtean ann an ‘Breizh Isel’ (’s e sin far a bheil fhathast beagan Breatnais) gheibh thu clàr-bìdh sa Bhreatnais taobh a-staigh am ‘McDo’ ma thogras tu?

Freagairtean:1

Aig 00:40 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Math dha-rìreabh! MacDonalds a` tairgsinn clàr-bìdh ann an cainnt Cheilteach. An creideadh tu sin!

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh