Film goirid Gàidhlig ri fhaighinn air Utube
’S e iomadh rud inntinneach gu dearbh a gheibh thu air a’ Ghàidhealtachd ‘mas fhìor’ agus thachair mi air rudeigin eile a tha sealltainn dhuinn dìreach dè cho feumail ‘s a tha na goireasan eadar-lìon dha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Chunnaic mi film goirid a rinn Zack Lawrence sna Stàitean Aonaichte. Tha am film seo uabhasach fhèin math a thaobh an dà chuid mathas agus cleasaidheachd. Tha fiù ‘s fo thiotalan sa bheurla dìreach mar a h-uile càil air BBC Alba. Às dèidh a bhith coimhead air an fhilm bha mi airson faighinn a-mach beagan a bharrachd air carson a rinn Zack an film seo. Seo na thuirt e:
‘Tha freumhan albannach làidir aig mo theaghlach agus ann an làithean m’ òige bha mi air mo chuartachadh le cèol agus cultair cheilteach. Bha mi daonnan air mo bheò ghlacadh le claidheamhaireachd agus tha mi den bheachd gur e filmeadair mòr-mheanmnach a th’ annamsa, mar sin bha e dìreach nàdarrach gun tigeadh a h-uile càil a bha siud ri chèile latha brèagha air choireigin.
Thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig san darna bhliadhna den àrd-sgoil agus ri linn ‘s gu bheil mi a’ faighinn foghlam aig an taigh b’ urrainn dhomh sin a chur air a’ chlàr mar chànain choigreach. Dh’ionnsaich mi le Speaking Our Language agus Teach Yourself agus a bharrachd air sin le làraichean a leithid ‘Beag air bheag’. Nuair a bha gu leòr agamsa airson còmhradh simplidh a chumail a’ dol chuir mi romham gun dèanadh mi film goirid gu tùr sa Ghàidhlig, a’ cur a-steach a h-uile càil a dh’ionnsaich mi agus a’ cleachdadh an camara ùr (aig an àm) Canon XL122 a bh’ againn.
Bha an aon ùidh ann an Gàidhlig agus claidheamhaireachd aig mo chàraidh Stephen Cuil. Leis a sin bha e follaiseach gun cuireadh mi ceilidh air gus faighinn a-mach nan biodh esan dèonach am film a dhèanamh còmhla rium. Sgrìobh mi an sgriobt sa Giblean 2005 agus chuir sinn seachad grunn mhìosan leis a’ cur ri chèile an sàbhadh chlaidheimh.
Rinn sinn am film air trì làthaichean a-mach air cola-deug san Og mhìos no an t-Iuchar 2005 (chan eil mi buileach cinnteach). Air sgath ‘s caochladh chùisean bha mi fada nam dheasachadh an fhilm na bha mi an dùil agus chuir mi crìoch air san Dùbhlachd 2005. Thàinig e a-mach sa Mhàrt 2006 – ‘s e sin ri ràdh gun tug mi leth-bhreac DVD gu Stephen. :-)
A’ toirt sùil air ais air an sgriobt, mhothaich mi nach robh a h-uile loidhne buileach ceart nuair a bha sinn a’ filmeadh. Chan eil mi fiù ‘s cinnteach gun do chuir mi fior eadar-theangachaidh air na loidhneachan sa chiad dol a-mach. Ach bha deagh spòrs againn agus tha coltas ann gu bheil e a’ còrdadh ri daoine.’
Uill sin thu fhèin Zack ‘s math a rinn thu agus do charaid Stephan. Gur math a thèid leat san àm ri teachd agus tha mi an dòchas gum faic sinn beagan a bharrachd gàidhlig bhuat?
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh