Farpais mhaise Fhrangach - Cuairt dheireannach

Chaidh Le Pen a-mach à sealladh, cha robh aige ach 11% agus tha mòran den bheachd gun chaill esan mòran bhòtaichean gu Sarko - an e Le Pen 'light' a th' ann an Sarko?. Chuala mi cuideigin a dh’ faighnich, ‘Dè an diofar eadar Sarko agus Le Pen?’
Agus an fhreagairt? ‘Bhiodh Sarkozy a’ faighinn cuidhteas dhen daoine ‘sans papiers’ agus bhiodh Le Pen a’ faighinn cuidhteas dhen feadhainn aig a bheil ‘papiers’.’
Chuala mi rudeigin eile. A-rèir coltais bha Le Pen air a rèidio agus dh’fhaighnich iad dheth carson ged ‘s a bha e fhèin às a’ bhreatainn bheag nach robh e a’ faighinn mòran taic bhon àite sin idir. Thuirt Le Pen gur e sin air sgath ‘s gur e ‘Xenophiles’ a bh’ ann am muinntir na Breatainn bige. Tha sin ri ràdh nach eil eagal idir air na daoine coibhneil a tha seo ro choigrich no cultaran eile agus cuiridh iad fàilte agus fuaran air daoine sam bith ge b’e de seòrsa dath no creideimh a th’ aca. Cha chreid mi nach eil sin gu math cumanta sna dùthchannan ceilteach nach eil?
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh