Am mìos seo chaidh thàinig le Pen a-mach an aghaidh cùisean dà-chànanach san Fhraing. Thog feadhainn na sràidean orra ann an Roazhon greisg às dèidh sin. Agus seo bhideo a rinn iad. Gheibh thu tuilleadh air an làrach Ai ’ta.
Tha Oifis a’ Phuist Fhrangach cho coma leis a’ Bhreatnais sa tha NHS Eileanan Siar leis a’ Ghàidhlig air an làrach-lìn aca. Mhothaich mi nach eil a h-uile duine toilichte leis a sin agus tha iad a’ dèanamh an dìcheall airson piseach a’ chur air ‘La Poste’.
Beurla a-mhàin. Am faigh an làrach NHS Eileanan Siar duais shònraichte?
Seo rudeigin a thog mi an dearbh mionaid bhon iomairtean gàidhlig thall aig Yahoogroups:
Abair làrach-lìn:http://www.wihb.scot.nhs.uk/Tha an làrach anns a' Bheurla a-mhàin, ach tha bucas a' nochdadh airan duilleig-dhachaigh, ag ràdh AltaVista Babel FishTo translate this page, click a flag!
Tha brataichean ann airson: Sìne,a' Ghearmailt, Seapan, Coiria, An Fhraing, An Eadailt, Portagail, An Spàinn. Ceist: a bheil càil a dhìth an seo?
Chan eil deoch ro dhaor san Fhraing an taca ri Alba agus gheibh thu botail den leithid seo airson dà iùro. Tha muinntir a’ Bhreatainn Bhig gu math moiteil às a’ bhiadh agus an deoch a tha a’ buntainn don àite agus tha sanas beag ri fhaicinn air a leithid. Chì thu sa bhotail e gu h-àrd air an taobh deas, ‘s e dealbh taigh-solais a th’ ann leis na faclan ‘Produit Bretagne’. Tha fiù ‘s làrach-lìn far am faigh thu fiosrachadh mu dheidhinn a h-uile càil eile a tha air a dhèanamh sa bhad seo. Cha do gabh mise ach liotair dheth co-dhiù agus saoilidh mi gu bheil beagan a bharrachd rannsachaidh a dhèanamh air an leann-ubhail.
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg