Pìos eile den t-saoghal ‘mas fhìor’ a’ tighinn beò dhomh
’S àbhaist de mhuinntir nam Forams no Tir nam Blog a’ dèanamh cèilidh orm ann an Inbhir Narann nuair a tha iad faisg air làimh ach an-dè ‘s mise a bha a’ tadhail air neach a rinn mi eòlas air air loidhne.
Choinnich mi le Lughaidh bho Fòram na Gàidhlig an-dè taobh a-staigh an leabharlann aig Oilthigh Roazhon. Sheall e dhomh na leabhraichean Ceiltis agus badan eile a bhios feumail dhomhsa agus an uair sin thèid sinn sìos dhan roinn Ceiltis far an robh coinneamh agam aig leth uair an dèidh dhà.
‘S e duine gasda a th’ann an Lughaidh agus bha e a’ bruidhinn Gàidhlig rium a’ mhòr chuid den ùine ach chan eil beagan Fraingis a’ cur dragh orm nas motha. Tha Lughaidh air a bhith ann an Roazhon ochd bhliadhna agus a-nis tha an ollamhachd aige a’ tighinn gu crìoch. Cuiridh sinn coinneamh air dòigh gach seachdain agus mus till mi gu Inbhir Narann tha mi an dòchas gum bi mise a’ bruidhinn beagan Breatnais a nì ciall dha.
As dèidh Lughaidh fhaicinn bha coinneamh agam le an Aotrou (Mgr) Frances Faverau, Kelener Brehoneg – Yezh ha lennegezh, (Professeur de Langue et literature bretonnes, sa chànain eile) agus chuir an duine còir sin a h-uile càil air dòigh air mo shon. Bidh mise a’ dhèanamh clasaichean Sìobhaltachd Cheilteach, Breatnais, Gaeilge agus beagan a bharrachd Fraingis le roinn eile den Oilthigh. Bidh sin dìreach sgrathail fhèin math, gu dearbh tha mise air mo dhòigh glan eadhon nuair a thuirt ollamh dhomhsa, ‘Tha agad òraid de 20 mionaid a thoir seachad ann an cola-deug, air….mmmmm, ‘dévolution écossaise.’’
‘Chan eil ach fichead mionaid’, ars mise.
Uill chan eil clasaichean agam an-diugh agus tha e grianach agus beagan nas blàithe leis a sin tha mise a’ dol a-null dhan Mhetro agus an uair sin bidh aon den tramaichean fo thalamh gam thoirt dhan bhaile.
Mar sin leibh an-dràsta.