Diciadain 23as den Ghiblean 2011

Cearcall Comhraidh Inbhir Narann 22/04/11

Didòmhnaich 20mh den Ghiblean 2011

Cearcall Comhraidh Inbhir Narann 22/04/11 18.30 - Taigh-òsta Bhictoria

Air sgath 's gum bi Leabharlann Inbhir Narann dùinte airson na saor-làithean bidh sinn ag imrich don Taigh-òsta Bhictoria air a' phrìomh-shràid . Bidh am blogger Gàidhlig Chuc Tripp bho Alasca an làthair agus bidh cùisean a' tòiseachadh aig leth uair an deidh sia feasgar.
Dihaoine 22mh den Ghiblean

Diciadain 9mh den Ghiblean 2011

Fearghas aig a' bhall-coise

Buidhe agus dubh - dathan NCFC!

Didòmhnaich 6mh den Ghiblean 2011

Deiseil


Uill 's e sin mise deiseil airson bliadhna eile sa gharadh (glasradh co-dhiù) agus tha e bog fliuch a-muigh a-nis ach fhathast blath. Cuiridh sin piseach nach beag air a' bhuntàta. Am bliadhna Sharpe's Express, Romano, Pink Fir Apple agus Edzdell Blue.

An taghadh - Fearghas sa bhaile



Dihaoine 4mh den Ghiblean 2011

Drochaid tarsainn Uisge Èire air an A939 eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndaich - 03/04/11


'S e coltas eagalach cunnartach a tha seo ach feumaidh na h-ùghdarrasan a bhith toilichte ris le cùisean sàbhailte gu leòr a' dh'aindeoin an sealladh seo. Tha trafaig fhathast a' dol tarsainn na drochaid seo fo smachd solais-trafaig. Gheibhear seann drochaidean eile ann an Sirrochd Nàrann ann an fìor droch stad agus leis an staing ionmhais a th' againn an dràsta cha fhaighear fuasgladh dhaibh uile ann an ùine nach bi fada nam bheachdsa.