Diardaoin 30mh den Fhaoilteach 2009

Trì molaidhean do Bòrd na Gàidhlig.

Beachd a tha aig an amadan neach-ionnsachaidh a tha seo.

1) Bu chòir do geàrr-chunntasan a’ bhùird rim faicinn air loidhne
2) Bu chòir do coinneamhan a’ bhùird fosgailte don mhòr-shluaigh.
3) Bu chòir do tagadh a bhith ann gus ballrachd a’ bhùird a dh’fhastadh..

Tha fhios agam nach bhiodh an treas moladh furasta a chur air dòigh ach saoilidh mi gur e amas a tha airidh air rannsachadh ach saoilidh mi gun tèid a h-uile càil eile sa bhad.

A-nis mise air falbh do 'taigh-sabhailte'. :-)

Dihaoine 24mh den Fhaoilteach 2009

'Eil B na G a' cosg airgid air seìrbheis a th' ann mar-thà'

Tha an cuspair seo air duilleagan an Albannach ruigsinn a-nis agus sgrìobh Seon C Caimbeul artaigil. Mar as àbhaist tha na beachdan tighinn a-steach cuideachd
‘Eil Bòrd na Gàidhlig a' cosg airgid air seìrbheis a th' ann mar-thà?’ le Seon C Caimbeul
'Tha cuid a-mach air cho mì-fhreagarrach, leanabail, 's a tha an t-ainm "mygaelic.com", agus gum bi e 'na "rathad cosgail nach eil a' dol àite". Tha cuid eile ag ràdh nach eil Bòrd na Gàidhlig fosgailte gu leòr anns na dòighean maoineachaidh aige.'
Gus an còrr agus freagairt bhon bhòrd fhaicinn gheibhear tuilleadh air làrach an Albannach.

Diciadain 15mh den Fhaoilteach 2009

Dealbh den phortal ùr


Diluain 13as den Fhaoilteach 2009

+++Naidheachd a’ briseadh+++Naidheachd a’ briseadh+++Naidheachd a’ briseadh+++ Dwelly air loidhne..Toradh sàr ghaisgich..Dwelly air loidhne

+++Naidheachd a’ briseadh+++Naidheachd a’ briseadh+++Naidheachd a’ briseadh+++ 'S ann mar chlach as an adhair a bha an naidheachd seo. Abair thusa gur e sàr-ghoireas tighinn am bàrr. Nach tèid sibh ann gun dàil? Sin thu fhèin Akerbeltz! www.dwelly.info

Diciadain 8mh den Fhaoilteach 2009

A’ dèanamh coimeas air pris dà lìon sòisealta air loidhne

1) Làrach a tha ann mu thràth (le ainm Gàidhlig )
Abair thusa: a’ cosg £0

2) Làrach a tha tighinn a dh’aithghearr le maoineachadh Bòrd na Gàidhlig (le ainm snog Beurla)
mygaelic.com: a’ cosg £250,000

Gheibhear tuilleadh air mygaelic.com
air làrach The Sun