A’ dèanamh coimeas air pris dà lìon sòisealta air loidhne

1) Làrach a tha ann mu thràth (le ainm Gàidhlig )
Abair thusa: a’ cosg £0

2) Làrach a tha tighinn a dh’aithghearr le maoineachadh Bòrd na Gàidhlig (le ainm snog Beurla)
mygaelic.com: a’ cosg £250,000

Gheibhear tuilleadh air mygaelic.com
air làrach The Sun

Freagairtean:2

Aig 04:45 thuirt Blogger Steaphan MacRisnidh...

Och aidh, Des. Bidh sinn uile ag aiseag a-null chun laraich uir seo a Abair Thusa aon uair 's gum bi e deiseil!

Tha an sgeama seo ag amas air luchd na Beurla a tharraing chun Ghaidhlig a-reir coltais.

Chi sinn de cho math is a bhios e, de cho furasta a chleachdadh, de cho tarraingeach d' ar suilean.

Ma bhios e math, agus gun gabh a cleachdadh tron Ghaidhlig gun tionndaidhean Beurla a' bocadh a-nios!

 
Aig 16:00 thuirt Anonymous Anonymous...

Tha e furasta a bhith a' caineadh Bord na Gaidhlig - tha Bord na Gaidhlig ga dheanamh furasta dhuinn, chan e mhain an rud seo mu laraichean soisealta ach nach eil am Bord air a steidheachadh air prionnsabalan rianail mu phlanadh canain; direach rud an siud 's rud an seo gun iad ceangailte ri cheile.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh