Saoil am bi cothrom ann gus beagan e-foghlam fhaighinn tron darna-bheatha air loidhne aig an t-Sabhal Mhòr ‘mas fhìor’ san àm ri teachd? Tha grunn oilthigh a’ gabhail ùidh sa ghoireas seo. Gu ruige seo tha ‘second life’ air a bhith nochdadh sna meadhanan mar àite caran cunnartach a tha ag adbharachdh sgaradh-pòsaidh air sgath s adhaltranas ‘mas fhìor’ agus a leithid sin. A-nis ge-tà ma dh’fhaodte gum bi toradh feumail tighinn às a’ ghnothaich? Dè do bheachd, am biodh ‘an darna beatha’ deagh àite gus coimhearsnachd làn Gàidhlig a chur air dòigh? Cha robh mi a-riamh ann an ‘Darna Bheatha’, a bheil thusa ga chleachdadh?
Fàilte chridheil ort
Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann.
Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan!
Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach! Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh