'nuair a bha feum agaibh ann do cìochan a chumail am falach le do ghàirdean'
'Cha robh i air a bhith gu mòr an sàs san iomairt an aghaidh cumhachd niuclasach bhon uair sin ge-tà, chaidh i gu feadhainn de na choinneamhan ach bu bheag oirre an seòrsa gnìomhan a bha os cionn na h-iomairt. Chuir e dragh oirre dìreach cho macho ‘s a bha iad fhad ’s a bha iad a’ toirt a chreidsinn gur e coimhearsnachd eadar-dhealaichte air an robh iad ag amas. Bha adhbhar eile cuideachd, bha i air a bhith ann an trom ghaol le fear aca. Daibhidh, bha e daonnan air falbh bho Dùn Èideann aig coinneamhan nàiseanta agus eadar-nàiseanta no shìos aig Torness le na dìcheallaich eile. Ochd mìosan, bha e air fuirich san lobhta aice, uill bha sin ri ràdh gun do dh’ fhàg e a chuid aodaich san lobhta. Rinn ise a chuid nigheadaireachd, bheathaich i e, thug i iasad as dèidh iasaid airgid dha. Aon latha thàinig i dhachaigh tràth agus fhuair i Daibhidh an sàs ann an tè eile. Le sgian àrain na làimh fhuair e cuidhteas den coimhearsnachd eadar-dhealaichte. Bha Daibhidh shìos an t-sràid, a bhodhaig air a phasgadh ann an siota geal, coltais truagh aithreach air. Bha a chompanach na b’ fhortanaiche, mus do theich i fhuair i greim air a Jeans ach bha aice a ghàirdean a chur air a cìochan. Bha e a’ guidhe air Gillian a bhith reusanta.
‘Reusanta, amadan, tha mi air a bhith reusanta, tha thusa fhathast beò.’ Agus an uair sin thòisich i a’ tilgeil a-mach a fhaidhlichean agus a chuid leabhraichean agus litreachas. Thuit an stuth bu thruime bhon cheathramh làr ach bha pàipearan eile air fleòdradh gu slaodach air an oiteag mar confetti. An uair sin thòisich aodach a’ tuiteam gun t-sràid ach rinn i beagan obrach orra le siosaran mus do thuit iad. Thuit fras leantailean agus laigh mòran dhiubh air falt dubh fada Daibhidh. Bha sluagh mòr a-nis air taobh thall an rathaid ga brosnachadh a h-uile turas a thilg i bad aodaich a-mach agus bha iad sunndach ann a bhith èisteachd leis an òraid shiùbhlach phongail a lìbhrig i. ’S gann gun deach comasan mealltach adhaltranach am mìneachadh ann an leithid de shuidheachadh. Thuig Daibhidh nach biodh e gu mòran feum dha fuireach far an robh e agus dh’fhalbh e aig an dearbh mionaid a thoisich Gillian coltas a dhèanamh eadar meud a bhod agus a mhiann-adhartais poilitigeach. Bha aig Daibhidh agus a leannan ùr mìle gu leth tarsainn Dùn Èideann a choisich, ’s e astar mòr a bh’ ann nuair a bha feum agaibh ann do cìochan a chumail am falach le do ghàirdean. Thug sin cothrom dhan tè leth-rùisgte a co-dhùnadh fhèin a ruigsinn. '

Gheibhear tuilleadh ann an seo: Reul Chearbach Air Chuairt
'An leabhar làn sgudal a bha 'too racy' dhaibh? - latha craicte ann am baile aig iomall na Gàidhealtachd ann an 1986 agus àm Chernobyl.
Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh