Comhairle nan Leabhraichean

Tha Comhairle nan Leabhraichean air làrach-lìn ùr a chruthachadh

www.gaelicbooks.org

Chuir salachar coin dragh air cuideigin

'S e cuspair connspaideach a th'ann shìos ann am Baile nan Iasgairean. Chuala mi gum bi an fheadhainn aig a bheil coin gu math mì-thoilichte leis a' phìos sgrìobhaidh seo. Nochd an soidhne seo madainn Là na Sàbaid agus a dh'aindeoin usige trom tha e fhathast ann an-diugh. Am bi sin a' cur bacadh air an duais 'Blue Fag' (sic).

Tha e fhathast na thuradh ann an Inbhir Narann

Bhiodh beagan uisge feumail dhuinn ge-tà.

Cruaidh-chàs bìdh

Bha cothrom agam iris a leughadh an diugh. ’S e an NewStatesman a bh’ ann agus seo na thuirt iad:

‘ ’Se ironas air leth a th’ ann. Aig àm nuair a tha ceannardan an t-saoghail a’ cur an cèill dragh mòr mu dheidhinn stòrasan bìde a’ lughdachadh agus an cruaidh-chàs bìdh a tha air fàire, tha a riaghaltas againn a’ toirt a-steach ceuman gus cleachdadh connadh uaine (biofuels) a mheudachadh – ’s e poileasaidh a th’ann an siud a chuireas prìsean bìdh an àirde agus nithear droch stad daoine bochda an t-saoghal nas miosa.

Chan urrainnear àicheadh na tha connadh uaine a’ dèanamh. ’S e sin ri ràdh gu bheil e a’ toirt bìdh a-mach a beòil daoine a tha a’ fulang leis a’ ghoirt agus a tha ga thionndaidh gus a bhith ga losgadh sna einnseannan-càir luchd-caitheamh beartach an t-saoghail.’

Meal a naidheachd don phrìomh theaghlach Inbhir Narann

Nach math a rinn iad am bliadhna? Ceithir cloinne gu ruige seo agus fhathast leth-dusan uighean a’ faighinn teas. a-rèir eòlaichean shìos ann an sasainn tha an dà eala-bhàn seo mìos air thoiseach air na h-eòin ann an àite sam bith eile.
Brùth air gus dealbh nas motha fhaicinn.

Trafaig ann an Inbhir Narann

Uill ’s e dealbh o dhà mhìle taobh a-muigh Inbhir Narann a th’ann. Sin far am bidh thu na phàirt den chiudha ma thilleas tu bho Inbhir Nis eadar còig agus sia uairean feasgar.

Biadh a’ dol an gainnead

’S àbhaist don phrìomh shràid Inbhir Narann a bhith cho trang sna feasgaran ’s a tha i fad an latha. Bidh na daoine a tha a’ draibheadh sìos gus biadh-luath a cheannaich ag adhbharachadh sin. Ma bhios an t-acras ort tha tagadh anabarrach pailt agad ma bhios beagan airgid nad phòcaid. Ma choimhdeas tu air a h-uile càil a tha seo a’ tachairt a h-uile feasgar feumaidh mi aideachadh nach eil sgeul idir air seacadh anns an eaconamaidh, dhomhsa tha fhathast airgead gu leòr aig daoine gus a leithid suipear a cheannaich. Ma bhios duine sam bith a’ beachdachadh air biadh sa bhaile bidh iad a-mach air na bùthan mòra a tha airson àite fhaighinn sa bhaile agus gu h-àraidh Sainsburys. Chuir iadsan a-steach iarrtais dealbhaidh airson làrach air taobh an ear Inbhir Narann. Dè cho seasmhach ’s a tha an suidheachadh seo ge-tà?

Mhothaich mi gun deach prìs lofa suas bho £1.23 gu £1.36 an seachdain seo. ’S e àrdachadh de bharrachd air 10% a th’ ann an siud. Am bi àrdachadh eile ann an ath sheachdain? Sa bhliadhna a chaidh seachad chaidh a’ phrìs ruis suas 70% air a’ mhargaidh eadar-nàiseanta. Ann an ùine nach bi fada am bi airgead gu leòr againn gus biadh a cheannaich san dòigh àbhaisteach dhuinn?
Bha an Times a-mach air ciamar a tha Buidheann nan Dùthchannan Aonaichte airson Biadh agus Aiteachas iomagaineach air sgàth ’s gun do chlàr iad ùpraid co-cheangailte le biadh ann am Morocco. Mexico, Uzbekistan, Yemen, Guinea, Mauritanina agus Senegal. A-raoir chunnaic mi aithris air an telebhisean a sealltainn sabaid san Èiphit eadar am poileas agus luchd-obrach air stailc agus aon de na gearanan as motha a th’ aca? ’S e sin nach eil airgead gu leòr aca gus biadh a cheannaich. Fiù ’s anns na Stàitean Aonaichte tha 28,000,000 a’ cumail beò le taic bho stampaichean bhìdh.

Carson a tha a’ phrìs bhìd a’ sìor dol an àirde? Uill gu h-iongantach, ’s ann an iomairt ‘uaine’ a gheibh thu pàirt mhòr den choire. Thionndaidh mòran tuathanach san t-saoghal gu bàrr ‘connadh-uaine’, biofuels mar a chanas iad.
Am bidh feadhainn eile a’ faighinn bàis leis an t-acras gus cothrom a thoirt dhuinn ar cuid chàraichean a’ lìonadh le connadh-uaine?