Biadh a’ dol an gainnead

’S àbhaist don phrìomh shràid Inbhir Narann a bhith cho trang sna feasgaran ’s a tha i fad an latha. Bidh na daoine a tha a’ draibheadh sìos gus biadh-luath a cheannaich ag adhbharachadh sin. Ma bhios an t-acras ort tha tagadh anabarrach pailt agad ma bhios beagan airgid nad phòcaid. Ma choimhdeas tu air a h-uile càil a tha seo a’ tachairt a h-uile feasgar feumaidh mi aideachadh nach eil sgeul idir air seacadh anns an eaconamaidh, dhomhsa tha fhathast airgead gu leòr aig daoine gus a leithid suipear a cheannaich. Ma bhios duine sam bith a’ beachdachadh air biadh sa bhaile bidh iad a-mach air na bùthan mòra a tha airson àite fhaighinn sa bhaile agus gu h-àraidh Sainsburys. Chuir iadsan a-steach iarrtais dealbhaidh airson làrach air taobh an ear Inbhir Narann. Dè cho seasmhach ’s a tha an suidheachadh seo ge-tà?

Mhothaich mi gun deach prìs lofa suas bho £1.23 gu £1.36 an seachdain seo. ’S e àrdachadh de bharrachd air 10% a th’ ann an siud. Am bi àrdachadh eile ann an ath sheachdain? Sa bhliadhna a chaidh seachad chaidh a’ phrìs ruis suas 70% air a’ mhargaidh eadar-nàiseanta. Ann an ùine nach bi fada am bi airgead gu leòr againn gus biadh a cheannaich san dòigh àbhaisteach dhuinn?
Bha an Times a-mach air ciamar a tha Buidheann nan Dùthchannan Aonaichte airson Biadh agus Aiteachas iomagaineach air sgàth ’s gun do chlàr iad ùpraid co-cheangailte le biadh ann am Morocco. Mexico, Uzbekistan, Yemen, Guinea, Mauritanina agus Senegal. A-raoir chunnaic mi aithris air an telebhisean a sealltainn sabaid san Èiphit eadar am poileas agus luchd-obrach air stailc agus aon de na gearanan as motha a th’ aca? ’S e sin nach eil airgead gu leòr aca gus biadh a cheannaich. Fiù ’s anns na Stàitean Aonaichte tha 28,000,000 a’ cumail beò le taic bho stampaichean bhìdh.

Carson a tha a’ phrìs bhìd a’ sìor dol an àirde? Uill gu h-iongantach, ’s ann an iomairt ‘uaine’ a gheibh thu pàirt mhòr den choire. Thionndaidh mòran tuathanach san t-saoghal gu bàrr ‘connadh-uaine’, biofuels mar a chanas iad.
Am bidh feadhainn eile a’ faighinn bàis leis an t-acras gus cothrom a thoirt dhuinn ar cuid chàraichean a’ lìonadh le connadh-uaine?