Dà nobhail ùr

Tha toradh inntinneach eile tighinn às Ur-Sgeul’
Tha dà leabhar air fhoilleasachadh agus faodaidh tu gan ceannaich aig an
làraich-lìn aca. ’S iad Slaightearan le Tormod MacGill-Eain agus Cleas Sgàthain le Màiri Anna NicDhòmhnaill. Chuala mi gum bi CD’s ri fhaighinn cuideachd san Ògmhìos ach tha mu thràth clàraidh an àirde air an duilleig seo – dhomhsa, mar neach-ionnsachaidh ‘s e duilleag uabhasach fhèin feumail a th’ ann. Faodaidh tu èisteachd ris na guthan fhad ’s a tha thu a’ leughadh na teacsa. Tha aithisg bho Raghnall Macille-Dhuibh air nochdadh mu Slaightearan san Albannach – ‘An nobhail as fheàrr aig Tormod?
Agus seo
duilleag annasach eile aig Ur Sgeul, Chòrd i rium gu mòr.

Freagairtean:1

Aig 02:44 thuirt Blogger tearlach61...

Leugh mi An Slaighdearachd 's rinn mi lèirmheas air:
http://www.ur-sgeul.com/index.html?s=books&m=books&c=viewitem&lang=Gaidhlig&m=shop&item_id=28

Tha mi ag obrachadh tron leabhar eile. Feumaidh mi aideachadh gur e leabhar gu math a th'ann, gu tur eadar-dhealaichte a leabhar sam bith a leugh mi. Tha cuid mhòr dheth a'tachair anns na h-inntinn nan caracataran ach air a sàileamh tha e loma-làn de chainnt a bhiodh feumail do luchd-ionnsachaidh.

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh