Beàrn sa mhargadh?
Airson seirbhis eadar-theaganchaidh tatùs a-mhain? Seo rudeigin a leugh mi thall aig Fòram na Gàidhlig:
Hi there...I'm thinking about getting a t****o of Gaelic text and I have a few ideas of what I want but no idea how to translate them. Any help would be greatly appreciated.
"An Oliphant never forgets"
"Provide For All"
tha t****o sgrìobhte san dòigh sin air sgàth gu bheil e na facal mi-cheadaicte. Ma nochdas e làn air an fhòram bhiodh na h-innealan rannsachaidh ga mhothachadh agus a' cur mòran den leithid don fhòram.
Freagairtean:2
Cha do fhreagairt duine sam bith ris fhathast. Tha a h-uile duine ag iarraidh an eadar-theangachadh saor an asgaidh, saoilidh mi. Uill, ma bhios cus den seorsa teachdaireachdean ann, athrrachaidh sinn na riaghailtean 's cuiridh mi dhan sgudal iad. Cladh nan eadar-theangachadh...
Sin thu GC :-)
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh