Am bi nàimhdean na Gàidhlig a' toirt sùil air an t-sianal ùr?



Tha mise den bheachd gur e latha eachdraidheil a bh’ ann nuair a thàinig an cò-dhùnadh gum biodh sianal Gàidhlig air an telebhisean. Cha robh mi buileach a’ tuigsinn carson a bha buidhnean siud ‘s a seo a’ cur dàil air cùisean ach bha dleastanas aca a-rèir coltas gus mìn -sgrùdaidh a chur air cha mhòr a h-uile pàirt de mhionach a’ chreutair.

Tha sinn beò ann an suidheachadh far a bheil Gàidhlig fhathast a’ dol fodha gu math luath a dh’aindeoin a h-uile oidhirp a tha na buidhnean a tha an sàs leasachadh na Gàidhlig a’ dèanamh. A bharrachd air sin chan eil teagamh sam bith gu bheil deagh phuing aig Ruairidh MacIlleathain nuair a thuirt e san cholbh aige sa Chourier Inbhir Nis: ‘Chan fhada a bhios daoine a’ coimhead air na h-Eileanan mar “epicentre” na Gàidhlig mura dèan na h-eileanaich fhèin rudeigin ma dheidhinn.’

‘S ann mar sin a bhios an telebhisean uabhasach fhèin cudromach mar dòigh gus a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a chumail ceangailte ge b’ e air a’ Thìr Mhòr no anns na tha air fhàgail de na coimhearsnachdan traidiseanta a tha i.

Thathar a’ tuigsinn gum bi uallach aig an t-sianal ùr gus prògraman a chur an àirde airson luchd-ionnsachaidh. ‘S math sin air sgath gu bheil e follaiseach nach bi adhartas sam bith ann gun fada a bharrachd luchd-ionnsachaidh a’ faighinn piseach air an rathad gu fileantachd.

Bidh an sianal ùr tàmailteach gu nàimhdean na Gàidhlig gun teagamh sam bith agus bidh iadsan dripeil trang ann a bhith sgrìobhadh tuilleadh litrichean dha na pàipearan-naidheachd. Tha amharas agam ge-tà gum bi feum aca sùil a thoirt air an t-sianal gus rannsachadh a dhèanamh airson nan litrichean ud.
Tha dùil agam gum bi rudeigin eile a’ tachairt, tha mi den bheachd gu bheil a mhòr chuid den t-sluagh albannach a-nis bàidheil dhan Ghàidhlig agus bidh iad pròiseil às an t-sianal ùr agus bidh iad a’ gabhail ùidh sa phròiseact, gu h-àraidh ma bhios programan den leithid Eòrpa ri fhaicinn. Tha coltas ann gum bi an t-àireamh luchd-amhairc gu math iongantach. Bidh deagh thoradh tighinn às a seo airson a’ chànain, tha mi cinnteach às ach feumaidh sinn cumail nan cuimhne nach ann a-mhàin leis an t-sianal ùr a bhios Gàidhlig ga sàbhaileadh.

Freagairtean:1

Aig 15:41 thuirt Anonymous Anonymous...

Tha mi ag smuaineachadh gu bheil thu làn cheart, a Ghreisg

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh