Inbhe cànain
Ma leughas tu am Plana Nàiseanta nan Gàidhlig chì thu na tha aig amas Bòrd na Gàidhlig, thuirt iad:
Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s tha ìomhaigh fhiughaireachd don Ghàidhlig, agus bidh sinn ag iarraidh ìomhaigh agus seasamh na Gàidhlig àrdachadh far an gabh e dèanamh.
Shuidh mi air an trèana a-mach a Obar Dheathain Dihaoine agus bha e caran trang, nuair a stad e aig Dyce fhuair mòran luchd-siubhail eile air bòrd. Air taobh eile na trannsa bhuam bha ceithir duine òga beagan a bharrachd air fichead bliadhna a dh’aois. Bha iad air tilleadh bho chrann-ola agus bha iad a’ gabhail smùid, bha iad ann an deagh shunnd agus ged ’s a bha iad a’ dèanamh guidheachan cha robh iad mì-mhodhail.
Mar phàirt den chòmhradh a bh’ aca bha iad a-mach air duine a bha iad uile eòlach air. Rinn an duine seo beagan obrach air sgoil ghàidhlig Inbhir Nis. Dh’fhaighnich fear eile, 'A bheil an sgoil ghàidhlig fosgailte a-nis?’
Ma dh’fhaoidte gu robh iad coma mu dheidhinn Gàidhlig, ma dh’fhaoidte gu robh iad bàidheil dhan Chànan ach cha robh iad an aghaidh Gàidhlig, bha mi cinnteach às. Cha do togail gin aca guth an aghaidh na Sgoile no dad sam bith ceangailte rithe. A-nis, ’s e droch naidheachd a th’ ann an siud do na h-Ayatollas ‘Chan eil mi an aghaidh Gàidhlig ach’ a tha a’ dèanamh an dìcheall leis na litrichean aca. Do na balaich a chunnaic mi air an trèana cha robh anns an sgoil Ghàidhlig ach togalach a bha air ùr fhosgladh ann an Inbhir Nis, togalach a bh’ ann a thug cothrom cosnaidh do neach-togail a bha iad uile eòlach air. Fianais dhomhsa nach eil a’ Ghàidhlig a’ cur sian a dragh air a’ mhòr chuid.

Freagairtean:0
Sgrìobh do bharail fhèin
<< Dachaigh