Iomairt an aghaidh Gàidhlig ann an Gallaibh? A bheil Bòrd na Gàidhlig a' deanamh dad?

Tha an fhòram thall aig iomairtean Gàidhlig air a bhith trang an-diugh. Chaidh ceist na leanas a thogail.

‘m bheil beachd aig duine sam bith de bu chòir dhuinn dèanamh gus taic a chumail ri poileasaidh Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid soidhnichean Gàidhlig a chur suas air feadh na Gòdhealtachd (a' gabhail a-staigh Gallaibh)?’


Thàinig freagairt a-steach a tha a’ toirt iomradh air Bord na Gàidhlig.…

'Chan eil beachd sam bith agam, a bharrachd air a bhith a' cur rudeigin as na meadhanan mu ciamar a bha Gaidhlig beo ann an Gallaibh airson linntean, rud mar counter-propaganda, agus a bheil Bord na Gaidhlig a' deanamh seo, agus mur a h-eil, carson? Neo bu choir dhuinn iomairt a thoisicheadh gus boycott a dheanamh air a' Mhod ann an Inbhir-Theorsa, mur am bi iad ag atharrachadh na beachdan nimheil aca an aghaidh na Gaidhlig, ach cha deach mi riamh dhan mhod, agus mar sin, chan e mise an duine as fhearr airson sin a bhrosnachadh. Tha na beachdan aca a' tighinn bho aineolas is dith-thuigse, comhla ri grain-cinnidh, nach bu choir dhuinn na rudan seo a shoillearachadh dhaibh?'

Tha beachdan eile air nochdadh aig Iomàirtean Gàidhlig, ma bhios sibh nar ball de Yahoo faodaidh sibh ballrachd den bhuidheann sin a thoirt a-mach.