No Bob Dylan mar a chanas iad uaireannan. Co-dhiù, a-rèir Scotland on Sunday rinn Rody Gorman eadar-theangachadh air grunn oran Dylan. Chuir cudeigin iomradh air sin air iomairtean Gàidhlig thall aig buidhinn Yahoo. Greis às dèidh sin thàinig beachd a-steach a tha caran conspaideachd. Fhuair mi cead bhon sgriobhadair gus a’ bheachd a tha sin a chur air mo bhlòg agus seo e:
'Re: [Iomairtean_Gaidhlig] Bob Dylan sa Ghaidhlig
Dà chorrag an àird -- no sìos an amhaich -- hiùùùaidh- do sin.
Eadar-theangachaidhean a-rithist.
Ceist: Carson, ma tha iad cho clever, nach b' urrainn dhaibh deagh òran blues a sgrìobhadh sa Ghàidhlig? Oran a leigeadh le deagh sheinneadairean bhlues Gàidhealach (tha fios gu bheil iad ann) beagan h-ùitidh-cù a dhèanamh?
Agus carson nach b' urrainn dhaibh modhanan a tha dà-rìreabh ùr a leasachadh?
Freagairt: Tha a h-uile ni 'cruthachail' a bhios daoine a' dèanamh sa Ghàidhlig steidhichte air a' Bheurla. Cha sheas bàrdachd ùr gun eadar-theangachaidhean Beurla ri taobh. Chan eil Gàidhlig aig luchd ionnsachaidh ach anns an inntinn, chan ann air feadh na bodhaig. Agus chan e daoine le Gàidhlig a bhios a' ceannachd stuthan 'Gàidhlig' co-dhiù ach truaghanan bochd a bhios a' leantainn fasain. Dar a thig atharrachadh air fasan, thig am malairt gu crioch.
"Ancient language" gu dearbh. Ancient clichés. Cauld cac het up, a-rithist is a-rithist.
Carson a tha sin? Carson a daoine cho acrach air sgudal is cac is stuthan caithte?
Chan eil iad dà-rìreabh acrach air cac ach sin am biadhadh is àbhaisteach dhaibh. 'S e tha iad acrach air ach cliù. Sin an aisling Sasannach/Amaraganach. Feumas cliù a bhith ann do dhaoine no cothrom air nan inntinn co-dhiù agus ni iad rud sam bith. Feumas e bhith saor agus feumas e bhith suarach.
Seall! Tha sinn a' biadhadh daoine air burgars gan dèanamh le feòil a thàinig a crodh a chaidh am biadhadh le eanchainn is le greallaich chrodh eile. Nach clever sin?
Chan e. 'S e adhbhar iomadach galar nach fhaca sinn riamh roimhe. Bàà-óó ars a bhò agus i air chuthach ùr.'
Uill, ged ’s a tha mi air a bhith a’ dèanamh eadar-theangachaidh bho àm gu àm air stuth beurlach neònach (ach cha bhiodh sin dhan aon ìre phongail a tha aig Rody Gorman) tha mi ag aontachadh le mòran den bheachd ud a bha ri fhaighinn aig Yahoo. Tha Gàidhlig beò agus tha i pàirt den t-saoghal a th’ againn an-diugh agus aig an aon àm tha i air a bhith aig iomall a h-uile càil o chionn fhada agus leis a sin tha i tarraingeach dhomhsa. Chan eil i a’ chànan a tha a’ phutadh a h-uile càil cracte air adhart gu leir-sgrios a h-uile creutair agus gnè, 's e sin an t-àite a tha aig a’ bheurla. Ma dh’fhaoidte gur e duine cracte a th’ annamsa ach tha Gàidhlig mar phàirt de ‘antidote’ phearsanta an aghaidh a h-uile càil a tha sin. Chan eil ann an Gàidhlig ach aon den 7,000 cànanan a tha fhathast beò san t-saoghal agus a rèir na h-eòlaichean tha aon den chànanan ud a’ bàsachadh a h-uile seachainn.
Ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig tha mi an dòchas gum bi mi a’ sabaid an aghaidh a’ chinn-uidhe leir-sgrìos a tha sin. A bharrachd air sin tha mi a’ ceannach uighean raon-saor agus chan eil car agam. Tha mi ag èisteachd ri Runrig agus Bob Dylan
Tha na h-amannan ag atharrachadh.
Bi mi air falbh airson greis a-nis, chì mi ann an cola-deug sibh. Tìoraidh
PS Ma tha beachd agad, carson nach cuir e a-steach thall aig iomairtean Gàidhlig no tòisich do bhlòg fhèin sa Gàidhlig. Carson nach tèid an aghaidh an t-sruth, chan eil ach do làmh a chur air ràmh didsiotach. Ma sgrìobhas tu e, leughaidh mi e agus ma dh' fhaoidte gum bi feadhainn eile a tha a' crochadh air a h-uile ceàrn den choimhearsnachd Ghàidhlig 'mas fhìor' a' toirt sùil air .