Tuilleadh air Dylan agus cuspairean eile

Cha robh a h-uile duine air an dòigh glan nuair a rinn Rody Gorman eadar-theangachadh de fheadhainn de na h-òrain aig Bob Dylan. Bha mi a-mach air an deasbaid a chunnaic mi air Iomairtean gàidhlig aig Yahoo ann a sheo. sgrìobh cuideigin freagairt air a sin agus abair thusa gur e pìos pongail a th’ ann. Seo na thuirt ‘sruth a ' chamais’:

‘Tha mi ag smuaineachadh go bhuil a' Ghàidhlig fairsing go leur mu choinneamh Raibeart agus stuth ur.Tha canan coltach re cuan, tha e coma cu mheud bataichean a tha air, se cuan fhathast a th'ann.’

Sin thu fhèin Sruth ’s e beachd pongail feumail a th’ ann an siud. Tha mi an dòchas gum bi thusa a’ sgrìobhadh tuilleadh ann a sheo, an taca ris an sgudail a tha mise a’ cruthachadh ’s e ionmhas air leth a th’ ann. Co dhiù tàlant ann no às bidh mise a’ cumail a’ dol. A-nis seo blas den chuid obrach aig Rody còir.

‘Ma thachras tu oirre fhèin, thoir mo bheannachd dhi.
Tha i an Inbhir Nis a-nis fhad ‘s as fhiosrach mi.
Can gu bheil mi dòigheil ach air uairean rud beag mall.
Na can nach d’rinn mi dearmad oirre fhèin mu dheireadh thall.’


Saoilidh mi gum biodh am fonn a tha sin a’ bhualadh oirbh na b’ fhurasta ma choimheadas sibh air a’ bheurla

If you see her, say hello, she might be in Tangier
She left here last early spring, is livin' there, I hear
Say for me that I'm all right though things get kind of slow
She might think that I've forgotten her, don't tell her it isn't so.

Uill dè ur beachd air a sin? Carson nach toir sùil air a h-uile càil a rinn Rody, tha e ri fhaighinn ann an cruth PDF air an làrach seo. Gheibh thu mìneachadh air a h-uile òran a rinn e eadar-theangachadh air.


Fòram na Gàidhlig

Chaidh Fòram na Gàidhlig fodha a-rèir coltais agus tha feadhainn a bha air am beò-ghlacadh leis a’ bhad den eadar-lìn sin ga ionndrainn gu mòr, mòr. Uill cruthaich tè dhiubh, tè a tha a’ dol ris an fhar-ainm ‘Gun Chleoc’ Fòram ùr. Ma bhios sibhse aon de na truaghanan a tha air a bhith bonn os cionn bhon a chaidh làrach ur gràidh fodha seo cothrom eile gus fear eile a thòiseachadh. Agus seo beagan deasbaid air dè thachair don Fhòram ud.

Bhideo
Thachair mi air bhideo sa Ghaeilge an-diugh. An Fiach Dubh. Chuir e nam chuimhne ‘Alasdair Fitheach ’ aig a bheil ùidh sna eòin ud ann an LA. Tha a bhlog air a bhith samhach o chionn greis ach thuirt e dhomh gur e anns a bheachd cha chreid e nach eil beagan brosnachaidh air faire mu dheireadh thall.


Sin agad e bhuamsa a nochd, bidh mi air ais aig an aon àm a-màireach nuair a thilleas mi bhon chiudha aig a’ bhanca.

Freagairtean:1

Aig 11:37 thuirt Anonymous Anonymous...

Tapadh leibh, a Ghràisc. Tha mi ag smaoineachadh go bhuil thu ag cur fàilte orm.
Tha mi an dòchas gu bi mi ag sgrìobhachadh an-seo nas motha as nas motha

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh