Tuilleadh ùidh eadar-nàiseanta anns a’ Ghàidhlig

Tha mi dìreach a’ tighinn bho sùil a thoirt air dà bhlog a tha air leth inntinneach. Tha iad a’ sealltainn dhuinn dìreach cho fad ‘s farsaing sa tha ùidh sa Ghàidhlig bho taobh a-muigh na h-Alba.
Tha Rikki air blog a thòiseachadh airson an feadhainn aig a bheil fraingis agus a tha airson beagan Ghàidhlig a thogail. Mar a thuirt e sa chànain eile. ‘Voici un blog pour les francophones qui apprendre le Gaélique écossais. Carson nach toirt sùil air a bhlog gus beagan bhrosnachadh a thoirt dha, gu h-àraidh ma tha beagan fraingis agad? Seo e: Gaélique pour les Francophones.

Tha blog eile ri fhaicinn a-nis agus tha am fear seo sgrìobhte ann an Catalan. El món gaélic – Saoghal na Gàidhlig. Agus a-rèir am blog seo bidh sibh faighinn a-mach mu dheidhinn:
Una mirada al món gaèlic: Aquesta weblog, és un esforç per donar a conèixer, en llengua catalana, aspectes de la cultura gaèlica d'Irlanda, Escòcia i l'Illa de Man.

Ma dh’fhaoidte nach bi ùidh aig a h-uile daoine ann an Alba sa Ghàidhlig ach gu h-àraidh tha na h-àireamhan de luchd-ionnsachaidh taobh a muigh na dùthcha a sìor dol am meud.

Freagairtean:1

Aig 19:42 thuirt Anonymous Anonymous...

merci bien, copain.

Tapadh leibh, a charaid.

Is toigh leam Fraingeis

 

Sgrìobh do bharail fhèin

<< Dachaigh